Am Plana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh: Sgrìobhainn Chochomhairleachaidh
This consultation covers the content of the national Good Food Nation Plan. It seeks views on the Outcomes; ways of measuring progress; and how different groups envision life in a Good Food Nation. It also seeks views on specified functions. This is a Gaelic translation of the consultation.
Pàirt B: Co-chomhairleachadh air dleastanasan sònraichte a thaobh a’ Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
Mìneachadh air dleastanasan sònraichte
Bidh dleastanasan sònraichte a’ sealltainn do Mhinistearan cuin a dh’fheumas iad ealla a ghabhail ri raointean poileasaidh sònraichte nuair a tha iad ri obair an riaghaltais. A thaobh an raoin seo, bidh e mar uallach laghail air Ministearan na h-Alba ealla a ghabhail ris a’ Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh nuair a tha iad ri obair riaghaltais sam bith a tha air a comharrachadh mar dhleastanas sònraichte. Mar sin, thèid dleastanasan sònraichte a chleachdadh gus am Plana a chur an gnìomh, agus le dleastanasan sònraichte nithear cinnteach gum beachdaich Ministearan na h-Alba air a’ bhuaidh a bheir na nì iad air poileasaidhean co-cheangailte ri biadh san àm ri thighinn.
Thèid na dleastanasan sònraichte airson na h-Achd airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh (Alba) 2022 a chur an cèill ann an dàrnach reachdas. Bidh dàrnach reachdas a’ toirt barrachd fiosrachaidh seachad air mar a dh’obraicheas laghan a thèid aontachadh leis a’ Phàrlamaid. Tha sinn an dùil an dàrnach reachdas seo a thoirt a-steach mus tèid an tionndadh mu dheireadh dhen Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh fhoillseachadh.
Carson a dh’fheumas dleastanasan sònraichte a bhith ann?
Tha e nas fhasa do Mhinistearan na h-Alba, le dleastanasan sònraichte, fios a bhith aca air cuin a dh’fheumas iad ealla a ghabhail ris a’ Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Tha seo nas fheàrr na dìreach dleastanas farsaing a bhith ann gus ealla a ghabhail ris a’ Phlana, oir tha raon nam poileasaidhean bìdh gu math farsaing agus mura h-eil dleastanasan sònraichte ann dh’fhaodadh cunnart a bhith ann nach deigheadh beachdachadh air cuid a raointean obrach an riaghaltais a bhuineas ri biadh.
Ciamar a thèid na dleastanasan sònraichte a chur an cèill?
Gabhaidh dleastanasan sònraichte a chur an cèill ann an diofar dhòighean. Faodaidh iad a bhith gu math mionaideach – agus iad a’ toirt iomradh air earrainnean sònraichte de reachdas – no faodaidh iad tuairisgeul a thoirt air gnìomh no amas a th’ aig an riaghaltas. Tha sinn air dleastanasan a stèidheachadh a tha freagarrach airson na tha a dhìth agus mu choinneimh cheann-uidhe sònraichte agus sinn air an dà chuid dleastanasan a stèidheachadh sa bheil iomradh air reachdas sònraichte agus feadhainn le tuairisgeul air gnìomhan no amasan.
Carson a tha sinn a’ sireadh bheachdan air na dleastanasan sònraichte?
Chithear gu h-ìosal liosta de na dleastanasan sònraichte a tha sinn an dùil a chur an cèill ann an dàrnach reachdas. Seach gu bheil poileasaidhean co-cheangailte ri biadh a’ gabhail a-steach farsaingeachd de chuspairean, bu toil leinn ur beachdan a chluinntinn gus dèanamh cinnteach gu bheil gach raon is cuspair buntainneach air an gabhail a-steach. Gabhaidh na dleastanasan sònraichte ùrachadh san àm ri teachd, agus ma thachras sin cumaidh Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh eile.
Airson a’ cho-chomhairleachaidh seo, tha sinn air na dleastanasan sònraichte a cheangal ris na sia Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Ge-tà, tha e cudromach cuimhneachadh gum bi tòrr de na dleastanasan ceangailte ri barrachd air aon Bhuil. Tha e buailteach gum bi a’ chainnt a thathar a’ cleachdadh airson nan dleastanasan sònraichte eadar-dhealaichte san sgrìobhainn laghail dheireannaich an coimeas ris na chithear gu h-ìosal.
Liosta nan dleastanasan sònraichte
Chithear gu h-ìosal liosta de na dleastanasan a bhuineas ri tuairisgeul sònraichte agus de na dleastanasan sònraichte taobh a-staigh reachdas a th’ ann an-dràsta.
Buil 1: Tha a h-uile duine ann an Alba ag ithe biadh math agus tha cothrom gu cunbhalach aca air biadh a tha sàbhailte, sa bheil mathas, aig prìs reusanta, a tha seasmhach, agus freagarrach a thaobh aois is cultar dhaoine.
Dleastanasan a bhuineas ri tuairisgeul sònraichte:
- A’ toirt seachad biadh ann an sgoiltean; seirbheis slàinte is cùraim-shòisealta; prìosain; agus àiteachan-obrach poblach eile a’ gabhail a-steach: a bhith a’ beachdachadh air solarachadh co-cheangailte ri biadh; agus a’ lùghdachadh agus a’ faighinn cuidhteas de sgudal bìdh.
- A’ toirt taic ionmhasail seachad; taic le slàinte-inntinn; agus taic do choimhearsnachdan gus lùghdachadh a thoirt air neo-thèarainteachd bìdh agus neo-ionannachd shòiseo-eaconamach a thaobh biadh
- A’ foillseachadh stiùireadh air mathas freagarrach ann am biadh is deochan airson gach raon-aoise
- A’ foillseachadh stiùireadh air bainne a’ bhotail airson leanabh agus dàrna bainne a’ bhotail
- A’ toirt stiùireadh no taic seachad airson shuidheachaidhean nuair a bhios mòr-ghainnead bìdh ann no airson shuidheachaidhean-èiginn catharra no cunnartan a bheireadh buaidh air solar a’ bhìdh
- A’ toirt foghlam bìdh seachad tron Churraicealam airson Sàr-mhathais agus tro phròiseactan foghlaim co-cheangailte ri biadh a tha a’ toirt fiosrachadh seachad air toraidheachd bìdh; cothroman dreuchdail; buaidh an t-siostaim-bìdh air an àrainneachd, slàinte, an eaconamaidh agus gu h-eadar-nàiseanta; luach cultarach a’ bhìdh
Dleastanasan a th’ ann An-dràsta taobh a-staigh Reachdais:
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo earrainnean 56A, 56C, 56E de dh’Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo Achd a’ Bhìdh (Alba) 2015
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo Achd nan Sgoiltean (A’ Cur Slàinte air Adhart is Beathachadh) (Alba) 2007
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo earrainn 13 de dh’Achd an Taigheadais (Alba) 2006
- Òrdugh 1990 airson na h-Achd airson Sàbhailteachd Bìdh (Atharraichean a Nithear) (Alba) 1990
Buil 2: Tha siostam bìdh na h-Alba seasmhach agus tha e a’ cur taic ri àrainneachd nàdarra fhàsmhor. Tha e a’ cur taic ri ar n-amasan a thaobh cothromachadh-carboin agus tha àite cudromach aige ann a bhith a’ cur dìon air agus a’ toirt piseach air math bheathaichean agus a bhith ag ath-stèidheachadh is ag ùrachadh bith-iomadachd.
Dleastanasan a bhuineas ri tuairisgeul sònraichte:
- A’ foillseachadh stiùireadh, ro-innleachdan is phlanaichean co-cheangailte ri mar a thèid biadh na mara a ghlacadh, a bhuain, a ghiullachd is a sgaoileadh, agus co-cheangailte ri ana-caitheamh biadh na mara
- A’ beachdachadh air a’ bhuaidh a th’ aig agus na cothroman a tha an lùib Prògram Ath-leasachadh an Àiteachais agus a’ toirt taic-airgid seachad
- A’ beachdachadh air slatan-tomhais airson math bheathaichean ann an roinn toraidheachd a’ bhìdh, agus an lùib mhodhan-giùlain airson bheathaichean beò, agus an lùib mhodhan-spadaidh
- A’ beachdachadh air a’ bhuaidh (a’ gabhail a-steach obair lasachaidh is fhreagrachaidh a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde agus a’ cur stad air mar a tha bith-iomadachd a’ crìonadh agus ga h-ath-nuadhachadh) a th’ aig toraidheachd bìdh air an àrainneachd, agus tha toraidheachd bìdh a’ gabhail a-steach a’ glacadh, ag àrach, a’ fàs agus a’ buain nithean a bheir biadh dhuinn
- A’ beachdachadh air a’ bhuaidh (a’ gabhail a-steach obair lasachaidh is fhreagrachaidh a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde agus a’ cur stad air mar a tha bith-iomadachd a’ crìonadh agus ga h-ath-nuadhachadh) a th’ aig an obair co-cheangailte ri bhith ag giullachd is a’ sgaoileadh biadh air an àrainneachd
- A’ beachdachadh air a’ bhuaidh air an àrainneachd (a’ gabhail a-steach obair lasachaidh is fhreagrachaidh a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde agus a’ cur stad air mar a tha bith-iomadachd a’ crìonadh agus ga h-ath-nuadhachadh) nuair a thathar ag obair gus rian a chumail air ana-caitheamh bìdh
- A’ beachdachadh air a’ bhuaidh a th’ aig, agus na cothroman a tha an lùib, mar a thèid fearann a chleachdadh agus a stiùireadh airson thoraidhean bìdh
- A’ toirt stuthan oideachaidh is comhairle mu shiostam bìdh seasmhach do luchd-toraidh, luchd-giullachd agus luchd-ceannaich bìdh
- A’ cruinneachadh dàta mun t-siostam-sholair airson biadh-àiteachais agus mu obair àiteachais, agus a’ beachdachadh air an dàta sin gus cuideachadh le bhith a’ measadh adhartas leis na builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
- A’ riaghladh mar a thèid inbhean organach a chur an gnìomh airson toraidheachd-bìdh
Dleastanasan a th’ ann An-dràsta taobh a-staigh Reachdais:
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo earrainn 45C de dh’Achd Dìon na h-Àrainneachd 1990
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo earrainnean 8, 14, 15, 17 de dh’Achd an Àiteachais (Laghan AO a Chumadh is Dàta) (Alba) 2020
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo earrainn 44 de dh’Achd Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) 2016
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo earrainn 13 dhen Achd airson an RA a bhith a’ Fàgail an Aonaidh Eòrpaich (Leantainneachd) (Alba) 2021
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo earrainnean 23, 28, 29 de Phàipear-taice 1 de dh’Achd nam Measaidhean Àrainneachd (Alba) 2005
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fon Achd airson Slàinte is Math Bheathaichean (Alba) 2006
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo Achd Ath-leasachadh nam Modhan-solarachaidh (Alba) 2014
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo earrainn 2 dhen Achd airson Glèidhteachas Nàdair (Alba) 2004
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo earrainnean 17, 24 de dh’Achd Atharrachadh na Gnàth-shìde (Targaidean gus Sgaoilidhean a Lùghdachadh) (Alba) 2019
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo earrainn 54 de dh’Achd an Tuathanachais Uisge is an Iasgaich (Alba) 2013
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo earrainn 56E de dh’Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo earrainn 19C de dh’Achd nan Croitearan (Alba) 1993
Buil 3: Tha siostam bìdh na h-Alba a’ toirt brosnachadh is taic dhan t-sluagh a bhith fallainn nam bodhaig is nan inntinn, agus mar thoradh air sin thig lùghdachadh air euslaintean co-cheangailte ri biadh is daithead.
Dleastanasan a bhuineas ri tuairisgeul sònraichte:
- An dleastanas a th’ air Ministearan na h-Alba gus dìon a chur air slàinte a’ phobaill a thaobh euslaintean co-cheangailte ri daithead
- A’ foillseachadh stiùireadh, ro-innleachdan is phlanaichean co-cheangailte ri daithead is slàinte
- A’ bhuaidh a th’ aig co-dhùnaidhean co-cheangailte ri planadh air na th’ ann de dh’àiteachan far am faighear biadh agus air an t-seòrsa àiteachan a tha a’ reic biadh
- A’ beachdachadh air a’ bhuaidh a th’ aig iomairtean margaidheachd bìdh is iomairtean reic bìdh air slàinte a’ phobaill
- Mar as urrainn do chùisean co-cheangailte ri biadh buaidh a thoirt air slàinte-inntinn agus math dhaoine
Dleastanasan a th’ ann An-dràsta taobh a-staigh Reachdais:
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo Achd a’ Bhìdh (Alba) 2015
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo Achd nan Sgoiltean (A’ Cur Slàinte air Adhart is Beathachadh) (Alba) 2007
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo Achd Ath-leasachadh nam Modhan-solarachaidh (Alba) 2014
Buil 4: Tha ar roinn bìdh is dheochan a’ soirbheachadh, eadar-mheasgaichte, innleachdach, agus glè chudromach do mhath eaconamach is sòisealta na dùthcha aig ìre nàiseanta is ionadail. Tha i aig teis-meadhan na h-iomairt gus Alba a stèidheachadh mar dhùthaich a tha tèarainte is làidir a thaobh biadh, agus tha i a’ cruthachadh is a’ cumail taic ri obraichean is gnothachasan anns a bheil inbhean-obrach cothromach gan cur an sàs.
Dleastanasan a bhuineas ri tuairisgeul sònraichte:
- A’ bhuaidh a th’ aig co-dhùnaidhean co-cheangailte ri planadh air na th’ ann de dh’fhearann a tha ri fhaotainn air an gabhadh tòrr bìdh fhàs (me, fearann àiteachais glè thorrach), agus air far a bheil goireasan giullachd-bìdh stèidhichte
- A’ cur inbhean-obrach cothromach an sàs nuair a thathar a’ toirt biadh seachad ann an sgoiltean, ospadalan, prìosain, dachaighean-cùraim, agus àiteachan-obrach poblach eile
- A’ foillseachadh stiùireadh airson na roinne-gnothachais co-cheangailte ri biadh
- A’ toirt taic ionmhasail agus neo-ionmhasail do roinnean-gnothachais co-cheangailte ri biadh
- A’ toirt seachad stiùireadh is taic, a thaobh innleachdas, dhan roinn-ghnothachais co-cheangailte ri biadh
Dleastanasan a th’ ann An-dràsta taobh a-staigh Reachdais:
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo earrainn 137 dhen Achd airson Cumhachd do Choimhearsnachdan (Alba) 2015
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo earrainnean 53, 53A agus 56A de dh’Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980
- Nuair a thathar a’ coileanadh dhleastanasan fo earrainn 29 de dh’Achd an Riaghaltais Ionadail ann an Alba 2003
Buil 5: Tha cultar bìdh brìoghmhor aig Alba agus sluagh againn aig a bheil ùidh ann am, agus a tha air an oideachadh a thaobh, biadh math is seasmhach.
Dleastanasan a bhuineas ri tuairisgeul sònraichte:
- A’ toirt stiùireadh do dh’ùghdarrasan ionadail air ro-innleachdan airson a bhith a’ cur is a’ fàs biadh, a thaobh lotaichean-gàrraidh; fearann fo shealbh choimhearsnachdan; a’ faighinn cuidhteas de sgudal; agus na nithear le toraidhean a bharrachd, me bho lotaichean-gàrraidh
- A’ lìbhrigeadh foghlam bìdh
- A’ toirt ghoireasan airson sgilean a leasachadh is trèanadh do luchd-toraidh bìdh, agus do dhaoine eile a tha ag obair ann an roinn a’ bhìdh is nan deochan
- A’ cur an dreuchd agus a’ stèidheachadh raon-ùghdarrais a’ Chòcaire Nàiseanta
- A’ cur biadh is dheochan air adhart an lùib turasachd
Buil 6: Tha cliù eadar-nàiseanta aig Alba airson biadh fìor mhath agus tha sinn airson cur ris a’ chliù sin. Tha co-dhùnaidhean a nì sinn ann an Alba a’ cuideachadh gus cruth-atharrachadh a thoirt air siostaman bìdh ionadail agus cruinneil. Tha sinn a’ co-phàirteachadh ar sàr dhòighean-obrach agus ag ionnsachadh mu na sàr dhòighean-obrach aig càch gu h-eadar-nàiseanta.
Dleastanasan a bhuineas ri tuairisgeul sònraichte:
- A’ beachdachadh air cùisean co-cheangailte ri biadh nuair a thathar a’ dealbh agus a’ cur phoileasaidhean malairt an sàs
- A’ cur air adhart biadh aig a bheil teisteanas ‘malairt chothromach’
- A’ cur air dòigh cothroman gus tadhal air fèilltean eadar-nàiseanta co-cheangailte ri biadh
Ceist 19
Am biodh sibh cho math innse dhuinn ma tha dleastanas sam bith ann a bhuineas ri tuairisgeul sònraichte a bu chòir a bhith san liosta, agus nach eil, no a bheil dleastanas sònraichte buntainneach ann a bu chòir a bhith ann?
Ceist 20
Carson a tha sibh a’ smaoineachadh gum bu chòir na dleastanasan sònraichte sin/na dleastanasan a bhuineas ri tuairisgeul sònraichte sin a bhith san liosta?
Contact
Email: goodfoodnation@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback