Ro-innleachd airson Saidheans Mara is Ùrghnàthachadh

’S e seo an Ro-innleachd ùr airson Saidheans Mara is Ùr-ghnàthachadh aig Riaghaltas na h-Alba. Tha i a’ cur amasan an cèill airson saidheans mara agus ùr-ghnàthachadh ann an Alba agus a’ stèidheachadh sia builean gus barrachd bhuannachdan fhaighinn bho ar n-obair saidheans, fianais agus dàta.


2. Cò sinn

Tha Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara aig Riaghaltas na h-Alba os cionn chùisean co- cheangailte ri mar a thèid rian a chumail air is cùram a ghabhail dhen mhuir is cuid de na h-uisgeachan eile ann an Alba. Tha diofar phrìomh dhleastanasan aig Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara co-cheangailte ri rannsachadh, cumail ri reachdas, sgrùdadh air ìrean-coileanaidh agus poileasaidhean gus rian a chumail air agus cùram a ghabhail de mharannan is aibhnichean na h-Alba.

Tha Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara air a bhith a’ lìbhrigeadh thoraidhean saidheansail sàr-mhath agus a’ toirt comhairle seachad a thaobh aibhnichean is mharannan na h-Alba o chionn còrr is ceud bliadhna. San obair saidheans aca, tha iad air ealla a ghabhail ris mar a tha an suidheachadh air atharrachadh a thaobh mar a thèid sinn an sàs ann an, agus mar a chleachdas sinn, marannan is aibhnichean na h-Alba, mar eisimpleir an dleastanas a th’ oirnn gus dèiligeadh ri suidheachadh-èiginn na gnàth-shìde agus suidheachadh-èiginn nàdair aig àm nuair a tha buidseatan glè dhùbhlanach aig a h-uile riaghaltas.

’S e a tha fa-near do Phrògram an Riaghaltais, geallaidhean a thaobh phoileasaidhean is reachdas a choileanadh as motha a bheir buaidh air an t-suidheachadh eaconamach a th’ ann an-dràsta. Tha an Ro-innleachd airson Saidheans is Ùr-ghnàthachadh a’ gabhail ealla ri sin agus i air a dealbh gus Riaghaltas na h-Alba a chuideachadh le bhith a’ frithealadh air feumalachdan na h-Alba san latha an-diugh agus san ùine ri thighinn agus sinn a’ cur aghaidh air atharraichean mòra, luath san àrainneachd.

Tha an Ro-innleachd airson Saidheans is Ùr-ghnàthachadh a’ togail air Lèirsinn Riaghaltas na h-Alba airson na h-Eaconamaidh Ghorm agus tha i a’ co-fhreagairt air ar lèirsinn airson tuathanachas uisge, ar ro-innleachd airson bradan fiadhaich, ar ro-innleachd airson bith- iomadachd agus ar ro-innleachd ùr airson ùr-ghnàthachadh agus ro-innleachd eaconamach 10-bliadhna an Riaghaltais. Mar as àbhaist, tha na ro-innleachdan is planaichean seo ag amas air piseach a thoirt air Frèam Coileanaidh Nàiseanta na h-Alba, agus le bhith a’ dèanamh sin thèid againn air Cinn-uidhe nan Dùthchannan Aonaichte airson Leasachadh Seasmhach (CLS) a choileanadh.

Tro Ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba airson Saidheans Mara is Ùr-ghnàthachadh nithear am feum as motha as urrainnear de na cothroman a gheibhear bho stòrasan na h-Alba. Nì sinn sin le bhith ag obair gu dlùth còmhla ri luchd-compàirt is ionadan saidheans, agus còmhla ri co- obraichean bho raointean poileasaidh eile, luchd-saidheans sòisealta agus coimhearsnachdan bho air feadh Alba, agus gu h-eadar-nàiseanta. Bidh sinn a’ togail air an eòlas shaidheansail earbsach, co-cheangailte ris a’ mhuir, a tha sinn air a chosnadh is a chur gu feum tro na linntean fhad ’s a tha sinn a’ beachdachadh air dòighean-obrach ùra a chur an sàs mar as iomchaidh gus am feum as motha a dhèanamh de na cothroman a th’ ann, mar eisimpleir, an fheadhainn a thig bho thùr-fuadain (AI), ionnsachadh-inneil agus teicneòlas ùr. Cuideachd, nì sinn cinnteach gun tèid an t-eòlas a gheibhear agus na nithean a dh’ionnsaichear an lùib nan cothroman sin a sgaoileadh agus sinn ag innse mun deidhinn le misneachd is miann gus brosnachadh a thoirt do ar coimhearsnachdan.

i. Ar Lèirsinn

Bidh sinn innleachdach a thaobh nan dòighean anns an cleachd sinn saidheans, fianais is dàta gus ar poileasaidhean a leasachadh, a neartachadh agus a mheasadh agus cuiridh sinn cothroman air adhart nuair a tha sinn a’ coileanadh ar lèirsinn airson na h-Eaconamaidh Ghorm.

ii. Ar Ceann-uidhe

’S e ar ceann-uidhe fianais is dàta saidheansail a thoirt seachad mar thaic do phoileasaidhean, agus do dhleastanasan riaghlaidh is reachdail a chuidicheas le bhith a’ gleidheadh bhuannachdan thar na h-ùine fhada do nàdar agus muinntir na h-Alba. Bheir sinn ceannas seachad airson roinn an t-saidheans air feadh Alba agus sinn a’ dol an sàs ann an com-pàirteachasan buadhmhor le luchd-compàirt bho air feadh Alba agus dhùthchannan eile. Le bhith a’ coileanadh a’ chinn-uidhe seo gu buadhach is gu h-èifeachdach, tha e mar amas dhuinn gun dèanar cinnteach le rannsachadh is dàta feumail gum bi àrainneachd na mara is nan uisgeachan eile fallain is làidir agus gum bi dàimh chothromach ann eadar an àrainneachd sin agus gnothachasan is coimhearsnachdan a bhios làidir is soirbheachail.

iii. Ar Luachan

Tha ar luachan aig Riaghaltas na h-Alba a’ sealltainn cò sinn, dè seòrsa riaghaltais a tha sinn airson a bhith againn, agus dè na nithean anns a bheil sinn a’ creidsinn. Tha iad a’ togail air bunaitean Còd Obrach na Seirbheis Chatharra agus amasan an Fhrèam Choileanaidh Nàiseanta. Tha iad a’ toirt stiùireadh do na dòighean sa bheil sinn gar giùlan fhìn, na co-dhùnaidhean a nì sinn agus mar a dh’obraicheas sinn còmhla, air feadh an riaghaltais, gus piseach a thoirt air beatha muinntir na h-Alba.

’S iad ar luachan:

  • obraichidh sinn gu treibhdhireach
  • tha sinn in-ghabhalach
  • tha sinn co-obrachail nar dòigh
  • tha sinn ùr-ghnàthach agus
  • tha sinn còir

Contact

Email: marinedirectorate@gov.scot

Back to top