Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean

Co-chomhairleachadh air Plana Nàiseanta nan Eilean agus Stiùireadh air Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean.

Consultation on the National Islands Plan and Guidance on Island Communities Impact Assessments (Gaelic Version).


Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean

30. Far a bheil Plana Nàiseanta nan Eilean ag amas air cruth a thoirt do phoileasaidh riaghlaidh ann an dòigh a leasaicheas toraidhean do choimhearsnachdan sna h-eileanan, tha Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean a’ coileanadh dreuchd na bu luaithe. Le bhith a’ dèanamh Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean, ni Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail agus ùghdarrasan buntainneach cinnteach gun tèid reachdas, poileasaidh, ro-innleachdan agus seirbheisean a dhèanamh freagarrach airson eileanan, far a bheil e coltach gum bi buaidh aca seo air coimhearsnachd sna h-eileanan a tha eadar-dhealaichte bhon bhuaidh aca air coimhearsnachdan eile. Anns na suidheachaidhean sin, ni Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean cinnteach gun tèid an dleastanas air ùghdarrasan buntainneach a leanas a choileanadh: “Feumaidh ùghdarras ionadail aire a thoirt air coimhearsnachdan sna h-eileanan ann a bhith a’ coileanadh an dreuchdan”.[10] [11] Agus ’s ann tro Mheasaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean a thèid aire a thoirt air ùidhean choimhearsnachdan sna h-eileanan nuair a thèid co-dhùnaidhean a ruighinn.

31. Tha Achd nan Eilean (Alba) a’ mìneachadh gun tèid Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean a chumail le ùghdarras buntainneach[12] “nuair a tha e coltach gum bi buaidh aig poileasaidh, ro-innleachd no seirbheis air coimhearsnachd sna h-eileanan a tha gu sònraichte eadar-dhealaichte bhon bhuaidh a bhios aige air coimhearsnachdan eile (a’ gabhail a-steach coimhearsnachdan eile sna h-eileanan) san raon anns am bi an ùghdarras a’ coileanadh an dreuchdan.”[13]

32. Chan eil stiùireadh ann an Achd nan Eilean (Alba) air mar a bu chòir do dh’ùghdaras Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean a dhèanamh. An àite seo, tha an Achd a’ leigeil le Ministearan stiùireadh ullachadh mun dleastanas gus aire a thoirt dha coimhearsnachdan sna h-eileanan, agus tha Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean mar phàirt de seo.[14] Feumaidh Ministearan cuideachd riaghailtean ullachadh “mu dheidhinn ath-sgrùdadh air co-dhùnaidhean a ruigeas ùghdarrasan buntainneach a thaobh measaidhean buaidh air coimhearsnachdan nan eilean.”[15]

33. Tha an co-chomhairleachadh a gheibhear san sgrìobhainn seo a’ togail air an dà ghnìomh seo. Tha an Achd a’ cur dleastanas air Ministearan co-chomhairleachadh a chumail le ùghdarrasan ionadail, a bharrachd air riochdairean bho choimhearsnachdan sna h-eileanan agus daoine eile mus cur iad stiùireadh sam bith mun dleastanas seo, agus mus tèid Plana Nàiseanta nan Eilean ullachadh. Tha Riaghaltas na h-Alba airson còmhraidhean a chumail le coimhearsnachdan sna h-eileanan agus le raon cho farsaing sa ghabhas de dh’ùidhean airson an stìureadh agus am Plana ullachadh. Tha Riaghaltas na h-Alba den bheachd gum bu chòir an cothrom a bhith aig coimhearsnachdan sna h-eileanan am beachdan a chur air adhart air Plana Nàiseanta nan Eilean agus air leasachadh Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean. Tha an co-chomhairleachadh seo a’ toirt dhaibh an cothrom sin.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top