Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean
Co-chomhairleachadh air Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean.
Consultation on the National Islands Plan and Guidance on Island Communities Impact Assessments (Gaelic Version).
Pròiseas co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba
40. Tha co-chomhairleachadh mar phàirt riatanach den phròiseas poileasaichean a chruthachadh. Tha e a’ toirt dhuinn an cothrom do bheachdan agus eòlas a thoirt dhuinn air raon-obrach air a bheil sinn an dùil beachdachadh. Faodaidh tu na co-chomhairleachaidhean againn uile a leughadh aig http://consult.gov.scot.
41. Thèid freagairtean an sgrùdadh agus air an cleachdadh mar phàirt den phròiseas gus co-dhùnaidhean a ruighinn, a bharrachd air raon de dh’fhiosrachadh agus fianais eile. Foillsichidh sinn aithisg air an anailis seo airson gach co-chomhairleachadh. A-rèir an seòrsa co-chomhairleachadh a th’ ann, faodaidh freagairtean a gheibh sinn:
- innse dhuinn gu bheil feum air poileasaidh a leasachadh no ath-sgrùdadh
- cuideachadh le leasachadhp poileasaidh air choireigin
- cuideachadh gus co-dhùnaidhean a ruighinn eadar diofar molaidhean a thaobh poileasaidh
- cuideachadh airson reachdas ullachadh mus tèid a chur an gnìomh.
42. Ged a tha fiosrachadh a fheibh sinn ann am freagairt ri co-chomhairleachadh feumail ann a bhith a’ toirt buaidh air pròiseas poileasaidh, chan urrainn dha freagairtean ri co-chomhairleachadh cùisean agus beachdan fa-leth aithneachadh agus a chuideachadh. Bu chòir na cùisean agus beachdan seo a chur don bhuidheann poblach buntainneach.
Contact
Email: info@islandsteam.scot
There is a problem
Thanks for your feedback