Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean
Co-chomhairleachadh air Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean.
Consultation on the National Islands Plan and Guidance on Island Communities Impact Assessments (Gaelic Version).
Ro-ràdh
1. Chaidh Aonta Rìoghail a chur ri Achd nan Eilean (Alba) 2018 san Iuchar leis a’ chiad seata de sholaran air an cur an gnìomh air 4 Dàmhar 2018. Tha an Achd a’ toirt a-steach ceumannan gus amas Riaghaltas na h-Alba a neartachadh gum bi fòcas air a chumail suas thairis air an Riaghaltas agus an raon poblach air fad gus coinneachadh ri na feumalachdan a tha aig coimhearsnachdan sna h-eileanan an-dràsta agus san àm ri teachd.
2. Tha dà ullachadh cudromach san Achd: leasachadh Plana Nàiseanta nan Eilean agus dleastanas air ùghdarrasan poblach sònraichte aire a thoirt do choimhearsnachdan sna h-eileanan ann a bhith a’ coileanadh an dreuchdan. Tha feumalachdan sònraichte ann a thaobh leasachadh agus lìbhrigeach phoileasaidhean, ro-innleachdan agus seirbheisean a bharrachd air leasachadh reachdais. Ni an Achd cinnteach gun tèid beachdachadh air na feumalachdan agus suidheachaidhean sònraichte aig coimhearsnachdan sna h-eileanan le ùghdarrasan sònraichte.
3. Tha an Achd ag iarraidh air Ministearan na h-Alba co-chomhairleachadh a chumail le ùghdarrasan sna h-eileanan, daoine a tha a’ riochdachadh ùidhean coimhearsnachdan sna h-eileanan agus an fheadhainn a dh’fhaodadh a bhith fo bhuaidh na molaidhean a th’ anns a’ Phlana Nàiseanta deireannach nan Eilean, neo aig a bheil ùidh annta. ’S e àm eachdraidheil a tha seo airson coimhearsnachdan sna h-eileanan ann an Alba. Tha cothrom aig ar n-Eileanan cruth a thoirt dhan àm ri teachd dhaibh ann an dòigh a fhreagras air am feartan sònraichte a thaobh cruinn-eòlas, dualchas nàdar agus cultar.
4. Gabhaidh Plana Nàiseanta nan Eilean a-steach na tha ag obrachadh gu math an-dràsta, a bharrachd air na dùbhlain a tha mu choinneamh na h-eileanan agus na coimhearsnachdan a tha annta. A’ dol air adhart, mìnichidh am Plana na ro-innleachdan agus amasan a leigeas le Ministearan na h-Alba agus ùghdarrasan buntainneach gus toraidhean a leasachadh airson coimhearsnachdan sna h-eilean. Bidh aig Ministearan na h-Alba ri cunntas a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba gach bliadhna air an adhartas gu ruige na h-amasan a th’ ann am Plana Nàiseanta nan Eilean. Mar sin, bheir am Plana cruth don dòigh anns am bi Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan buntainneach eile a’ dèiligeadh ri eileanan agus coimhearsnachdan sna h-eileanan san àm ri teachd.
5. ’S e am feallsanachd air cùl Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean gu bheil buaidh uaireannan aig co-dhùnaidhean a tha air an ruighinn air tìr-mòr air coimhearsnachdan sna h-eileanan. Tha Achd nan Eilean (Alba) ag aithneachadh nach eil aon fhuasgladh air a h-uile ceist agus ’s e aon dòigh a th’ anns na Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean airson gum beachdaich ùghdarrasan buntainneach air buaidh an obrach air na h-eileanan. Thèid Stiùireadh a leasachadh air mar a bhios na measaidhean buaidh seo ag obrachadh.
6. Bheir an co-chomhairleachadh a tha san sgrìobhainn seo an cothrom do choimhearsnachdan sna h-eileanan pàirt a ghabhail agus cuir ri leasachadh Plana Nàiseanta nan Eilean ann an dòigh fo-ghnìomhach. A bharrachd air seo, bheir e an cothrom do choimhearsnachdan sna h-eileanan beachdachadh air ullachadh nam Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean, a tha aig cridhe Achd nan Eilean (Alba). Tha sinn nar comain airson na chuireas sibh ris a’ phròiseas seo.
Contact
Email: info@islandsteam.scot
There is a problem
Thanks for your feedback