Education - qualifications and assessment review: consultation - Gaelic
Gaelic translation of our consultation on the options for change as part of Professor Hayward's independent review of the future of qualifications and assessment. We are inviting responses to this consultation by 16 December 2022.
Lèirmheas air Teisteanasan agus Measadh san àm ri teachd: Co-chomhairle air Roghainnean airson Atharrachadh
1. Lèirmheas air Teisteanasan agus Measadh san àm ri teachd: Co-chomhairle air Roghainnean airson Atharrachadh
1.1 Carson a tha feum air Lèirmheas Neo-eisimeileach?
Ag aithneachadh gum feumar coimhead ris an àm ri teachd, dh'ainmich Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean san Dàmhair 2021 gun robhar an dùil teisteanasan agus measaidhean ath-leasachadh. Feuchaidh am pròiseas lèirmheas seo ri dhèanamh cinnteach gu bheil coileanadh gach neach-ionnsachaidh air aithneachadh gu cothromach gus cothrom leasaichte agus cothromach a thoirt do gach neach-ionnsachaidh farsaingeachd, doimhneachd agus iomchaidheachd an cuid ionnsachaidh a thaisbeanadh. Tha an lèirmheas a' gabhail a-steach Foghlam tro Mheadhan na Beurla agus tro Mheadhan na Gàidhlig.
Chaidh seo fhiosrachadh le:
- molaidhean ann an OECD's independent review of Scotland's school curriculum
- galar lèir-sgaoilte COVID-19 agus deasbad ùr mu mheasadh às dèidh deuchainnean Nàiseanta 5, Àrd-ìre agus Àrd-ìre adhartach a bhith air an cur dheth ann an 2020 agus 2021
- Pàipear OECD an Àrd-ollaimh Gòrdan Stobart a tha a' cur air adhart roghainnean a dh'fhaodadh a bhith ann airson na h-Alba a thaobh measadh agus teisteanasan san àm ri teachd
- Aithisg an Àrd-ollaimh Ken Muir (2022) – Putting learners at the centre
- Aithisg Angela Morgan (2020) Support for learning: all our children and all their potential
Gheibhear Teirmichean Iomraidh an Lèirmheis an seo.
Tha an Lèirmheas neo-eisimeileach bho Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach eile. Bheir an t-Àrd-ollamh emerita Louise Hayward molaidhean do Rùnaire a' Chaibineit sa Mhàrt 2023.
1.2 Cò a tha an sàs san Lèirmheas?
Tha sinn air an Lèirmheas a dhealbhadh gus cothroman a thoirt dhaibhsan uile aig a bheil ùidh ann an Teisteanasan is Measadh san àm ri teachd. Tha sinn airson dèanamh cinnteach gun dèan na molaidhean againn am feum as fheàrr de na cothroman a tha fosgailte dhuinn gus cruth-atharrachadh a thoirt air an dòigh sa bheil sinn a' dèiligeadh ri teisteanasan agus measaidhean. Gus seo a dhèanamh feumaidh sinn a dhol an sàs agus èisteachd ri nas urrainn dhuinn de dhaoine. Tha a' cho-chomhairle seo mar phàirt den phròiseas sin. Brosnaichidh e conaltradh farsaing leis a' phoball cho math ri conaltradh farsaing leantainneach le luchd-ionnsachaidh, sgoiltean agus colaistean.
Tha an Lèirmheas air a stiùireadh leis an Àrd-ollamh Hayward le taic bho Bhuidheann Ath-bhreithneachaidh Neo-eisimeileach anns a bheil:
- dhaibhsan as cudromaiche dha bheil teisteanasan (luchd-ionnsachaidh agus pàrantan/luchd-cùraim),
- luchd-dealbhaidh, luchd-leasachaidh agus an fheadhainn a tha a' tabhann theisteanasan (dreuchd is poileasaidh leudaichte agus
- an fheadhainn a chleachdas teisteanasan (colaistean, fastaichean, oilthighean, roinnean saor-thoileach).
An seo, chithear buill na Buidhne Lèirmheis Neo-eisimeileach a bhios a' coinneachadh gach mìos.
Tha a' Buidheann Lèirmheis Neo-eisimeileach ag obair còmhla ri 13 Buidhnean Coimhearsnachd Co-obrachail (Consultative Community Groups - CCGan). Tha na CCGan seo nan ceangal ri raon farsaing de choimhearsnachdan agus nì iad cinnteach gum bi dòigh-obrach in-ghabhalach agus com-pàirteachail ann a dh'aithnicheas agus a ghabhas ri iomadachd luchd-ionnsachaidh agus choimhearsnachdan na h-Alba. Tha na buidhnean sin gu sònraichte ag amas air daoine a chluinntinn nach cluinnear ro thric ann an còmhraidhean poileasaidh.
1.3 Dè tha an Lèirmheas a' dèanamh?
Bidh trì ìrean san Lèirmheas. Tha sinn ann an Ìre 2 aig an àm seo:
Ìre a h-aon: Com-pàirteachadh air Lèirsinn agus Prionnsapalan
Dh'iarr a' chiad ìre fios-air-ais air dreachd aithris Lèirsinn is Prionnsapalan. Chaidh na dreachd aithrisean seo a chruthachadh an toiseach le co-obraichean bho Phàrlamaid Òigridh na h-Alba agus Pàrlamaid na Cloinne. Fhuair Ìre a h-Aon 260 freagairtean bho sgoiltean agus colaistean còmhla ri beachdan mionaideach bho Bhuidhnean Coimhearsnachd Co-obrachail.
Tha neach-rannsachaidh neo-eisimeileach a' dèanamh sgrùdadh air an fhios-air-ais a fhuaras tro Ìre a h-Aon. Ach tha an Lèirmheas air a bhith comasach air an dreachd Lèirsinn agus Prionnsapalan a chruthachadh agus tha an dreach làithreach a' leantainn gu h-ìosal. Thèid barrachd leasachaidh a dhèanamh air seo anns na mìosan a tha romhainn mus tèid a chrìochnachadh aig deireadh na bliadhna.
Às dèidh mion-sgrùdadh air na beachdan a chaidh a nochdadh a thaobh na Lèirsinn chaidh a h-ath-dhealbhadh agus tha i mar a leanas aig an àm seo.
Bu chòir teisteanasan agus duaisean ann an Alba:
- a bhith a rèir a' churraicealaim fharsaing
- euchdan gach neach-ionnsachaidh aithneachadh, agus
- a bhith a' toirt seachad fianais gus na h-ath cheuman aca fhiosrachadh san t-slighe ionnsachaidh aca
Às dèidh mion-sgrùdadh air na beachdan a chaidh a thoirt seachad a thaobh nam Prionnsabalan, chaidh an ath-dhealbhadh agus tha iad mar a leanas aig an àm seo.
Bu chòir do shiostam theisteanasan na h-Alba:
- a bhith a rèir amasan a' churraicealaim agus a bhith a' freagairt air feumalachdan caochlaideach luchd-ionnsachaidh fa-leth agus Alba gu h-ionadail agus mar phàirt de chomann-sòisealta cruinneil.
- A bhith ag aithneachadh euchdan gach neach-ionnsachaidh.
- A bhith soilleir, cunbhalach agus air a thuigsinn leis a h-uile duine, mar phàirt de thuras ionnsachaidh fad-beatha.
- A bhith in-ghabhalach an dà chuid ann an dealbhadh agus leasachadh.
- A bhith a' toirt taic do dhòighean-obrach shùbailte ann am measadh.
Tha sinn a-nis ann an Ìre a Dhà den phròiseas. Tha an ìre seo ag amas air co-chomhairle a chumail mu mholaidhean airson Roghainnean a dh'fhaodadh a bhith ann a thaobh Teisteanasan is Measadh san àm ri teachd.
Tha an Lèirsinn:
- a' rannsachadh diofar Roghainnean airson Teisteanasan is Measadh san àm ri teachd
- a' cumail oirnn ag obair gu dlùth leis na buill den Bhuidhinn Ath-sgrùdaidh Neo-eisimileach agus CCG agus a' brosnachadh fhreagairtean bho gach sgoil agus colaiste ann an Alba agus
- ag iarraidh bheachdan air diofar dhòighean anns am faodadh an Lèirsinn agus na Prionnsabalan a chur an gnìomh
Nithear sgrùdadh neo-eisimeileach air an roghainn seo agus thèid an cleachdadh gus am moladh as fheàrr a thaghadh.
Ìre a Trì. Tòisichidh an treas ìre den Lèirmheas san Fhaoilleach 2023 agus bidh sinn a' sireadh bheachdan gu sònraichte tro na CCGan agus sgoiltean is colaistean air a' mholadh as fheàrr airson Teisteanasan is Measadh san àm ri teachd. San ìre seo, bidh am fòcas air cùisean practaigeach.
Às dèidh do na trì ìrean a bhith air an crìochnachadh, nì sinn aithisg dheireannach agus molaidhean a thèid a chur gu Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean sa Mhàrt 2023.
1.4 Dè an Dàimh eadar an Lèirmheas Neo-eisimeileach air Teisteanasan is Measadh agus an Deasbad Nàiseanta?,
Agus e ag èirigh bho mholaidhean ann an Aithisg Muir (2022), Putting Learners at the Centre, tha an Deasbad Nàiseanta ag amas air beachdan a' phobaill a chruinneachadh air lèirsinn airson Foghlam na h-Alba san àm ri teachd. Tha an Lèirmheas againn, air Teisteanasan agus Measadh, ag amas air ath-sgrùdadh theisteanasan agus measadh san ìre as àirde. Ged a tha dlùth cheanglaichean agus conaltradh cunbhalach ann le co-obraichean anns an Deasbad Nàiseanta, tha an Lèirmheas againn neo-eisimeileach bho Riaghaltas na h-Alba. Tha an Deasbad Nàiseanta air a cho-stiùireadh le Riaghaltas na h-Alba agus COSLA. Bidh an Lèirmheas Neo-eisimeileach cuideachd ag aithris às dèidh an Deasbaid Nàiseanta a' toirt ùine airson beachdachadh air co-dhùnaidhean bhon phìos obrach sin mus tèid aithris gu Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean ro dheireadh a' Mhàirt 2023. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun Deasbad Nàiseanta an seo.
1.5 A' cur beachd a-steach dhan cho-chomhairle seo
Tha sinn a' sireadh bheachdan dhan cho-chomhairle seo le ceann-latha mu dheireadh de 16 Dùbhlachd 2022. Tha e cudromach toirt fa-near nach fheumar freagairt a thoirt seachad airson gach ceist san sgrìobhainn seo. Is dòcha gu bheil barrachd ùidh agad fhèin no aig a' bhuidhinn agad ann an cuid de raointean den cho-chomhairle na ann an cuid eile agus tha an Lèirmheas nad chomain airson beachd sam bith a dh'fhaodadh tu a thoirt dhuinn.
Cuir do bheachdan a-steach dhan cho-chomhairle seo a' cleachdadh hub co-comhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba, Citizen Space (http://consult.gov.scot). Leugh mun cho-chomhairle agus cuir freagairt a-steach air-loidhne aig https://consult.gov.scot/education-reform/professor-haywards-independentreview/ Faodaidh tu do beachdan a shàbhaladh is a dhol air ais thuca nuair a bhios a' cho-comhairle a' dol air adhart. Dèan cinnteach gun tèid freagairtean na co-chomhairle a chur a-steach ron cheann-latha mu dheireadh, 16 Dùbhlachd 2022.
Mur a bi e comasach dhut freagairt tron hub co-chomhairleachaidh againn, cuir am Foirm Fiosrachaidh mun Neach-freagairt gu:
Rùnaireachd: Lèirmheas Neo-eisimeileach air Teisteanasan agus Measadh
Riaghaltas na h-Alba2B a Tuath
Cidhe Bhictoria
Dùn Èideann
1.6 Na h-ath-cheumannan sa phròiseas
Far a bheil luchd-freagairt air cead a thoirt gun tèid an fhreagairt aca fhoillseachadh, agus às dèidh dhuinn dearbhadh nach eil stuth cliù-mhillteach annta, bidh freagairtean rim faighinn gu poblach air http://consult.gov.scot. Ma chleachdas tu an hub co-chomhairleachaidh gus freagairt, gheibh thu lethbhreac den fhreagairt agad tro phost-d.
Às dèidh a' chinn-latha mu dheireadh airson freagairtean, thèid anailis a dhèanamh air gach freagairt agus thèid beachdachadh air cho math ri fianais sam bith eile a tha ri fhaighinn gus ar cuideachadh. Thèid freagairtean fhoillseachadh far an deach cead a thoirt dhuinn sin a dhèanamh. Bidh aithisg anailis ri faighinn cuideachd.
1.7 Beachdan agus gearanan
Ma tha beachd sam bith agad mu mar a chaidh a' cho-chomhairle seo a dhèanamh, cuir iad dhan t-seòladh conaltraidh gu h-àrd no gu qualificationsreform@gov.scot
1.8 Pròiseas co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba
Tha seo na co-chomhairle às leth an Lèirmheis Neo-eisimeileach air Teisteanasan is Measadh a tha Riaghaltas na h-Alba a' cumail. Tha co-chomhairle na pàirt bhunaiteach den phròiseas gus poileasaidh a dhèanamh. Bheir e cothrom dhan Lèirmheas beachdachadh air na beachdan agus eòlas agad air raon obrach a tha air a mholadh.
Gheibhear na co-chomhairlean uile againn air-loidhne aig: http://consult.gov.scot. Tha gach co-chomhairle a' mìneachadh nan cuspairean air a bheilear a' beachdachadh, cho math ri dòighean gus do bheachdan a thoirt dhuinn, air-loidhne, tro phost-d no tron phost.
Thèid mion-sgrùdadh a dhèanamh air na freagairtean mar phàirt den phròiseas poileasaidh, cho math ri farsaingeachd eile de dh'fhiosrachadh is de dh'fhianais. Foillsichidh sinn aithisg den anailis seo airson gach co-chomhairle. Ged a dh'fhaodadh fiosrachadh mu shuidheachadh sònraichte a chaidh a mhìneachadh ann am freagairt do cho-chomhairleachadh am pròiseas poileasaidh fhiosrachadh, chan urrainn do dh'eacarsaichean co-chomhairleachaidh dèiligeadh ri draghan agus beachdan aig daoine fa leth, a bu chòir a bhith air an cur chun na buidhne poblaich iomchaidh.
Beachdachadh air Roghainnean: dè am fiosrachadh a bu chòir a chruinneachadh mu adhartas agus coileanadh luchd-ionnsachaidh. (Airson adhbharan a h-obrach san fharsaingeachd agus airson na co-chomhairle seo tha an Lèirmheas a' cleachdadh mìneachadh farsaing air 'luchd-ionnsachaidh'. Feumaidh dòigh-obrach ùr a thaobh theisteanasan is measaidh a bhith buannachdail do dhaoine fa leth ge b' e cò iad no càite a bheil an ionnsachadh a' tachairt)
2. Ceistean co-chomhairleachaidh
2.1 Cuspair Curraicealam airson Sàr-mhathais - Ceithir Comasan
Cùl-fhiosrachadh: Tha Curraicealam airson Sàr-mhathais (CfE) na bhunait air curraicealam 3-18 na h-Alba. Aig an àm seo, tha CfE a' cur air adhart ceithir raointean a tha cudromach dhan a h-uile neach-ionnsachaidh. Canar na ceithir comasan ris na ceithir raointean sin gu tric. Is iad sin: Bu chòir do gach neach a bhith na 'Neach-ionnsachaidh soirbheachail', 'na neach misneachail', 'na neach a tha a' gabhail pàirt ann an gnothaichean gu h-èifeachdach' agus na 'shaoranach cunntachail' agus bu chòir dhaibh a bhith comasach air na mìneachaidhean nas mionaidiche sna h-eisimpleirean de gach comas a choileanadh.
Luchd-ionnsachaidh soirbheachail le:
spionnadh agus brosnachadh airson ionnsachadh
miann gus ìrean coileanaidh àrda a ruighinn
fosgailteachd ri beachdan ùra agus smaoineachadh ann an dòighean ùra
agus a bhith comasach air:
sgilean litearrachd, conaltraidh agus àireamhachd a chleachdadh
teicneòlas a chleachdadh airson ionnsachadh
smaoineachadh gu cruthachail agus gu neo-eisimeileach
ionnsachadh gu neo-eisimeileach agus mar phàirt de bhuidheann
measaidhean reusanta a dhèanamh
ceangal agus cur an sàs diofar sheòrsaichean ionnsachaidh ann an suidheachaidhean ùra
Daoine mhisneachail le:
fèin spèis
sunnd corporra, inntinneil agus faireachail
luachan agus beachdan tèarainte
agus a bhith comasach air:
daoine eile a thuigsinn agus iad fhèin a stiùireadh
dòigh-beatha fhallain agus ghnìomhach a bhith acafèin-mhothachadh a bhith aca
am beachdan fhèin agus sealladh den t-saoghal aca fhèin a chruthachadh agus a chur an cèill
a bhith a' tighinn beò cho neo-eisimeileach 's as urrainn dhaibh
Luchd-com-pàirt èifeachdach le:
sealladh tionnsgalach
fèin-sheasmhachd
agus a bhith comasach air:
conaltradh a dhèanamh ann an diofar dhòighean agus ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte
roghainnean agus co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh, obrachadh ann an com-pàirteachas agus ann an sgiobaidhean
a bhith tionnsgalach agus a' stiùireadh dhaoine
smaoineachadh breithneachail a chur an sàs ann an co-theacsaichean ùra
a bhith a' cruthachadh agus a' togail sgilean fuasgladh dhuilgheadasan
Saoranaich Chunntachail le:
spèis do dhaoine eile
dealas airson pàirt a ghabhail gu ciallach ann am beatha phoilitigeach, eaconamach, shòisealta agus chultarail
agus a bhith comasach air:
eòlas agus tuigse a thogail air an t-saoghal agus àite na h-Alba ann
a bhith a' tuigsinn diofar chreideasan agus chultaran
a bhith a' dèanamh roghainnean agus co-dhùnaidhean fiosraichtemeasadh a dhèanamh air cùisean àrainneachdail, saidheansail agus teicneòlach
beachdan fiosraichte, beusanta air cùisean iom-fhillte a chruthachadh
Ged a chaidh a' mhòr-chuid de chùrsaichean san Ìre as Àirde a dhealbhadh gus taic a chumail ri bhith a' coileanadh nan ceithir comasan CfE, ann an Ìre a h-aon den Lèirmheas tha sinn air cluinntinn bho mhòran gu bheil teisteanasan a tha air an teagasg san ìre as àirde ann an sgoiltean is colaistean na h-Alba a' 'cuimseachadh cus' air 'dìreach aon' de na ceithir comasan, 's e sin 'luchd-ionnsachaidh soirbheachail'. Bha am beachd seo aig an Àrd-ollamh Ken Muir cuideachd agus thathar ga dheasbad san aithisg aige a chaidh fhoillseachadh ann an 2021 'Placing Learners at the Centre'.
Ceist 1:
a) Am bu chòir fiosrachadh a bhith air a chruinneachadh thar nan ceithir comasan? Bu chòir/Cha bu chòir/Chan eil mi cinnteach
b) Smaoinich mu gach fear de na comasan mu seach. Dè seòrsa fiosrachaidh a bu chòir a chruinneachadh mu adhartas agus coileanadh luchd-ionnsachaidh anns gach comas?
2.2 Cuspair: Coileanaidhean no duaisean taobh a-muigh na sgoile agus na colaiste
Cùl-fhiosrachadh: Ann an Ìre a h-Aon den Lèirmheas, tha sinn air am beachd a chluinntinn gum bu chòir dha a bhith comasach do luchd-ionnsachaidh fianais a thoirt air duaisean agus coileanaidhean a fhuaireadh taobh a-muigh na sgoile agus na colaiste.
Ceist 2: Dè am fiosrachadh, mu choileanaidhean luchd-ionnsachaidh a gheibhear taobh a-muigh na sgoile agus na colaiste a bu chòir a chruinneachadh, ma bu chòir dhuinn fiosrachadh sam bith den t-seòrsa a chruinneachadh idir? Mìnich an fhreagairt agad
2.3 Cuspair: Sgilean agus Comasan
Cùl-fhiosrachadh: Rè Ìre a h-Aon agus tro cho-chomhairle an Àrd-ollaimh Ken Muir ann an 2021 tha sinn air am beachd a chluinntinn gum bu chòir do theisteanasan aig an Ìre as Àirde fòcas nas motha a chur air leasachadh sgilean agus comasan luchd-ionnsachaidh.
Tha gu leòr mhìneachaidhean eadar-dhealaichte air sgilean agus comasan.
Sgilean: Bithear uaireannan a' toirt iomradh air sgilean mar 'sgilean bunaiteach', 'sgilean meta', no 'sgilean boga'. San Lèirmheas seo nuair a bhathar a' bruidhinn air sgilean – tha daoine òga, luchd-ionnsachaidh, pàrantan/luchd-cùraim, colaistean, fastaichean agus oilthighean air innse dhuinn gum feum luchd-ionnsachaidh a bhith comasach air:
- a bhith ag obair còmhla mar phàirt de sgioba
- cruthachalachd
- fuasgladh dhuilgheadasan
- ath-leumachd a bhith aca
- an cuid sunnd a chumail suas
- sgilean ionnsachaidh breithneachail a thogail
- a bhith a' conaltradh gu h-èifeachdach.
Comasan: Tha comas na theirm eile aig a bheil grunn mhìneachaidhean eadar-dhealaichte. Tha comasan acadaimigeach leithid conaltradh sgrìobhte agus labhairteach, aire air mion-fhiosrachadh agus èisteachd gnìomhach nan sgilean bog riatanach airson cha mhòr a h-uile dreuchd. Tha na sgilean sin buannachdail do sgoilearan agus a' dèanamh cinnteach gu bheil iad soirbheachail sa cholaiste agus san àite-obrach. Tha barrachd air eòlas agus sgilean ann an comas. Tha e a' gabhail a-steach comas diofar sgilean a chur an gnìomh ann an co-theacsa sònraichte. Mar eisimpleir, tha comas conaltradh èifeachdach na chomas a dh'fhaodadh a bhith a' gabhail a-steach eòlas an neach air cànan, sgilean IT practaigeach agus beachdan a thaobh an fheadhainn leis a bheil i no e a' conaltradh. Bheir ionnsachadh eadar-chuspaireil aon seòrsa cothrom do luchd-ionnsachaidh eòlas agus sgilean a thoirt còmhla gus comasan a thaisbeanadh.'
Ceist 3:
a) Am bu chòir fiosrachadh a bhith air a chruinneachadh mu sgilean agus comasan luchd-ionnsachaidh mar phàirt den ìre as àirde aca? Bu chòir/Cha bu chòir/Chan eil mi cinnteach
b) Ma tha beachdan agad air an dòigh as fheàrr gus seo a dhèanamh cuir an seo iad.
3. A' beachdachadh air mar a bhios sinn a' cruinneachadh fianais mu choileanaidhean, duais agus teisteanasan
3.1 Cuspair: Deuchainnean agus dòighean measaidh eile
Cùl-fhiosrachadh: Tha na teisteanasan a tha rim faighinn do luchd-ionnsachaidh san Ìre as Àirde a' tabhann measgachadh de ghnàth-eòlasan ionnsachaidh is measaidh a' gabhail a-steach diofar shlighean ionnsachaidh agus tha iad air an dealbhadh gu sònraichte gus taic a thoirt do mhiannan a' Churraicealam airson Sàr-mhathais (CfE).
Tha a' mhòr-chuid de na teisteanasan aig an ìre as àirde air am measadh air an taobh a-staigh agus a' toirt seachad modhan-measaidh sùbailte a' gabhail a-steach cothroman airson ionnsachadh eadar-chuspaireil mar eisimpleir, Cùrsaichean Nàiseanta 1 gu Nàiseanta 4 (SCQF 1 gu 4), Duaisean (SCQF 1-7), Cùrsaichean Sgilean-obrach (SCQF 3 gu 6), Teisteanasan Nàiseanta (SCQF 2 - 6), Duaisean Adhartais Nàiseanta (SCQF 2 – 6) agus Baccalaureate na h-Alba (SCQF 7). Tha cùrsaichean Nàiseanta 5, Àrd-ìre agus Àrd-ìre Adhartach (SCQF 5 – 7) air am measadh bhon taobh a-muigh gu ìre mhòr agus ro ChOVID bha iad air an dealbh gus am biodh cothromachadh ann eadar obair cùrsa agus deuchainnean. Bhathar an dùil gun cruthaicheadh seo cothroman airson doimhneachd, farsaingeachd agus pearsanachadh agus roghainnean ann an ionnsachadh mar as iomchaidh dhan raon chuspair.
Ach, a thaobh theisteanasan nàiseanta, tha sinn air mòran argamaidean a chluinntinn gum bu chòir 'cothromachadh nas fheàrr' a bhith ann eadar deuchainnean agus dòighean measaidh eile. Tha sinn air am beachd a chluinntinn gu bheil teisteanasan cuspair san Ìre as Àirde gu tric a' cur cus cuideam air deuchainnean deireadh bliadhna. Ann an cuid de dhùthchannan tha measadh leis an tidsear na phàirt shusbainteach de chomharraidhean an neach-ionnsachaidh. Tha Aithisg an Àrd-ollamh Gòrdan Stobart (2022) a' gabhail a-steach deasbad air mar a bhios dùthchannan eile a' dèiligeadh ri cothromachadh eadar measadh bhon taobh a-muigh agus a-staigh. Thug an t-Àrd-ollamh Stobart fa-near cuideachd gu bheilear a' dèanamh sgrùdadh 'nas trice' air oileanaich aig ceann shuas na h-àrd-sgoile ma nithear coimeas le uachdranasan eile, i.e., ann an ÀS4, ÀS5 agus ÀS6.
Ceist 4: Thoir dhuinn do bheachdan air cò ris a bhiodh siostam measaidh 'na b' fheàrr' coltach. A bharrachd air beachdachadh air a' chothromachadh eadar sgrùdadh bhon taobh a-muigh agus measadh air an taobh a-staigh dh'fhaodadh gum biodh tu cuideachd airson beachd a thoirt seachad air tricead nan deuchainnean.
4. Beachdachadh air an dòigh as fheàrr gus fianais a thaisbeanadh
4.1 Cuspair: Ag aithneachadh Coileanaidh aig deireadh an Fhoghlaim Fharsaing Choitchinn
(BGE)
Cùl-fhiosrachadh: Ann an uachdranasan eile, thig ionnsachadh aig an ìre seo gu crìch le teisteanas coileanaidh. Tha sinn air beachdan a chluinntinn gum biodh e cuideachail nan rachadh ionnsachadh nan daoine òga air fad aithneachadh nuair a chuireas iad crìoch air ìre an Fhoghlam Fharsaing Choitchinn (mar as trice tha seo aig deireadh ÀS3). Tha cuid air moladh gum bu chòir seo a bhith na phròifil didseatach far an urrainn do neach-ionnsachaidh na sgilean, gnàth-eòlasan, ionnsachadh agus teisteanasan a tha iad air cruinneachadh gu ruige seo a nochdadh, mus tèid iad dhan ìre as àirde. Airson a' mhòr-chuid de luchd-ionnsachaidh, bhiodh sgoilearan a' dol air adhart dhan Ìre as Àirde às dèidh dhaibh teisteanas Foghlam Farsaing Coitcheann fhaighinn, ach dh'fhaodadh e a bhith na theisteanas fàgail ma dh'fhàgas sgoilear an sgoil no colaiste ann an ÀS4.
Ceist 5: Thoir dhuinn do bheachdan (na buannachdan/eas-bhuannachdan) air a' bheachd coileanadh, teisteanas no duais a thoirt a-steach aig deireadh an Fhoghlaim Fharsaing Choitchinn.
4.2 Cuspair: Ag aithneachadh Coileanadh san Ìre as Àirde
Cùl-fhiosrachadh: Fhuair sinn molaidhean cuideachd gum bu chòir teisteanas fàgail a bhith ri fhaighinn mar phàirt den Ìre as Àirde. Dh'fhaodadh seo a bhith a' gabhail a-steach raon nas fharsainge de dh'fhianais air coileanadh na teisteanasan stèidhichte air cuspair. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh teisteanas fàgail a bhith a' gabhail a-steach coileanaidhean, ann an raointean curraicealaim fa-leth, fianais air leasachadh sgilean is comas, tabhartasan do choimhearsnachdan agus coileanaidhean nas fharsainge.
Ceist 6: Thoir dhuinn do bheachdan (na buannachdan/eas-bhuannachdan) air a' bheachd seòrsa de theisteanas fàgail a thoirt a-steach aig an Ìre as Àirde.
5. Teicneolas is Measadh
5.1 Cuspair: An Comas aig Teicneòlas
Cùl-fhiosrachadh: Tha Alba air tòrr ionnsachadh bho àm a' ghalair lèir-sgaoilte Covid-19, a' gabhail a-steach mar a ghabhas teicneòlas a chleachdadh gus taic a chumail ri ionnsachadh. Ach, tha sinn mothachail cuideachd nach urrainn dhuinn a bhith an dùil gu bheil cothrom co-ionann aig a h-uile duine air teicneòlas no gu bheil na sgilean aca airson a chleachdadh gu h-èifeachdach.
Bidh cuid de dhùthchannan a' dèanamh feum tòrr nas motha de theicneòlas ann am measadh agus teisteanasan. Mar eisimpleir, tha siostam aig cuid far am bi coileanadh luchd-ionnsachaidh san ìre às àirde aca air a mheasadh air-loidhne. Bidh cuid eile a' cleachdadh teicneòlas gus diofar stoidhlichean agus seòrsaichean measaidh a thoirt do luchd-ionnsachaidh m.e., simulations air-loidhne. Bidh cuid de dhùthchannan a' cleachdadh phròifilean didseatach gus fiosrachadh a chruinneachadh agus a thaisbeanadh mu choileanaidhean luchd-ionnsachaidh.
Ceist 7: Ciamar a bu chòir do shiostam teisteanasan agus measaidh na h-Alba am feum as fheàrr a dhèanamh de theicneòlasan didseatach?
6. Dòigh obrach a bhios buannachdail dhan a h-uile neach-ionnsachaidh
6.1 Cuspair: Cothromas
6.2 Cùl-fhiosrachadh: Is e fear de na prionnsapalan a thathar a' moladh san Lèirmheas airson teisteanasan ann an Alba san àm ri teachd gum bu chòir dha buannachd a thoirt dhan a h-uile neach-ionnsachaidh. Bu chòir do shiostam teisteanasan agus measaidh san àm ri teachd duais chothromach a thoirt do luchd-ionnsachaidh ge b' e dè an aois, ciorram, dearbh-aithne gnè, cinneadh, creideamh/feallsanachd, gnè bhith-eòlasach, taobhadh feise no an inbhe shòisio-eaconamach.
Ceist 8: Ciamar a nì sinn cinnteach gun seas molaidhean airson siostam theisteanasan san àm ri teachd còraichean an luchd-ionnsachaidh air fad gus an coileanadh a thaisbeanadh?
7. A bheil sinn air rud sam bith a dhìochuimhneachadh?
Ceist 9: A bheil rud sam bith eile a bu mhath leat a thogail an co-cheangal ri ath-leasachadh theisteanasan agus measaidh air nach deach iomradh a thoirt sa cho-chomhairle seo?
8. Na h-Ath-cheuman
Tapadh leat airson do bheachdan a chur thugainn. Bheir sinn fios air ais mu na freagairtean a gheibh sinn agus thèid am fiosrachadh a chleachdadh gus ìre a trì den Lèirmheas seo fhiosrachadh.
Contact
Email: Linda.woods@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback