Ro-innleachd airson Saidheans Mara is Ùrghnàthachadh

’S e seo an Ro-innleachd ùr airson Saidheans Mara is Ùr-ghnàthachadh aig Riaghaltas na h-Alba. Tha i a’ cur amasan an cèill airson saidheans mara agus ùr-ghnàthachadh ann an Alba agus a’ stèidheachadh sia builean gus barrachd bhuannachdan fhaighinn bho ar n-obair saidheans, fianais agus dàta.


4. An Ath Cheum

Gus an ro-innleachd ùr airson saidheans is ùr-ghnàthachadh a choileanadh, feumaidh sinn obrachadh ann an com-pàirt ri iomadh duine is buidheann eile agus tòrr conaltraidh a dhèanamh riutha, agus feumar feum a dhèanamh de gach goireas, tàlant is stòras a gheibhear ann an Alba. Fhad ’s a tha sinn a’ dèanamh sin, bidh againn ri ealla a ghabhail ri mar a tha prìomhachasan Riaghaltas na h-Alba (RnA), agus an ro-innleachd fhèin airson saidheans is ùr-ghnàthachadh, mar phàirt de RnA san fharsaingeachd agus co-theacsa nàiseanta is eadar- nàiseanta. ’S e aon de na ciad cheumannan a thèid a ghabhail: a’ dèanamh sgrùdadh air na comasan a th’ ann an Alba agus nas urrainnear a dhèanamh a thaobh saidheans is obair ùr- ghnàthach co-cheangailte ris a’ mhuir agus uisgeachan eile, agus bhiomaid airson obrachadh air sin còmhla ri ar luchd-compàirt mar phàirt dhen ath-cheum.

Tha sinn air cur romhainn co-chonaltradh a dhèanamh ri luchd-ùidhe agus luchd-compàirt gus dèanamh cinnteach gun tèid obair èifeachdach is buadhach a dhèanamh thar na geàrr-ùine, na meadhan-ùine agus na h-ùine-fhada gus dàta a chruinneachadh agus gus rian a chumail air agus gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom air an dàta sin. Mar phàirt de sin, bidh sinn a’ co-phàirteachadh an eòlais a gheibhear tro bhith a’ cur na ro-innleachd an gnìomh agus sinn ag innse dhan choimhearsnachd air fad mu dheidhinn feuch am faigh iad buannachdan às. Bidh sinn cuideachd a’ cur ar prìomhachasan rannsachaidh an cèill tron obair-dhearbhaidh a nithear a thaobh Raointean Rannsachaidh Cudromach (RRC).

Tha sinn a’ dol a chruthachadh plana obrach a-nis gus an ro-innleachd a chur an sàs agus sinn a’ togail air an obair a rinneadh gus an ro-innleachd seo a dhealbh le àireamh mhòr de cho-obraichean bho thaobh a-muigh ar roinne, luchd-ùidhe is luchd-compàirt agus le co- obraichean poileasaidh, obrach is saidheans. Mar phàirt dhen phlana obrach seo feumar sùil a thoirt air fàire agus coimhead ris an àm ri teachd gus dèanamh cinnteach gum bi na sgilean (mar eisimpleir, an fheadhainn a bhios a dhìth airson eadar-ghluasad cothromach is leigeil leis a’ choimhearsnachd pàirt a ghabhail ann an cùisean), an t-eòlas agus an dàta againn a bhios a dhìth oirnn gus dèiligeadh ri atharraichean air an àrainneachd a thig oirre nas luaithe is nas luaithe. Cuideachd, bidh againn ri cothromachadh a dhèanamh eadar na tha a dhìth a thaobh ar stòrasan nàdarra agus na tha a dhìth airson eaconamaidh làidir, fhallain.

Contact

Email: marinedirectorate@gov.scot

Back to top