Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean
Co-chomhairleachadh air Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean.
Consultation on the National Islands Plan and Guidance on Island Communities Impact Assessments (Gaelic Version).
A’ freagairt ris a’ cho-chomhairleachadh seo
38. Faodaidh tu freagairt a chuir thugainn a’ cleachdadh làrach-lìn co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba, Citizen Space aig https://consult.gov.scot/agriculture-and-ruralcommunities/national-islands-plan. Faodaidh tu do fhreagairt a shàbhaladh agus tilleadh thuige cho fad ’s a tha an co-chomhairleachadh fhathast fosgailte.
39. Mura bheil e comasach dhut freagairt a chuir thugainn air loidhne a’ cleachdadh Citizen Space, faodaidh tu freagairt a chuir thugainn tro phost-d no tron phost; còmhla ris am Foirm Fiosrachaidh Neach-freagairt (Leas-phàipear A) agus do fhreagairt (Leas-phàipear B). Cuir thugainn do fhreagairt agus d’ fhoirm don seòladh sònraichte againn: info@islandsteam.scot. Neo, faodaidh tu freagairt a chuir thugainn aig: Sgioba nan Eilean, Co-chomhairleachadh, Riaghaltas na h-Alba, Àiteachas agus an Eaconomaidh Dùthchail, Togalaichean an Riaghaltais, Tankerness Lane, Kirkwall, KW15 1AQ. Dèan cinnteach gum faigh sinn freagairtean sam bith ron cheann-là dùnaidh (06 Iuchar 2019).
Contact
Email: info@islandsteam.scot
There is a problem
Thanks for your feedback