Scottish social housing charter: Gaelic translation
Gaelic translation of the Charter which helps to improve the quality and value of services provided by social landlords in Scotland. It sets the standards and outcomes that all social landlords should aim to achieve when performing their housing activities.
Fios mun chainnt
Thathar a' cleachdadh cuid a dh'abairtean/fhaclan air feadh na Cairte, agus tha mìneachadh orra gu h-ìosal.
Achd an Taigheadais (Alba) 2010, earrainn 31
Thathar ag ràdh ann an Earrainn 31 dhen Achd:
'Feumaidh Ministearan ìrean seirbheis is builean a stèidheachadh air am bu chòir do dh'uachdarain shòisealta a bhith ag amas nuair a tha iad a' coileanadh na h-obrach is nan gnìomhan taigheadais aca.
Canar "Cairt Taigheadais Shòisealta na h-Alba" ris an sgrìobhainn anns am faicear na h-ìrean is builean sin.'
Builean Nàiseanta
Tha a' Chairt a' toirt taic do na builean, gum bi daoine:
- a' fuireach ann an coimhearsnachdan a tha in-ghabhaltach, làidir, sàbhailte agus aig a bheil cumhachd
- a' cur luach is a' gabhail tlachd anns an àrainneachd aca agus a' cur dìon is a' toirt piseach oirre
- a' toirt spèis do, a' cur dìon air agus a' toirt chòraichean daonna gu buil agus beò gun leth-bhreith.
Buil
- 'S e a th' ann am buil, rud a tha sinn a' miannachadh a thachras.
- Tha a' Chairt a' stèidheachadh nam builean a bu chòir do dh'uachdarain shòisealta a choileanadh airson an luchd-ghabhail is luchd-ceannaich eile aca.
- Chan ann mu dheidhinn na nì uachdarain a tha a' Chairt no mu dheidhinn mar a nì iad e. 'S ann mu dheidhinn na bhios a' tachairt nuair a bhios luchd-ceannaich a' faighinn sheirbheisean bho uachdarain a tha i.
Riaghladair Taigheadais na h-Alba
'S e buidheann neo-eisimeileach a th' anns an Riaghladair a stèidhich Pàrlamaid na h-Alba gus uallach a ghabhail airson daoine a tha no a dh'fhaodadh a bhith gun dachaigh, luchd-gabhail aig uachdarain shòisealta, no luchd-cleachdaidh nan seirbheisean a bhios uachdarain shòisealta a' toirt seachad. Bidh an Riaghladair a' dèanamh sgrùdadh, measadh agus aithris air na h-ìrean coileanaidh aig uachdarain mu choinneimh bhuilean is ìrean na Cairte.
Ìrean Càileachd Taigheadais na h-Alba (ICTA)
'S e a th' anns an ICTA, a' phrìomh dhòigh aig Riaghaltas na h-Alba tomhas a dhèanamh air cho math 's a tha taigheadas sòisealta ann an Alba.
Taigheadas sòisealta
Taigheadas a bheir comhairlean no comainn thaigheadais seachad fo Ghabhaltas Tèarainte Albannach no Geàrr-ghabhaltas Tèarainte Albannach.
Uachdaran Sòisealta
- Comhairle a tha na h-uachdaran.
- Uachdaran neo-phrothaid, clàraichte le Riaghladair Taigheadais na h-Alba (mar eisimpleir, comann taigheadais, no co-chomann).
- Comhairle aig nach eil sealbh air taigheadas ach tha a' toirt sheirbheisean taigheadais seachad, mar eisimpleir, seirbheisean do dhaoine gun dachaigh.
Neach-ùidhe/Luchd-ùidhe
Neach no buidheann aig a bheil ùidh ann an taigheadas sòisealta agus an dòigh sa bheil e air a riaghladh. Seo agaibh eisimpleirean de luchd-ùidhe:
- Riaghladair Taigheadais na h-Alba.
- Luchd-gabhail aig uachdarain shòisealta agus na buidhnean a tha a' riochdachadh luchd-gabhail.
- Daoine gun dachaigh agus buidhnean a tha gan riochdachadh.
- Daoine a bhios a' cleachdadh sheirbheisean taigheadais a bheir uachdarain shòisealta seachad agus buidhnean a tha a' riochdachadh an luchd-chleachdaidh sin.
- Uachdarain shòisealta agus buidhnean a tha gan riochdachadh.
- Luchd-creideis tèarainte aig uachdarain shòisealta chlàraichte agus buidhnean a tha a' riochdachadh an luchd-chreideis sin.
- Coimisean Chunntasan na h-Alba.
- Coimisean na Co-ionannachd agus Coimisean nan Còraichean Daonna agus buidhnean eile le uallach airson chothroman co-ionann.
Ìre
Ìre càileachd a bu chòir dhan a h-uile uachdaran sòisealta a choileanadh.
Luchd-gabhail agus luchd-ceannaich eile
- Daoine a tha nan luchd-gabhail aig uachdaran sòisealta mu thràth.
- Daoine a dh'fhaodadh a bhith nan luchd-gabhail san ùine ri thighinn – mar eisimpleir, cuideachd a tha air cur a-steach airson gabhaltas.
- Daoine gun dachaigh.
- Daoine a tha a' cleachdadh seirbheis taigheadais a bheir uachdaran sòisealta seachad – mar eisimpleir, daoine aig a bheil sealbh air taigh a phàigheas uachdaran sòisealta gus seirbheis factair a thoirt seachad, no Siopsaich/Luchd-siubhail a chleachdas làraich a bheir uachdaran sòisealta seachad dhaibh.
Contact
Email: michael.boal@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback