Ro-innleachd airson Saidheans Mara is Ùrghnàthachadh
’S e seo an Ro-innleachd ùr airson Saidheans Mara is Ùr-ghnàthachadh aig Riaghaltas na h-Alba. Tha i a’ cur amasan an cèill airson saidheans mara agus ùr-ghnàthachadh ann an Alba agus a’ stèidheachadh sia builean gus barrachd bhuannachdan fhaighinn bho ar n-obair saidheans, fianais agus dàta.
3. Na nì sinn
i. Builean Ro-innleachdail
Tha na builean san Ro-innleachd airson Saidheans Mara is Ùr-ghnàthachadh a’ togail air Lèirsinn Riaghaltas na h-Alba airson na h-Eaconamaidh Ghorm, agus tha an lèirsinn sin a’ togail air CLS an UN, Frèam Coileanaidh Nàiseanta na h-Alba agus air prìomhachasan ro-innleachdail, buntainneach eile a th’ aig Riaghaltas na h-Alba. Tha na builean ro-innleachdail a’ cur an cèill na tha sinn airson a choileanadh, far am bu chòir dhuinn ceannas a thoirt seachad, càite a bu chòir dhuinn a bhith ag obair agus cò còmhla ris a bu chòir dhuinn a bhith ag obair gu dlùth agus ciamar a choileanas sinn ar ceann-uidhe. Leis na builean seo, nithear cinnteach gum bi ar n-obair saidheans, fianais agus dàta a’ cur ris a’ bhuaidh a bheir sinn air cùisean san t-saoghal.
Tha na builean seo a’ co-fhreagairt air prìomhachasan phrìomh bhuidhnean nàiseanta is eadar- nàiseanta eile, a tha cuideachd ag amas air sàr obair rannsachaidh is ùr-ghnàthach a dhèanamh a chum maith is leas ar beatha, ar n-eaconamaidh, agus àrainneachd na mara. Tha an dà rud mu dheireadh ceangailte ri chèile, bu chòir dhuinn a bhith a’ dèanamh feum dhen fhianais agus dàta againn a chum maith na dhà dhiubh gus an urrainn dhuinn rian a chumail air agus frithealadh air na feumalachdan a th’ againn an-dràsta, agus a bhios againn san àm ri teachd, mar dhùthaich eileanach. Mar eisimpleir, nuair a dh’èireas àirde na mara mar a thathar an dùil, bidh na marannan a’ sìor fhàs nas cudromaiche airson tèarainteachd bìdh agus cumhachd. Gus am feum as motha a dhèanamh de na cothroman fhad ’s a tha sinn a’ dèiligeadh ris na dùbhlain, bidh sinn a’ coimhead air thoiseach oirnn fhìn le ar sùilean air na tha air fàire feuch dè bhios a dhìth air Alba, mar eisimpleir a thaobh DNAa (àrainneachd) no bith-theicneòlas airson feamainn.
Tha na builean a’ gabhail ealla ris na tha fa-near dhuinn nar n-obair: na h-amasan fad-ùine a tha sinn airson a choileanadh a thaobh eaconamaidh ghorm na h-Alba, agus an taic chudromach as urrainn dhuinn a thoirt dhan obair is do na h-oidhirpean a tha gan dèanamh gu nàiseanta is gu h-eadar-nàiseanta – còmhla ri ar luchd-compàirt is luchd-ùidhe. ’S urrainn dhuinn tòrr a bharrachd a dhèanamh còmhla nuair a tha sinn ag amas air obair chom-pàirteach ro-innleachdail a dhèanamh agus nuair a tha sinn soilleir a thaobh dè an t-àite a bu chòir a bhith aig an riaghaltas a thaobh a bhith a’ coileanadh obair, coimiseanadh agus a’ cur chùisean air dòigh. Am measg na nì sinne mar phàirt dhen cho-obrachadh sin tha a’ cruinneachadh is a’ sgrùdadh dàta thar ùine fhada, ar soithichean-sgrùdaidh agus ar n-uisgeadan. Le bhith a’ cumail rian air agus a’ dèanamh feum dhen fhianais choitchinn seo, ’s urrainn dhuinn a bhith air ceann na h-iomairt gus poileasaidhean mara làidir a dhealbh agus gus obair fhreagrachaidh a stiùireadh.
Chithear na builean mara ro-innleachdail airson saidheans is ùr-ghnàthachadh gu h-ìosal. Mar a chaidh a ràdh mu thràth, tha iad air an stèidheachadh gus cuideachadh le bhith a’ toirt Eaconamaidh Ghorm na h-Alba gu buil (buil a h-aon), agus tha iad a’ sealltainn mar a nì Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara feum de na comasan a th’ aig Alba a thaobh saidheans is ùr-ghnàthachadh gus sin a dhèanamh (builean a dhà gu sia). Chaidh na builean a dhealbh ann an co-bhuinn ri luchd-ùidhe bho thaobh a-staigh agus taobh a-muigh na buidhne agus sin a’ dearbhadh ar miann gus obrachadh ann an com-pàirt ri càch, agus rinneadh cinnteach le sin gum biodh an ro-innleachd a’ gabhail ealla ri farsaingeachd is doimhneachd na h-obrach a nì sinn agus gum biodh i a’ gabhail a-steach gach nì as urrainn dhuinn a dhèanamh mar dhùthaich còmhla.
Ar sia builean
i. Bidh Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara, còmhla ris a’ chòrr de Riaghaltas na h-Alba, a’ toirt ar lèirsinn airson na h-Eaconamaidh Ghorm gu buil. Bidh ar n-amasan fad-ùine a’ sealltainn mar a tha sinn a’ cur luach mòr ann an àrainneachd na mara agus a cuid stòrasan nàdarra agus a’ cur sùim sa bhuaidh a bheir i air fallaineachd ar planaid. Bidh mar a ghabhas muinntir na h-Alba air fad stiùbhardachd os làimh airson ar n-àrainneachd mhara a’ cuideachadh le neart nan eag-shiostaman, le bhith a’ toirt beòshlaint nas fheàrr do dhaoine, le beairteas eaconamach, in-ghabhail sòisealta agus math dhaoine.
ii. Bidh modhan stiùiridh, poileasaidhean agus planaichean Riaghaltas na h-Alba airson na mara is uisgeachan eile stèidhichte air saidheans, fianais agus comhairle a tha sìor fhàs nas fheàrr agus a tha ùr-ghnàthach agus stèidhichte air dàta is sgrùdaidhean sàr mhath agus a’ faighinn taic bho air feadh coimhearsnachd an luchd-saidheans (nàdarra is sòisealta) a bhios ag obair còmhla.
iii. Tha sinn airson, còmhla ri ar luchd-compàirt, dòighean-coileanaidh airson Alba air fad a cho-chruthachadh airson rannsachadh mara tron tèid coimhearsnachdan de luchd- rannsachaidh a stèidheachadh gus an dèanar feum dhen eòlas a th’ againn, air feadh Alba, air rannsachadh mara. Bhiodh na coimhearsnachdan rannsachaidh seo ag obair còmhla gus an urrainn dhuinn ar n-amasan coitcheann mar Dhùthaich Eileanach a choileanadh agus gus daoine fìor thàlantach a thàladh feuch am bi an saidheans, an teicneòlas agus na dòighean-obrach ùr-ghnàthach aig Alba a tha a dhìth oirre a thaobh àrainneachd na mara is nan uisgeachan gus An Eaconamaidh Ghorm a thoirt gu buil. Le sin, nithear cinnteach gu bheil sinn a’ gleidheadh an luach as fheàrr do dh’Alba bhon obair sin agus bidh inbhe na dùthcha air a neartachadh mar aon de phrìomh dhùthchannan an t-saoghail airson rannsachadh na mara.
iv. Bidh Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara a’ togail air an obair aca le bhith ag obair còmhla ri càch gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta ann an dòigh a bhrosnaicheas daoine gus fuasglaidhean lèirsinneach is ùr-ghnàthach agus teicneòlas a lorg a bheir dhuinn fuasglaidhean saidheansail – leithid na h-obrach a thathar a’ dèanamh ann an Alba mu thràth a thaobh Carbon Gorm – do na dùbhlain a tha romhainn mar dhùthaich, agus mar phlanaid.
v. Bidh Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara nas comasaiche air deasachadh airson, dèiligeadh gu h-ùr-ghnàthach ri agus atharraichean a chur an sàs gu h-èifeachdach mu choinneimh chothroman is dùbhlain a dh’èireas, leithid an dà chunnart a th’ ann a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde agus mar a tha bith-iomadachd a’ crìonadh.
vi. Bidh ar goireasan, gu h-àraidh ar n-uisgeadan agus ar deuchainn-lann fiosrachaidh nàiseanta, nan goireasan luachmhor nàiseanta do dh’Alba air feadh ar gnìomhachasan is ar coimhearsnachd shaidheansail agus airson seirbheisean poblach a lìbhrigeadh; bidh iad a’ cuideachadh le planadh airson galaran a dh’fhaodadh a bhith a’ sgaoileadh, bidh iad a’ cruinneachadh dàta feumail agus bidh iad mar mheadhan air innleachdas, rannsachadh is leasachaidhean ùra.
ii. Mar a Choileanas Sinn an Ro-innleachd – daoine; dàta, teicneòlas didseatach; is bun- structair
’S e a’ chiad rud a tha dhìth oirnn, Daoine, agus cruthaichidh sinn àite-obrach fìor mhath a tha a’ cur taic – mar phrìomhachas – ri iomadachd, in-ghabhalachd, agus ri bhith a’ leasachadh thàlantan dhaoine feuch an tèid sgioba-obrach glè sgileil, feòrachail agus cruthachail a thrusadh, a thrèanadh agus a ghleidheadh. San ùine ri thighinn, bidh measgachadh de luchd-obrach a dhìth oirnn le sgilean saidheans is einnseanaireachd farsaing agus le eòlas mionaideach, spèisealta air raointean sònraichte. Nì sinn cinnteach – tro bhith a’ cruthachadh is a’ toirt taic gu cunbhalach do dhreuchdan ann an saidheans, anailis agus einnseanaireachd san riaghaltas – gum bi ar co-obraichean uile uidheamaichte gus an làn-chomasan a choileanadh agus gun urrainn dhaibh a bhith ealanta is sùbailte nan obair mar thoradh air sgiobaidhean obrach a bhith ann air feadh Roinn Chùisean na Mara a tha ag obair thar dhiofar roinnean-eòlais ann an dòigh aonaichte agus a rèir clàr-ama sònraichte.
Daoine
’S e a’ chiad rud a tha dhìth oirnn, Daoine, agus cruthaichidh sinn àite-obrach fìor mhath a tha a’ cur taic – mar phrìomhachas – ri iomadachd, in-ghabhalachd, agus ri bhith a’ leasachadh thàlantan dhaoine feuch an tèid sgioba-obrach glè sgileil, feòrachail agus cruthachail a thrusadh, a thrèanadh agus a ghleidheadh. San ùine ri thighinn, bidh measgachadh de luchd-obrach a dhìth oirnn le sgilean saidheans is einnseanaireachd farsaing agus le eòlas mionaideach, spèisealta air raointean sònraichte. Nì sinn cinnteach – tro bhith a’ cruthachadh is a’ toirt taic gu cunbhalach do dhreuchdan ann an saidheans, anailis agus einnseanaireachd san riaghaltas – gum bi ar co-obraichean uile uidheamaichte gus an làn-chomasan a choileanadh agus gun urrainn dhaibh a bhith ealanta is sùbailte nan obair mar thoradh air sgiobaidhean obrach a bhith ann air feadh Roinn Chùisean na Mara a tha ag obair thar dhiofar roinnean-eòlais ann an dòigh aonaichte agus a rèir clàr-ama sònraichte.
Mar phàirt de sin, bidh sinn ag obair gu dlùth còmhla ris a’ Phrìomh Neach-comhairleachaidh Shaidheansail ùr, an Ceannard Dhreuchdan airson Saidheans aig Roinn Chùisean na Mara is Riaghaltas na h-Alba a thuilleadh air na ceannardan proifeiseanta aig Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara fhèin gus dèanamh cinnteach gu bheil slighean adhartais soilleir agus cothroman leasachaidh againn a bheir dhuinn àrainneachd obrach le ìrean-coileanaidh àrda far an urrainn do ar co-obraichean soirbheachadh agus an làn-chomasan a choileanadh fhad ’s a bheir iad buaidh fhollaiseach air cùisean do dh’Alba.
Cuideachd, cumaidh sinn oirnn a’ dèanamh cinnteach gun cruthaich sinn àrainneachd far am bi ar co-obraichean a’ cur nam modhan-obrach as fheàrr an sàs a thaobh saidheans is poileasaidhean an riaghaltais agus iad a’ cumail ri comhairle aontaichte an riaghaltais agus cleachdaidhean coitcheann a thaobh neo-eisimeileachd is treibhdhireas ann an saidheans. Mar thoradh air mar a tha ùr-ghnàthachadh aig cridhe na ro-innleachd seo, bidh sinn cuideachd a’ toirt leasachadh gu cunbhalach air gach pàirt de ar n-obair. Togaidh sinn com-pàirteachasan agus brosnaichidh sinn co-obrachadh air feadh Alba, agus sin mar phàirt dhen ‘DNA’ againn, gus an luach as fheàrr a ghleidheadh do dh’Alba bho na thèid a chosg air saidheans, fianais agus dàta ann am Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara.
Dàta is Teicneòlas Didseatach
’S e an dàrna rud a chuidicheas sinn gus an ro-innleachd a choileanadh, ar Dàta is Teicneòlas Didseatach - nuair a choileanas sinn Ro-innleachd Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara airson Saidheans is Ùr-ghnàthachadh, feumaidh sinn a coileanadh ann an dòigh a tha a’ gabhail ealla ri geallaidhean is amasan didseatach Riaghaltas na h-Alba a chithear ann an Dùthaich a tha ag atharrachadh: mar a shoirbhicheas le Alba ann an saoghal didseatach, agus ann an Ro- innleachd na h-Alba airson Tùr-fuadain (AI).
Airson Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara, tha sin a’ ciallachadh, agus sinn a’ cumail ri prionnsapalan a thaobh soilleireachd agus a bhith a’ co-phàirteachadh ar stòrasan a chum maith na h-Alba, gun cuir sinn romhainn seirbheisean dàta is fiosrachaidh sàr mhath is so- ruigsinneach a lìbhrigeadh, a bhios a’ freagairt air feumalachdan Riaghaltas na h-Alba, ar luchd-compàirt agus luchd-ùidhe mar phàirt dhen obair ro-innleachdail againn mu choinneimh na h-eaconamaidh ghorm. Le bhith a’ dèanamh sin, bheir sinn leudachadh air ar comasan a thaobh dàta airson modaileadh agus teicneòlas ùr. Nithear sin, mar eisimpleir, ann an cuid a shuidheachaidhean tro ‘Bhun-structair Stèidhichte air Cloud’.
Gus rian a chumail gu h-èifeachdach air an dàta agus an dàta a cho-roinn, bidh Buidheann- stiùiridh Chùisean na Mara a’ cumail ri prionnsapalan FSEA (furasta a lorg, so-ruigsinneach, eadar-obrachail agus gabhar ath-chleachdadh), gus dàta ath-chleachdadh nuair as urrainnear agus nuair tha e ceadaichte. Tha na prionnsapalan sin a’ toirt dòigh-obrach mhath dhuinn gus piseach a thoirt air ar stiùbhardachd agus ar riaghladh dàta, agus nì sin cinnteach gun cùm sinn oirnn a’ foillseachadh dàta fosgailte mar thaic do sgrùdaidhean saidheansail ann an dòigh shoilleir is earbsach.
Ri linn ùr-ghnàthachadh is teicneòlas ùr, leithid Tùr-fuadain (AI), tha cothroman ann a thaobh obair sgrùdaidh is obair mhodailean a nithear air àrainneachd na mara agus uisgeachan eile agus a thaobh na tuigse a th’ againn orra (me, tro holocam beag, drònaichean no soithichean-aigeil). Gus am feum as fheàrr a dhèanamh de na cothroman sin, cosgaidh Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara airgead air, agus cruthaichidh iad, modhan didseatach gus cuibhreannan mòra de dhàta a làimhseachadh, a bhios nas trice is nas trice air an cruinneachadh aig an dearbh-àm a tha iad ag èirigh no faisg air.
Seach gum bi barrachd dàta a’ tighinn a-steach nas luaithe na chleachd a bhith a’ tachairt, cruthaichidh Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara comasan, bun-structair, agus uidheaman gus modailean a dhèanamh de ar cuantan agus gus feum a dhèanamh de AI agus modailean cànain mòra airson sgrùdaidhean èifeachdach, aithrisean agus tar-shealladh fhaotainn.
Tha teicneòlas ùr a’ nochdadh fad an t-siubhail, leithid mhodhan-sgrùdaidh neo-mhillteach a chleachdas DNA (DNAa) a bhios air fhàgail le fàs-bheairtean ann an àrainneachd na mara agus uisgeachan eile. Tha leithid a theicneòlas a’ toirt chothroman sònraichte dhuinn gus tuigse ùr fhaotainn air cùisean ach faodaidh e a bhith car coimheach dhuinn no dh’fhaodadh gur e teicneòlas deuchainneach a th’ ann. Gus dèiligeadh ris an dùbhlan sin, agus sinn a’ dèanamh an fheum as motha de na cothroman ùra, cruthaichidh sinn àrainneachd airson na h-obrach seo a tha fosgailte is feòrachail agus a tha ag amas air cur ri stòrasan fianaise na h-Alba. Le bhith a’ toirt cothrom do nas urrainn dhuinn de dhaoine air ar dàta, fianais agus sgrùdaidhean, chan e a-mhàin gun cuirear barrachd earbsa san fhianais againn, ach cuideachd cruthaichidh sinn stòrasan luachmhor ùra air an urrainn do dhaoine eile togail.
Bun-structair
’S e an ath rud a dhìth oirnn airson ar ro-innleachd, bun-structair. Seach gun do chaill sinn aon de ar prìomh thoglaichean is deuchainn-lannan san làrach againn ann an Obar Dheathain, nì sinn cinnteach gum bi na deuchainn-lannan a thèid a thogail na àite freagarrach airson nan amasan san ro-innleachd seo fhad ’s a tha sinn a’ dol an sàs san obair a tha ga dèanamh ann an Alba gus an roinn phoblach ath-leasachadh. Tha ciad chòmhraidhean gan cumail an-dràsta aig ìre ro-innleachdail agus sinn ag obair gus goireasan sàr mhath a chruthachadh a bhios a’ ciallachadh gun urrainn do dh’Alba a h-inbhe a ghleidheadh mar aon de phrìomh dhùthchannan na cruinne airson chùisean mara.
Tha dà shoitheach rannsachaidh aig Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara an-dràsta. Tha sinn air cur romhainn obrachadh còmhla ri luchd-compàirt air feadh Alba airson dèanamh cinnteach gu bheil sinn ag obair ann an co-bhuinn gus frithealadh air ar feumalachdan mar Dhùthaich Eileanach aig a bheil soithichean rannsachaidh aig muir. Bidh againn ri dèanamh cinnteach gu bheil sinn comasach air an ro-innleachd ùr agus an lèirsinn airson na h-eaconamaidh ghorm a choileanadh fhad ’s a nì sinn cinnteach cuideachd gun cruthaich sinn uiread as lugha as urrainn dhuinn de charbon agus sinn a’ dèanamh feum de leasachaidhean ùra leithid tùr-fuadain, ròbotan is carbadan fèin-stiùiridh. Feumaidh comasan gu leòr a bhith againn a thaobh a bhith a’ trusadh, a’ stòradh, a’ co-phàirteachadh agus a’ cumail rian air dàta gus taic a chumail ris an obair a nithear le ar soithichean aig muir.
Tha sinn air cur romhainn dèanamh cinnteach gum bi co-ionannachd chothroman ann do ar co-obraichean air tìr agus air bòrd nan soithichean againn aig muir, gu h-àraidh ann an dreuchdan ceannais. Gus cuideachadh le sin, tha sinn air an t-slighe Prìomh Neach-saidheans (PNS) a stèidheachadh gus am bi na dreuchdan ceannais sin nas eadar-mheasgaichte, nas in- ghabhalaiche agus gus am bi barrachd co-ionannachd ann. Leis an t-slighe PNS tha dòighean- obrach soilleir is cunbhalach ann gus luchd-obrach saidheans (a’ gabhail a-steach an fheadhainn a tha a’ tilleadh a dh’obair) agus luchd-saidheans a tha aig ìre thràth nam beatha dhreuchdail a bhrosnachadh agus uidheamachadh gus an dreuchd PNS a ghabhail os làimh air bòrd nan soithichean againn aig muir.
Bidh ar soithichean cuideachd fìor chudromach do ar n-oidhirpean gus tuigse nas fheàrr fhaotainn air ar Stòrasan Mara Nàdarra agus bidh iad ri obair sgrùdaidh is mheasaidh aig muir, mar eisimpleir nuair a bhios an ath thionndadh dhen Phlana Mhara Nàiseanta deiseil.
Contact
Email: marinedirectorate@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback