Ro-innleachd airson Saidheans Mara is Ùrghnàthachadh

’S e seo an Ro-innleachd ùr airson Saidheans Mara is Ùr-ghnàthachadh aig Riaghaltas na h-Alba. Tha i a’ cur amasan an cèill airson saidheans mara agus ùr-ghnàthachadh ann an Alba agus a’ stèidheachadh sia builean gus barrachd bhuannachdan fhaighinn bho ar n-obair saidheans, fianais agus dàta.


Na buannachdan a gheibh Alba bhon mhuir

Tha marannan na h-Alba a' sìneadh tarsaing mu 462,263 cilemeatair2. Tha an fharsaingeachd sin SIA tursan nas motha na gheibheadh sibh nan cuireadh sibh tìr-mòr is eileanan na h-Alba còmhla - 80,249 cilemeatair2.

Foinse: Fiosrachadh agus figearan mu raon mara na h-Alba

Chaidh 3,492 GWh de dhealan a dhèanamh le cumhachd na gaoithe aig muir, sir 11% dhen chumhachd ath-nuadhachail air fad a rinneadh ann an Alba.

Foinse: Staitistearachd Eaconomaidh Mara na h-Alba 2020

Tha tuathanachas uisge a' cur mu £362 millean mar Luach lomlan a Bharrachd (LIB) ri eaconamaidh na h-Alba.

Foinse: Staitistearachd Eaconomaidh Mara na h-Alba 2020

Mus ron Covid ann, bha turasachd na mara ann an Alba a' cur LIB luach £598 millean ris an eaconamaidh agus a' toirt cosnadh do 31,100 neach.

Foinse: Staitistearachd Eaconomaidh Mara na h-Alba 2019

Tha daoine a tha a' fuireach ann an Alba deònach suas ri £132 millean a phàigheadh gach bliadhna airson phoileasaidhean stiùiridh a bheir leudachadh nach beag air àrainnean fiadh-bheatha.

Foinse: Aithisg rannsachaidh air luachan mara ann an Alba

Tha barrachd air 125,000 cilemeatair de dh'aibhnichean is uillt ann an Alba.

Foinse: Fiosrachadh agus figearan mu raon mara na h-Alba

Contact

Email: marinedirectorate@gov.scot

Back to top