Scotland's seas: towards understanding their state

Scotland's seas: towards understanding their state.


Roi-ràdh

Aig deireadh an t-Samhradh 2007, dh' iarr Riaghaltais na h-Alba air Seirbheisean Rannsachaidh an Iasgaich ( FRS), Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba ( SEPA) agus Dualchas Nàdair na h-Alba ( SNH) tighinn còmhla gus staid na mara ann an Alba a' mheasadh. Anns an aithisg seo, tha am fiosrachadh co-theacsa agus clàr-uidheim de data ag amas fiosrachadh a thoirt seachad gus Bile Mara na h-Alba a' leasachadh ann an 2008. Tha an tiotal Marannan na h-Alba: a dh'ionnsaigh tuigse air an staid a' dearbhadh an cuspair agus an adhbhar. Tha leasachadh ga dhèanamh an drasda gus aithisg nas domhainn air Staid Marannan na h-Alba a' sgrìobhadh airson 2010.

Cha deach aithisg mar seo a' cho-bhualadh riamh ron a seo . Chaidh a' chiad measadh air staid na cuantan anns an Rìoghachd Aonaichte a dhèanamh ann an 2002. Tha na coimhearsnachdan mara na h-Alba, an cuid bheathaichean agus lusan a tha a' toirt taic dha, na goireas luachmhor gu nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Tha e air bhathar agus seirbheisean a thoirt seachad airson linntean a agus tha e a' cuir ri ìomhaigh nàiseanta ann an iomadach dòigh agus a' toirt dhuinn "àite" anns an t-Saoghal. Le poileasaidhean mara ann an Alba, an Rìoghachd Aonaichte agus 'san Roinn Eòrpa ga leasachadh gu luath, tha an aithisg Albannach seo a' tighinn ann an deagh am agus ann an dòchas gun fhritheil seo mar grad-smuain gu feadhainn eile.

Dh'fhaighnich Riaghaltas na h-Alba air coimhearsnachd fharsaing luchd-saidheans is acadaimigeach na Mara a chuir ris a seo. Tha sinn toilichte a ràdh gu robh an fhreagairt a fhuair sinn bhon fhiathachadh seo gu buidhnean ann an Alba agus 'san Rìoghachd Aonaichte uabhasach math.

Thèid am measadh seo a' thairgse do Rùnaire a' Chaibineit bho comhairlichean riaghaltais ann an co-obrachadh leis an coimhearsnachd fharsaing agus an obair a' rinn cuid aithnichte agus luachmhor. Cumaidh sinn oirnn ag obair còmhla gus aithisg Staid Marannan na h-Alba a' leasachadh ann an 2010.

Robin Cook Ceannard Seirbheisean Rannsachaidh an Iasgaich signature

Robin Cook
Ceannard Seirbheisean Rannsachaidh an Iasgaich

Campbell Gemmell Ceannard Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba signature

Campbell Gemmell
Ceannard Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba

Ian Jardine Ceannard Dualchas Nàdair na h-Alba signature

Ian Jardine
Ceannard Dualchas Nàdair na h-Alba

Contact

Email: Central Enquiries Unit ceu@gov.scot

Back to top