Ro-innleachd airson Saidheans Mara is Ùrghnàthachadh

’S e seo an Ro-innleachd ùr airson Saidheans Mara is Ùr-ghnàthachadh aig Riaghaltas na h-Alba. Tha i a’ cur amasan an cèill airson saidheans mara agus ùr-ghnàthachadh ann an Alba agus a’ stèidheachadh sia builean gus barrachd bhuannachdan fhaighinn bho ar n-obair saidheans, fianais agus dàta.


Ro-ràdh: Prìomh Neach-comhairleachaidh Saidheansail na h-Alba

Mar Phrìomh Neach-comhairleachaidh Saidheansail na h-Alba, tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh an ro-ràdh seo airson na Ro-innleachd airson Saidheans is Ùr-ghnàthachadh a sgrìobhadh, ro-innleachd a tha Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara a’ foillseachadh. Bha mi riamh mothachail air cho cudromach a tha “Cùisean Mara” do dh’Alba mar Dhùthaich Eileanach: ri linn meud is farsaingeachd nan uisgeachan a tha a’ cuairteachadh oirthir fhada na dùthcha, air sàillibh a’ bhìdh a thig bhon mhuir is bho aibhnichean is lochan, ri linn nan cothroman a tha a’ sìor dhol am meud a thaobh cumhachd ath-nuadhachail bho uisge, agus ri linn cho cudromach ’s a tha cùisean mara do choimhearsnachdan ann an àiteachan dùthchail is ann am bailtean. Gheibhear fiosrachadh air na cuspairean seo agus barrachd san sgrìobhainn aig Riaghaltas na h-Alba – Lèirsinn airson Eaconamaidh Ghorm na h-Alba.

Ma tha sinne, mar dhùthaich, a’ dol a choileanadh builean na Lèirsinn airson na h-Eaconamaidh Ghorm, tha e nas riatanaiche is nas cudromaiche na bha e riamh gun cuidich saidheans is ùrghnàthachadh sinn gus an lèirsinn sin a thoirt gu buil. Ri linn staing na gnàth-shìde agus crìonadh bith-iomadachd na cruinne, feumar beachdachadh air àrainneachd na mara is nan uisgeachan an lùib gach gnìomh a nì daoine sna h-uisgeachan sin ma tha sinn a’ dol a ghleidheadh ar stòrasan nàdarra agus gus buaidh leasachaidhean ùra sam bith a lùghdachadh.

Bheir saidheans dhuinn fuasglaidhean airson cuid de na cùisean seo, agus tha feum againn air eòlas sònraichte agus tha e ri fhaotainn bho dhiofar roinnean-eòlais, agus tòrr dhiubh sin stèidhichte ann am buidhnean Albannach. Tha obair rannsachaidh is leasachaidh ann an einnseanaireachd, bith- eòlas mara, geo-fiosaig, cuan-eòlas, teicneòlas cumhachd agus saidheansan sòisealta, agus iomadh roinn eile, glè chudromach, oir cuidichidh an dàta, agus an fhianais a gheibhear bhuaithe, le bhith a’ lorg fhuasglaidhean innleachdach, leithid teicneòlas ùr, bathar feumail, no nì eile a tha cudromach, leasachaidhean air na pròiseasan.

Tha grunn math luchd-saidheans ag obair aig Buidheann- stiùiridh Chùisean na Mara gus toraidhean rannsachaidh is dàta a thoirt seachad agus air modaileadh, agus an obair aca a’ cuideachadh le obair mheasaidh, sgrùdaidh agus riaghlaidh. Tha pàirt glè chudromach aig an luchd-saidheans is innleadairean seo ann a bhith a’ toirt taic do dhiofar ro-innleachdan cudromach airson Alba, leithid na Roinnleachd Nàiseanta airson Cruth- atharrachadh a thoirt air an Eaconamaidh, an Ro-innleachd Nàiseanta airson Ùr-ghnàthachadh agus an Lèirsinn airson Eaconamaidh Ghorm na h-Alba.

’S IOMADH cuspair is ceist air am feum luchd-saidheans beachdachadh san àm ri thighinn agus gu tric tha sgiobaidhean mòra a dhìth airson sin a tha ag obair thar ghrunn roinnean- eòlais. Tha Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara a’ dèanamh obair chudromach còmhla ri diofar oilthighean is colaistean, ionadanrannsachaidh, agus companaidhean coimeirsealta is luchdcompàirt gnìomhachais. Bidh aig na diofar bhuidhnean seo ris an taic-airgid fhaighinn a tha dhìth mar thaic do shaidheans bho thobraichean maoineachaidh coimeirsealta ann an Alba, san RA agus thall-thairis, agus tha e a cheart cho cudromach gun toir iad seachad eòlas a ghabhas cleachdadh ann an àiteachan is siostaman iomchaidh.

Tha cliù eadar-nàiseanta aig Alba airson saidheans mara agus tha sia “builean ro-innleachdail” san Ro-innleachd seo airson Saidheans is Ùr-ghnàthachadh a tha Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara , agus an luchd-compàirt aca, an dùil a choileanadh. Tha an sgrìobhainn seo cuideachd a’ dèanamh mìneachadh air “mar a choileanas sinn an ro-innleachd”, nithear sin le daoine, dàta, teicneòlas didseatach, agus bun- structair, agus tha iad sin uile riatanach ma tha am plana a’ dol a shoirbheachadh.

Tha mi dhen bheachd gu bheil coltas gealltanach air cùisean a thaobh saidheans mara san àm ri teachd agus tha an ro- innleachd seo a’ sealltainn mar a ghabhas ar cinn-uidhe a thaobh sin a thoirt gu buil, agus bidh eòlas tòrr den luchd-saidheans, eòlaichean dàta, luchd mion-sgrùdaidh agus innleadairean aig Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara a’ cur gu mòr ris an adhartas a nithear.

Contact

Email: marinedirectorate@gov.scot

Back to top