Ro-innleachd airson Saidheans Mara is Ùrghnàthachadh

’S e seo an Ro-innleachd ùr airson Saidheans Mara is Ùr-ghnàthachadh aig Riaghaltas na h-Alba. Tha i a’ cur amasan an cèill airson saidheans mara agus ùr-ghnàthachadh ann an Alba agus a’ stèidheachadh sia builean gus barrachd bhuannachdan fhaighinn bho ar n-obair saidheans, fianais agus dàta.


5. Buidheachas

Tha tòrr dhaoine air cuideachadh le bhith a’ cruthachadh na ro-innleachd ùir seo agus air an adhbhar sin bu toil leinn taing a thoirt do ar co-obraichean uile ann am Buidheann-stiùiridh Chùisean na Mara agus Riaghaltas na h-Alba airson an cuid saothrach, taice, ùine agus bheachdan.

Mar an ceudna, bu toil leinn taing a thoirt do ar co-obraichean a tha ag obair ann an coimhearsnachdan, an lùib obair acadaimigeach, ann an gnothachasan agus san roinn charthannais airson an cuid ùine is mholaidhean agus an cuid dhraghan is mhiannan a thaobh àrainneachd na mara is nan uisgeachan, a chuidich sinn le bhith a’ dealbh na ro-innleachd ùir seo.

Tha sinn gu mòr nur comain agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri daoine gus an ro-innleachd ùr a chur an gnìomh airson Alba.

Contact

Email: marinedirectorate@gov.scot

Back to top