Ro-innleachd airson Saidheans Mara is Ùrghnàthachadh

’S e seo an Ro-innleachd ùr airson Saidheans Mara is Ùr-ghnàthachadh aig Riaghaltas na h-Alba. Tha i a’ cur amasan an cèill airson saidheans mara agus ùr-ghnàthachadh ann an Alba agus a’ stèidheachadh sia builean gus barrachd bhuannachdan fhaighinn bho ar n-obair saidheans, fianais agus dàta.


1. Facal bhon Mhinistear

Tha e na thoileachas mòr dhomh Ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba airson Saidheans Mara is Ùr-ghnàthachadh a chur fa ur comhair. Tha an ro-innleachd seo a’ togail air na h-amasan a chithear nar Lèirsinn airson na h-Eaconamaidh Ghorm. Chaidh a dealbh airson cuideachadh le bhith a’ coileanadh ar geallaidh gus uisgeachan àlainn is eugsamhail na h-Alba a dhìon, uisgeachan a tha cho cudromach do choimhearsnachdan na h-oirthire agus a tha nam pàirt mòr de dh’ìomhaigh agus dualchas mara na dùthcha. Tha an Lèirsinn a’ sealltainn ar n-a masan airson Eaconamaidh Ghorm na h-Alba gu 2045. Tha e a’ moladh dhòighean obrach is smaoineachaidh a tha a’ co- fhreagairt air Frèam Coileanaidh Nàiseanta na h-Alba agus air ar dleastanasan eadar-nàiseanta. Tha na sia builean a tha sinn airson a choileanadh a’ gabhail ealla ri sin uile.

Tha an ro-innleachd seo a’ ciallachadh gun urrainn do Riaghaltas na h-Alba feum a dhèanamh dhen fhianais is dàta as fheàrr a th’ ann gus co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh airson cùisean a stiùireadh agus airson na builean airson na h-Eaconamaidh Ghorm a thoirt gu buil. Tha an ro- innleachd cuideachd a’ stèidheachadh gealladh gus dòighean obrach is smaoineachaidh ùr-ghnàthach a chur an sàs agus feum a dhèanamh dhen teicneòlas, na goireasan tùir-fhuadain (AI), am modaileadh agus na mion-sgrùdaidhean as fheàrr gus taic a chur ri àrainneachd mhara, coimhearsnachdan agus eaconamaidh na h-Alba.

Ann am Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara aig Riaghaltas na h-Alba, ’s e an neart as motha a th’ againn na daoine sàr mhath is dìcheallach a th’ againn aig a bheil eòlas is dealas a chuidicheas sinn le bhith a’ dèiligeadh ris na dùbhlain a tha romhainn. Tha an ro-innleachd ùr seo a’ sealltainn mar a bhios sinn ag amas gu h-àraidh air nas urrainn dhan riaghaltas agus air na bu chòir dhan riaghaltas a dhèanamh tro ar n-obair le saidheans. Chan urrainn dhuinn dèiligeadh ris a h-uile dùbhlan, no na h-amasan a choileanadh leinn fhìn, mar sin tha e na amas dhuinn seo a dhèanamh le taic bho ‘Alba gu lèir’. Obraichidh sinn gu dlùth còmhla ri taghadh farsaing de shàr luchd-compàirt le ceangal ri saidheans na mara, leithid luchd- cleachdaidh nan uisgeachan, luchd acadaimigeach agus luchd- ùidhe bhon roinn phrìobhaidich. Tha àite fìor chudromach aig a h-uile duine againn ann a bhith a’ dèanamh deagh fheum de na h-uisgeachan againn, agus sinn a’ dèanamh cinnteach gum faighear na buannachdan as motha as urrainnear bhuapa airson muinntir na h-Alba, san latha an-diugh agus san ùine ri thighinn.

Tha dleastanasan cudromach aig Alba gus cùram a ghabhail de dh’àrainneachd na mara, agus gus sin a choileanadh tha sinn air cur romhainn ar comasan a leudachadh mar dhùthaich a nì obair glè chudromach airson saidheans na mara agus sinn mar phàirt de choimhearsnachd luchd-saidheans mara na cruinne. Cuidichidh an ro-innleachd seo sinn gus an fhianais a tha dhìth oirnn a chruinneachadh is a chleachdadh gus am feum as motha as urrainn dhuinn a dhèanamh de na cothroman a gheibhear ann an àrainneachd mhara is uisgeachan na h-Alba, fhad ’s a tha sinn a’ feuchainn ri dèiligeadh, ann an dòighean ùr-ghnàthach, ri atharrachadh na gnàth-shìde agus crìonadh nàdair.

Tha na h-eag-shiostaman againn ann an cunnart glè mhòr agus feumaidh sinn oidhirpean a dhèanamh mar nach fhacas riamh gus an gleidheadh. Cuideachd, tha cothroman air leth sònraichte ann a thaobh roinnean seasmhach de dh’eaconamaidh na mara, leithid tuathanachas uisge, iasgach agus gnìomhachas cumhachd ath-nuadhachail. Ma tha sinn a’ dol a choileanadh ar n-amasan, feumaidh sinn dòighean- obrach ùra a chur an sàs air feadh ar roinnean mara is uisge. Ma tha Alba fhathast gu bhith am measg nan dùthchannan as fheàrr a thaobh àrainneachd na mara, tha e riatanach gun obraich sinn còmhla ri càch. Leis an ro-innleachd ùir seo, bidh e comasach do Riaghaltas na h-Alba co-dhùnaidhean a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh na fianaise as fheàrr a th’ ann gus ar Lèirsinn airson na h-Eaconamaidh Ghorm a thoirt gu buil. Cuidichidh i sinn le bhith a’ stiùireadh chùisean mara ann an Alba a chum maith a h-uile duine.

Contact

Email: marinedirectorate@gov.scot

Back to top