Scottish social housing charter: Gaelic translation

Gaelic translation of the Charter which helps to improve the quality and value of services provided by social landlords in Scotland. It sets the standards and outcomes that all social landlords should aim to achieve when performing their housing activities.


Càileachd is gleidheadh an taigheadais

4: Càileachd an taigheadais

Bidh uachdarain shòisealta a' stiùireadh a' ghnothachais aca gus am bi:

dachaighean an luchd-ghabhail, nuair a gheibh iad iad, daonnan aig a' char as lugha glan, sgiobalta agus ann an staid mhath, a' coileanadh Ìrean Càileachd Taigheadais na h-Alba (ICTA), agus inbhe togail sam bith eile a tha ga cur an sàs rè ùine a' ghabhaltais; agus a' cumail ris na h-Ìrean buntainneach a thaobh Èifeachdas Cumhachd agus Teas gun Sgaoilidhean.

Tha na h-ìrean seo a' cur an cèill na nì uachdarain anns gach togalach aca. Tha iad a' gabhail a-steach a h-uile togalach a tha uachdarain shòisealta a' toirt seachad air mhàl, ach nuair nach fheum togalach sònraichte pàirt dhen ìre a choileanadh.

Ma thachras, airson adhbharan sòisealta no teicnigeach, nach urrainn do dh'uachdarain pàirt sam bith dhe na h-ìrean seo a choileanadh, bu chòir dhaibh ath-sgrùdadh a dhèanamh gu cunbhalach air an t-suidheachadh agus dèanamh cinnteach gun toir iad piseach air cùisean cho luath 's as urrainn dhaibh.

5: Càradh, gleidheadh is leasachaidhean

Bidh uachdarain shòisealta a' stiùireadh a' ghnothachais aca gus am bi:

dachaighean luchd-gabhail air an gleidheadh gu math, agus thèid obair chàraidh is leasachaidh a dhèanamh nuair a bhios feum air, agus gheibh luchd-gabhail roghainn reusanta a thaobh cuin a nithear an obair.

Tha a' bhuil seo a' mìneachadh mar a bu chòir do dh'uachdarain na dleastanasan reachdail aca a choileanadh a thaobh obair chàraidh agus gum bu chòir dhaibh obair chàraidh, ghleidhidh agus seirbheisean leasachaidh a thoirt seachad a nì dìon air luach an taigheadais aca agus a ghabhas ealla ri na tha an luchd-gabhail ag iarraidh agus na b' fheàrr leotha. Mar phàirt dhe sin, dh'fhaodadh gun tèid prìomhachasan is clàran-ama càraidh a stèidheachadh; gun tèid slatan-tomhais airson obair chàraidh a stèidheachadh leithid obair chàraidh a dhèanamh gu ceart a' chiad turas, ann an àm; agus gun tèid measadh a dhèanamh air cho riaraichte 's a tha an luchd-gabhail leis na seirbheisean a gheibh iad.

Contact

Email: michael.boal@gov.scot

Back to top