Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean

Co-chomhairleachadh air Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean.

Consultation on the National Islands Plan and Guidance on Island Communities Impact Assessments (Gaelic Version).


Facal-tòiseachaidh Ministireil

Paul Wheelhouse - Ministear airson Cumhachd, Comas-ceangail agus na h-Eileanan

Tha e na thlachd mhòr dhomh iarraidh oirbh cuir ris a’ phròiseas co-chomhairleachaidh cudromach agus eachdraidheil seo. Cuidichidh ur beachdan sinn gus susbaint a chruthachadh airson a’ chiad Plana Nàiseanta nan Eilean agus Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean ann an Alba.

Tha mi air leth moiteil a bhith a’ stiùireadh an obair seo. Tha ar n-eileanan nan àiteachan mìorbhaileach a bhith a’ fuireach, a bhith nad oileanach agus a bhith nad neach-turais. Tha luach mhòr aig gach eilean, agus tha iad uile a’ cur mòran ri Alba air fad a thaobh cultar, fàs eaconomach, solarachadh cumhachd agus tarraingeachd do luchd-turais eadar-nàiseanta. A bharrachd air seo, tha an sluagh a tha a’ fuireach nar coimhearsnachdan sna h-eileanan iad fhèin mar mhaoin sònraichte. Tha ar n-eileanaich tàlantach agus làn spionnadh iomairteach. Ach, tha mi ag aithneachadh gu bheil dùbhlain ann – gu h-àraidh mun cuairt air mothachadh gu bheil iad iomallach. ’S ann airson na h-adhbhar seo a tha sinn a’ sireadh ur beachdan air mar as urrainn dhuinn Plana Nàiseanta nan Eilean a leasachadh agus a lìonadh – airson ar coimhearsnachdan sna h-eileanan a chuideachadh a bhith beò agus fallain.

Tha na dùbhlain a tha mu choinneamh na h-eileanan ag àrdachadh am mòr-mheas a th’ agam airson tapaidheachd agus spionnadh nan eileanaich agus tha mi gu daingeann a’ creidsinn gu bheil leasachadh a’ chiad Plana Nàiseanta nan Eilean a’ riochdachadh fìor chothrom cruth a thoirt dha ar n-àm ri teachd. Tha dualchas, cruthan-tìre agus iomadachd a thaobh bith-eòlas air tìr agus aig muir gu math sònraichte aig ar n-eileanan agus tha na feumalachdan airson na stòrasan luachmhor seo a ghlèidheadh agus a leasachadh aig bunait ar slighe air adhart. 

Tha mi airson gum bi Plana Nàiseanta nan Eilean àrd-amasach, a mhìnicheas lèirsinn airson an fhad-ùine air na dh’fhaodas ar n-eileanan dèanamh agus gus dèanamh cinnteach gu bheil tèarainteachd leantainneach aig na rudan sònraichte mu dheidhin ar n-eileanan agus gun lean am beairteas agus soirbheas. 

Tha mi a’ coimhead air adhart ri ur beachdan a chluinntinn agus tha mi airson taing a thoirt dhuibh pàirt a ghabhail sa phròiseas chudromach seo.

Paul Wheelhouse
Ministear airson Cumhachd, Comas-ceangail agus na h-Eileanan

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top