Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean
Co-chomhairleachadh air Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean.
Consultation on the National Islands Plan and Guidance on Island Communities Impact Assessments (Gaelic Version).
Plana Nàiseanta nan Eilean
18. A-rèir Achd nan Eilean (Alba) 2018, ’s e adhbhar a’ Phlana “na prìomh amasan agus ro-innleachd aig Ministearan na h-Alba a mhìneachadh a thaobh leasachadh thoraidhean airson coimhearsnachdan sna h-eileanan mar thoradh air an dhreuchdan poblach a choileanadh, neo cùisean a tha a’ cur riutha.”[3]
19. Ann an Earrann 3(3) den Achd tha raointean air an cur a-mach airson toraidhean a leasachadh airson coimhearsnachdan sna h-eileanan, nam measg:
a) àrdachadh àireamhan sluaigh;
b) leasachadh agus a’ cur air adhart: (i) leasachadh eaconomach seasmhach; (ii) soirbheas àrainneachdail; (iii) slàinte agus soirbheas; agus (iv) cumhachdachadh choimhearsnachdan;
c) leasachadh sheirbheisean còmhdhail;
d) leasachadh comas-ceangail didseatach;
e) lùghdachadh bochdainn connaidh;
f) dèanamh cinnteach gu bheil stìuireadh èifeachdach air Oighreachd a’ Chrùin ann an Alba (’s e sin, sealbhan, còraichean agus ùidhean ris am buin earrann 90B(5) de dh’Achd na h-Alba 1998); agus
g) leasachadh bith-thèarainteachd (a’ gabhail a-steach dìon eileanan bho bhuaidh seòrsaichean bheathaichean sgaoilteach neo-dhùthchasach).[4]
20. Tha e cudromach, ge-tà, a thoirt fa-near nach e liosta mionaideach a tha seo. Chan eil Plana Nàiseanta nan Eilean cuingichte le Earrann 3(3) ach thèid a leasachadh leis am fiosrachadh a thèid a chruinneachadh tron phròiseas co-chomhairleachaidh. Mar sin, bidh amasan agus ro-innleachdan ann am Plana Nàiseanta nan Eilean a bhuineas do na raointean le ceangal ri dreuchdan poblach aig ùghdarrasan, a leasaicheas toraidhean airson coimhearsnachdan sna h-eileanan, fiù ’s toraidhean nach eil ainmichte ann an earrann 3(3).
21. Feumaidh a chiad dreachd de Phlana Nàiseanta nan Eilean a bhith air a chur fa chomhair Pàrlamaid na h-Alba taobh a-steach 12 mìosan bhon àm a chaidh Pàirt 2 den Achd a chur an gnìomh, san t-suidheachadh seo a’ ciallachadh gum feum Plana a bhith air a chur a-steach ro 4 Dàmhar 2019.[5]
22. Cho fad ’s as urrainn, feumaidh dòighean a bhith ann am Plana Nàiseanta nan Eilean airson tomhas a bheil na toraidhean air a bhith air an leasachadh airson coimhearsnachdan sna h-eileanan.[6] Dh’fhaodadh seo a bhith a’ cleachdadh taisbeanairean, a mheasas an ìre de shoirbheachas gu ruige na h-amasan a tha air am mìneachadh ann am Plana Nàiseanta nan Eilean.
23. Mar sin, thèid aithisg fhoillseachadh gach bliadhna le Ministearan na h-Alba airson adhartas a mheasadh agus airson beachdachadh air far an deach toraidhean a leasachadh neo nach deach.[7] A bharrachd air seo, thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air Plana Nàiseanta nan Eilean aig deireadh 5 bliadhna a’ tòiseachadh air an latha a chaidh am plana fhoillseachadh mu dheireadh.
24. ’S e cothrom a th’ ann am Plana Nàiseanta nan Eilean airson coimhearsnachdan sna h-eileanan innse mu na cùisean a tha mun coinneamh. Le bhith a’ gabhail pàirt sa cho-chomhairleachadh, tha an cothrom aig coimhearsnachdan sna h-eileanan gus dèanamh cinnteach gu bheil iomradh air na cùisean seo ann am Plana Nàiseanta nan Eilean.
25. Bu chòir gum bi Plana Nàiseanta nan Eilean cuideachd mar raon na h-eileanan agus coimhearsnachdan sna h-eileanan a mholadh mar àitichean soirbheachail agus àrainneachdan beòthail. Tron cho-chomhairleachadh seo tha sinn airson ur sgeulachdan a chluinntinn mu dheidhinn ur soirbheachas; gan cur aig fìor thoiseach Plana Nàiseanta nan Eilean airson fios mu dheagh chleachdaidhean a sgaoileadh le coimhearsnachdan sna h-eileanan chan ann a-mhàin ann an Alba, ach air feadh an t-saoghail.
26. San fharsaingeachd, tha sinn a’ sùileachadh gum mìnich Plana Nàiseanta nan Eilean amasan thairis air gach raon poileasaidh airson taic agus cumhachd a thoirt dha ar coimhearsnachdan sna h-eileanan agus gan cur air adhart. Leasaichidh buileachadh Plana Nàiseanta nan Eilean càileachd beatha choimhearsnachd sna h-eileanan le bhith a’ gabhail a-steach co-theacsa sònraichte gach eilean ague le bhith a’ leasachadh siostam de dh’aithisgean agus ath-sgrùdadh a chuireas cunntachalachd air adhart.
27. Tha Achd nan Eilean (Alba) a’ mìneachadh “Le bhith ag ullachadh plana nàiseanta nan eilean, feumaidh Ministearan na h-Alba co-chomhairleachadh iarraidh air gach ùghdarras ionadail a tha ainmichte san liosta, neach sam ith eile a tha iad a’ faireachdainn a tha a’ riochdachadh ùidhean choimhearsnachdan sna h-eileanan agus neach sam bith (a’ gabhail a-steach muinntir choimhearsnachdan sna h-eileanan agus daoine eile) a tha iad a’ faireachdainn a bhios fo bhuaidh na molaidhean a tha sa plana no aig a bhios ùidh sna molaidhean”[8]
28. Mar sin, tha Riaghaltas na h-Alba air cur romhpa co-chomhairleachadh farsaing a chumail le coimhearsnachdan sna h-eileanan. Chan e feumalachd a thaobh dòigh-obrach a tha seo a-mhàin, ge-tà, ach dòigh gus dèanamh cinnteach gun tèid Plana Nàiseanta nan Eilean a leasachadh san dòigh as fhèarr gus freagairt “ri na feartan sònraichte aig na sgìrean far a bheil coimhearsnachdan sna h-eileanan a thaobh cruinn-eòlas, dualchas nàdair agus cultar (a’ gabhail a-steach dualchas cànanach).”[9]
29. Le bhith leasachadh plana a tha a’ freagairt air “dualchas cànanach”, tha seo a’ gabhail a-steach faighneachd dha coimhearsnachdan sna h-eileanan mar a bu chòir dhan Phlana freagairt air feumalachdan luchd-labhairt na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan sna h-eileanan, agus mar a tha seo ag eadar-obrachadh le dleastanasan air ùghdarrasan ann am plana Gàidhlig sam bith a tha iad air fhoillseachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.
Contact
Email: info@islandsteam.scot
There is a problem
Thanks for your feedback