Scottish social housing charter: Gaelic translation

Gaelic translation of the Charter which helps to improve the quality and value of services provided by social landlords in Scotland. It sets the standards and outcomes that all social landlords should aim to achieve when performing their housing activities.


Ro-ràdh

1 Inbhe na Cairte

1.1 Mar a dh'fheumar fo earrainn 31 de dh'Achd an Taigheadais (Alba) 2010, tha Ministearan na h-Alba, ann an Cairt Taigheadais Shòisealta na h-Alba seo, a' stèidheachadh nan ìrean seirbheis agus nam builean air am bu chòir dhan a h-uile uachdaran sòisealta a bhith ag amas nuair a tha iad a' coileanadh na h-obrach is nan gnìomhan taigheadais aca.

1.2 Chaidh a' chiad Chairt a chur an gnìomh air 1 Giblean 2012 agus chaidh ath-bhreithneachadh a dhèanamh air ann an 2016 agus 2021. Fhuair a' Chairt ath-dheasaichte aonta bho Phàrlamaid na h-Alba air 5 Dàmhair, agus chaidh a chur an gnìomh bho 1 Samhain 2022 agus bidh e fhathast an gnìomh gus an cuir a' Phàrlamaid aonta ri Cairt ùr.

1.3 Mus do chuir iad a' Chairt ath-dheasaichte air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba airson aonta, agus mar a dh'fheumas iad fo earrainn 33 de dh'Achd 2010, chùm Ministearan na h-Alba co-chomhairleachadh agus iad a' sireadh bheachdan Riaghladair Taigheadais na h-Alba; luchd-gabhail ann an taigheadas sòisealta agus na buidhnean riochdachaidh aca; uachdarain shòisealta; daoine gun dachaigh; agus luchd-ùidhe eile mu shusbaint na Cairte. Ghabh iad ealla ris na beachdan aca uile gus dèanamh cinnteach gu bheil na leanas fìor mu shusbaint na Cairte:

  • gu bheil i a' mìneachadh nam builean a tha luchd-gabhail agus luchd-ceannaich eile an dùil a choileanas uachdarain shòisealta
  • gu bheil i a' toirt iomradh air an obair is gnìomhan taigheadais a-mhàin a nì uachdarain shòisealta
  • gun gabh i a sgrùdadh, a measadh agus gun gabh aithris a dhèanamh oirre le Riaghladair Taigheadais na h-Alba.

1.4 Chan eil a' Chairt a' dol an àite gin de na dleastanasan laghail a th' air uachdarain shòisealta, ach ann an grunn phàirtean dhith tha na builean is ìrean a' mìneachadh nan toraidhean a bu chòir do dh'uachdarain shòisealta a choileanadh nuair a tha iad a' cumail ris na dleastanasan laghail aca.

2 Adhbhar na Cairte

2.1 Tha a' Chairt a' cuideachadh gus piseach a thoirt air buadh is luach nan seirbheisean a bhios uachdarain shòisealta a' toirt seachad, agus tha i a' toirt taic do Bhuilean Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba a thaobh choimhearsnachdan, na h-àrainneachd agus chòraichean daonna, builean a tha a' toirt dealbh dhuinn air an t-seòrsa Alba a tha sinn ag iarraidh fhaicinn. Nì a' Chairt sin le bhith:

  • a' cur an cèill gu soilleir na bu chòir do luchd-gabhail is luchd-ceannaich eile a bhith a' sùileachadh bho uachdarain shòisealta, agus le bhith gan cuideachadh gus toirt air uachdarain uallach a ghabhail airson na nì iad
  • ag iarraidh air uachdarain shòisealta a bhith a' dèanamh oidhirp gus builean a choileanadh a tha cudromach dhan luchd-cheannaich aca
  • a' toirt shlatan-tomhais do Riaghladair Taigheadais na h-Alba gus measadh is aithris a dhèanamh air mar a tha uachdarain a' coileanadh nan dleastanasan aca. Tha am measadh seo a' leigeil leis an Riaghladair, uachdarain shòisealta, luchd-gabhail agus luchd-ceannaich eile raointean a chomharrachadh far a bheil deagh ìrean-coileanaidh ann agus raointean far a bheil leasachadh a dhìth.

2.2 Cuideachd, bidh aithisgean an Riaghladair a' cuideachadh Riaghaltas na h-Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil maoineachadh poblach airson taigheadas sòisealta ùr ga thoirt a-mhàin do dh'uachdarain a tha a' ruighinn ìrean-coileanaidh matha a rèir nam measaidhean.

3 Mìneachadh air agus brìgh nam builean is nan ìrean

3.1 Tha a' chòir air taigheadas iomchaidh na chòir dhaonna fo laghan eadar-nàiseanta. Tha gach buil is ìre sa Chairt a' toirt taic dhan chòir sin le bhith a' stèidheachadh ìrean is bhuilean a bu chòir do dh'uachdarain shòisealta a chur an sàs airson an luchd-gabhail is luchd-ceannaich aca agus iad a' toirt seachad dhachaighean is sheirbheisean sàr mhath.

3.2 Tha seachd earrainnean sa Chairt, a' gabhail a-steach: co-ionannachd; an dàimh eadar an neach-ceannaich/uachdaran; càileachd is gleidheadh an taigheadais; nàbaidheachd is coimhearsnachd; cothrom air taigheadas agus taic; a' faighinn luach math bho chosgaisean màil is seirbheise; agus luchd-ceannaich eile. Tha 16 builean is ìrean uile-gu-lèir innte a bu chòir do dh'uachdarain shòisealta a choileanadh. Tha na builean is ìrean a' buntainn ris a h-uile uachdaran sòisealta, ach a-mhàin àireamh 12 a tha a' buntainn dìreach ri comhairlean agus na dleastanasan aca a thaobh daoine gun dachaigh; agus àireamh 16 a tha a' buntainn ri comhairlean agus uachdarain shòisealta chlàraichte a bhios a' stiùireadh làrach do Shiopsaich/Luchd-siubhail.

3.3 Anns gach earrainn gheibhear mìneachadh goirid air co-theacsa na buile no na h-ìre, a' gabhail a-steach raointean obrach/gnìomhachd ris am buin i agus eisimpleirean de dhleastanasan laghail buntainneach co-cheangailte rithe. Chan eil am mìneachadh mar phàirt dhen bhuil, agus chan eil e ag innse do dh'uachdarain shòisealta mar a choileanas iad i. Tha e an urra ri gach uachdaran mar a nì iad sin, agus nì iad an co-dhùnadh sin an co-bhuinn ri an luchd-gabhail is luchd-ceannaich eile.

3.4 Tha na builean gus dèanamh cinnteach gu bheil co-ionannachd, conaltradh is com-pàirt ann a' buntainn ri gach earrainn dhen Chairt.

4 A' measadh mar a choileanas uachdarain shòisealta na builean is ìrean

4.1 Tha e mar uallach air uachdarain shòisealta na builean is ìrean sa Chairt a choileanadh. Tha iad cunntachail dhan luchd-ghabhail is luchd-ceannaich eile aca a thaobh cho math 's a choileanas iad na builean is ìrean. Bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach gu bheil na siostaman aca gus rian a chumail agus aithris a dhèanamh air ìrean coileanaidh: a' sealltainn cho math 's a tha iad a' coileanadh nam builean; a' comharrachadh raointean sam bith far a bheil leasachadh a dhìth; agus ga dhèanamh comasach dhaibh aithris a dhèanamh dhan luchd-ghabhail is luchd-ceannaich eile aca agus do Riaghladair Taigheadais na h-Alba.

4.2 Fo Achd 2010, tha e mar uallach air Riaghladair Taigheadais na h-Alba sgrùdadh, measadh is aithris a dhèanamh air cho math 's a tha uachdarain shòisealta, fa leth agus iad uile còmhla, a' coileanadh builean na Cairte.

5 A' dèanamh ath-sgrùdadh is ath-dheasachadh air a' Chairt

5.1 Mura h-eil duilgheadasan mòra ann a tha a' ciallachadh gum bu chòir atharraichean a thoirt air a' Chairt, bidh i an gnìomh airson còig bliadhna bho 1 Samhain 2022. Ann an co-bhuinn ri luchd-ùidhe ann an 2026, nì Ministearan sgrùdadh air a' bhuaidh a th' aice air ìrean-coileanaidh, càileachd agus luach seirbheisean nan uachdaran sòisealta, agus air an fheum a nì i do luchd-gabhail agus luchd-ceannaich eile, uachdarain shòisealta agus do Riaghladair Taigheadais na h-Alba.

Contact

Email: michael.boal@gov.scot

Back to top