Scotland's seas: towards understanding their state

Scotland's seas: towards understanding their state.


Giorrachadh Gnìomhach

Tha leasachadh 'Marannan na h-Alba: a dh'ionnsaigh tuigse air an staid' na chiad cheum cudromach ann a bhith a' toirt air adhart na molaidhean a thàinig bhon Bhuidheann Comhairleachaidh air Ro-innleachd na Mara is a' Chost agus Comataidh Leasachaidh Dhùthchail, a bharrachd air a bhith a' steidheachadh slat-tomhais a chleachdar gus poileasaidhean mara is costail eile san àm ri teachd a thomhais. 'S e ceum air adhart gus lèirsinn Riaghaltas na h-Alba a choileanadh airson 's gum bi marannan againn a tha "glan, fallain, sàbhailte, torach agus eugsamhail a thaobh bith-eòlas" agus "air an riaghladh gus feumalachdan fad-ùine nàdair agus daoine a fhreagairt". Bidh rannsachadh nas fharsaing, Staid Marannan na h-Alba, a' leantainn na h-aithisg eadar-amail seo ann an 2010.

Tha iomadh inneal-putaidh reachdail is uallaich a' toirt taic dha lèirsinn Riaghaltas na h-Alba. Aig ìre eadar-nàiseanta, tha seo a' toirt a-staigh OSPAR, a tha a' gabhail a-steach ceann an ear-thuath an Atlantaig, agus grunn riaghailtean Eòrpach, nam measg Riaghailt Frèam Ro-innleachd na Mara, Riaghailt Frèam Uisge agus Riaghailt Àrainnean agus Eòin. Tha clàr-gnothaich poileasaidh na Roinn Eòrpa ag amas air inbhe "àrainneachd mhath" no "eag-eòlas math" a choileanadh agus a ghleidheadh oir thathas ag aithneachadh gu feum an àrainneachd agus a structar is gnìomh eag-eòlasach a ghleidheadh ma tha iad a' dol a mhairsinn mar àitean a tha torach gu h-eaconamach agus a tha comasach air slàinte is math an t-sluaigh a thaiceadh. Tha seo ga tionndadh gu poileasaidh dachaigh tro lèirsinn an Riaghaltais agus reachdas dachaigh.

Tha an t-uabhas aig nàdar marannan na h-Alba air a shuidheachadh aig oir sgeilp mhòr-thìreach far a bheil an doimhneachd a' tuiteam bho 250m gu doimhneachd mòr-chuanach de chòrr is 2,000m. Tha uisgeachan blàth nan cuantan bhon iar-dheas a' cumail sìde na h-Alba tlàth. A bharrachd air a seo, tha iad a' toirt seachad beathachadh a tha a dhìth gus carbon a ghlacadh tro photosynthesis, a ghleidheas an dà chuid an sreath-bìdh eadar-fhighte agus beairteas eugsamhlachd bith-eòlasach na mara.

Tha costa na h-Alba a' toirt taic dhan t-uabhas de chur-seachadan eaconamach agus cleasachail. Mar eisimpleir, tha comas aig na h-uisgeachan costail lùth leantainneach a ghineadh, fhad 's a tha a' chuid as motha de dh'ola is gas air a tharraing bho uisgeachan caran eu-domhainn a' Chuain a Tuath. Tha puirt na h-Alba a' làimhseachadh an uiread de dh'ola amh, gual agus bathar 'tioram' eile a bharrachd air a bhith nan ionadan bàrcachd airson còrr is 10 millean neach-siubhail gach bliadhna.

Tha fianais air staid marannan na h-Alba a' tighinn bho ghrunn thaisbeanairean agus iomadh tobar. 'S iad Seirbheisean Rannsachaidh an Iasgaich, Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba agus Dualchas Nàdair na h-Alba na buidhnean aig a bheil dleastanas gnìomhach airson an dàta a chruinneachadh, a stiùbhardachd agus aithris a thoirt air. Tha dualchas fada air a bhith aig Alba ann an rannsachadh mara agus tha buidhnean eile, a' toirt a-staigh buidhnean bho thaobh a-muigh na h-Alba, cuideachd a' toirt fiosrachadh seachad gus mìneachadh a thaiceadh. Tha an dàta a tha a' meòrachadh staid fhisiceach agus bith-eòlasach marannan na h-Alba agus aithisgean eile a chaidh a tharraing bhon dàta seo, air an cur ann eàrr-ràdh na h-aithisg seo.

Tha gnàth-shìde na mara mu thimcheall na h-Alba ag atharrachadh ann an dòigh a bhios ag adhbharachadh gun atharraich sgaoileadh is pailteas bheathaichean mara, agus ma dh'fhaoidte gun atharraich an costa, cho stoirmeil is a tha na marannan is àirdean thuinn. Tha teothachd an uisge a' fàs aig ìre 0.2 - 0.4°C gach deichead, a' leantainn air aomaidhean coltach anns a' Chuan a Tuath agus an Atlantaig a Tuath. Tha leudachadh tearmach nan cuantan agus eigh-shruthan a tha leaghadh a' ciallachadh gu bheil àirde na mara ag èirigh. Ged a tha na h-ìrean seo caochlaideach, tha 12% de chosta na h-Alba fo bhleith mar-thà agus tha dùil gum fàs seo anns an àm ri teachd. Thathas a' faicinn àrdachadh fad-ùine ann an ìrean saillteachd, is tha searbhachadh nan cuantan, mar thoradh air barrachd carbon dà-ogsaid air eadar-sgaoileadh, na dhùbhlan sònraichte do bheathaichean mara.

Marannnan glan is sàbhailte

Tha tòrr eadar-obrachadh eadar lùths ann an uisgeachan a' chost, mar eisimpleir, tuinn, lìonaidhean mara agus sruthan, agus bleith is grùideachadh. 'S ann mar thoradh air bleith talmhainn no costa a tha grùid, is a' chuid as motha dhiubh sin a' laighe mu dheireadh ann an àiteachan beag-lùtha. Tha seo a' fàgail pàtran de ghrùid air grunnd na mara agus bidh feadhainn dhiubh, mar eisimpleir Fladen Ground, gu math torrach a thaobh iasgach. Tha stòr de truaillidhean anns an grùid seo a dh'fhaodadh a dhol a-steach gu sreath-bìdh an t-sluaigh ach tha sgrùdadh a' sealltainn gu bheil ìsleachadh air tighinn air uallach thruaillidhean thar na 20 bliadhna a dh'fhalbh.

Tha ìsleachadh anns an fharsaingeachd air tighinn air ìrean truailleachd ann am beòil aibhnichean airson 's gun robh riaghladh ag adhbharachadh nach deach an uiread de mheatailtean is truailleachd organaigeach a leigeil ann an aibhnichean. Co-dhiù, tha àiteachan truaillte ann fhathast agus feumar sùil gheur a thoirt air stuthan fuadain a bhios a' dol an sàs ann an sreath-bìdh na mara, oir ma dh'fhaoidte gum bi buaidh aca air biota ann an dòighean seòlta ach cunnartach. Cha deach an ìre de naitroidsean a' dol a-steach dhan mhuir, a' mhòr chuid bho àiteachas, sìos ged nach eil ann an-dràsta ach buaidhean ionadail ann am feadhainn de bheòil-aibhnichean beaga a' chost' an ear. Tha e coltach nach e rud sìmplidh a tha ag adhbharachadh luath-leudachadh algach tocsaineach agus chan eil fianais ann an-dràsta gur e truailleachd a tha aig cnag na cùise. Tha sgudal mara fhathast na dhuilgheadas air iomadh tràigh, agus tha seo cunnartach do dh'ainmhidhean. Thar an 10 bliadhna a dh'fhalbh tha ionadan-otrachais nas fheàrr agus suidheachadh leigeil nas fhreagarraiche air truailleachd bacteriach thràighean ìsleachadh, ach fhathast, tha feum air barrachd riaghladh air uisge a' ruith a-steach bho iomadh rud àiteachail is bailteil. Tha buaidhean cuideachd, gu h-ionadail anns an fharsaingeachd ge-tà, aig leigeil rèidio-beò, fuaimean-mara, agus uisge blàth air a leigeil.

Marannan fallain agus eugsamhail

Aig fìor bhonn sreathan-bìdh mara tha coimhearsnachdan phytoplankton. Tha gineamhainn ùr mar as trice a' tachairt ann an sgìrean far a bheil na h-aibhnichean a' toirt beathachadh dhan mhuir, ach ann an uisgeachan na h-Alba, tha mòran den bheathachadh a' tighinn bho uisge a tha a' sruthadh a-steach bhon Atlantaig. Tha seo a' fagail marannan na h-Alba an ìre mhath beairteach a thaobh gineamhainn, is tha seo ag adhbharachadh beairteas ann an àireamh iasg mara. Uile gu lèir, tha gineamhainn ann an uisgeachan na h-Alba ann an staid mhath, ach o chionn ghoirid, tha atharrachaidhean mòra air tighinn air sgaoileadh zooplankton a bhios a' biathadh air phytoplankton. Tha àireamh ghnèithean blàth-uisge air a dhol an-àirde agus àireamh ghnèithean fuar-uisge air a dhol sìos. Chan eil fhios fhathast dè buaidh aig a' cheann thall a dh'fhaodhadh a bhith aig an atharrachadh seo air sreathan-bìdh, agus, mar thoradh air seo, tha feadhainn den bheachd gu bheil na h-atharrachaidhean seo ann an àireamhan zooplankton na chùis-iomagain. Cuideachd, chan eil fhios dè buaidh a bhios ann air lusan is ainmhidhean marannan na h-Alba (mu 6,500, a' streap gu 40,000 ma thèid meanbh-lusan a ghabhail a-steach).

Tha feadhainn de na h-àrainnean mara as fheàrr ann an Eòrpa aig Alba, is àireamh dhiubh glè chugallach. Ged a tha ar cuid eòlais a' tighinn air adhart, cha deach pàirtean de mharannan na h-Alba a rannsachadh fhathast, is ma dh'fhaoidte gun tèid feadhainn de na coimhearsnachdan cugallach seo a mhilleadh no a chall mus bi fios againn gu bheil iad ann idir. Dhen 17 taisbeanairean staid bith-eugsmhlachd Albannach a chaidh aithneachadh, tha 5 a' buntainn gu sònraichte ri àrainneachd na mara. Tha iad seo a' cuideachadh gus sealladh farsaing a thoirt air cho fallain is a tha marannan na h-Alba. Gu ruige seo, chaidh 34 Ionadan Sònraichte Glèidhteachais ainmeachadh ann am marannan na h-Alba, a' gabhail a-steach7 diofar àrainnean (56 feartan) agus 3 gnèithean. Tha measadh ùr a' sealltainn gu bheil 97% de na feartan a chaidh a sgrùdadh anns na làraich seo ann an staid shoirbheasach. Chaidh dìon a bharrachd a thoirt air na làraich nach robh ann an staid cho math, ach ma dh'fhaoidte gun toir e deicheadan, no fiù 's linntean, gus an tèid feadhainn dhiubh am feabhas.

Marannan torrach

'S ann air gnìomhan ceangailte ris a' mhuir (gun a bhith a' gabhail a-steach ola is gas) a thèid luach £2.2 billean a chur le staitistearachd an Riaghaltais agus mu 50,000 obraichean. A dh'aindeoin seo, tha e doirbh tomhas a dhèanamh air de chuireas a' mhuir ri eaconamachd na h-Alba uile gu lèir, no a bheilear a' gabhail làn brath air a chomas. Tha e follaiseach, ge-tà, gu bheil a' mhuir a' toirt seachad bun-stèidh do raon farsaing de ghnìomhachasan cudromach. Tha còrr is 99% de thuathanachas-uisge mara an RA stèidhichte ann an Alba is gu bheil planaichean ann toradh a leudachadh fhathast. Ged nach eil feadhainn de sholair iasg cho torrach is a b' urrainn dhaibh a bhith, tha solair mhaoraich ann an staid mhath anns an fharsaingeachd. Tha tarraing ola is gas fhathast a' cur gu mòr ris an eaconamaidh (air a thomhas aig mu £20 billean a bharrachd air làn-thoradh dùthchail ann an 2005), is gun bhuaidh mhòr air an àrainneachd. Tha coltas ann gum fàs lùth-mara leantainneach a bhith na bhathar cudromach ùr bho mharannan na h-Alba ged a tha mì-chinnt ann mun bhuaidh aige air an àrainneachd.

Ath cheumannan

'S e an ath cheum anns a' phroiseas leantainneach seo aithisg Staid Marannan na h-Alba a thoirt a-mach ann an 2010. Mar phàirt den phroiseas tha feum ann air co-òrdanachadh nas fheàrr a leasachadh gus an tig saidheans mara is gnìomhachasan còmhla. Cuideachd feumar raon nas fharsainge de thaisbeanairean mara a leasachadh a bhios a' gabhail ealla ris na grunn rudan a bhuaileas air pàirt sam bith den mhuir. Mu dheireadh thall, tha feum ann freagairt a thoirt do Riaghailt Frèam Ro-innleachd Mara na h-Eòrpa.

Gus dèanamh cinnteach gu bheil marannan na h-Alba air an cleachdadh ann an dòigh sheasmhach, feumaidh deagh stiùireadh a bhith ann cho math ri rannsachadh is sgrùdadh saidheansail dhen ìre as àirde. Bidh seo a' dearbhadh gum bi marannan na h-Alba glan, sàbhailte, fallain, torrach agus eugsamhail airson na ginealaichean ri tighinn.

Cuiridh na h-ùghdaran fàilte air fios air ais sam bith mun aithisg seo, agus tha iad a' brosnachadh duine sam bith an ceisteachan aig deireadh na h-aithisg a lìonadh. No faodar beachdan a chur gu StateofScotlandsSeas2010@scotland.gsi.gov.uk

Contact

Email: Central Enquiries Unit ceu@gov.scot

Back to top