Seirbheis Nàiseanta a' Chùraim Aithris air Buannachdan

Tha e a’ cur an cèill nam buannachdan a dh’fhaodas tighinn bhon t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta, tro reachdas agus co-dhealbhachadh. Tha e a’ sealltainn far a bheil ’s dòcha feum air barrachd fianaise a thrusadh agus barrachd breithneachaidh gus cuideachadh le co-dhùnaidhean a thaobh cruth is lìbhrige


Leas-phàipear

Mar a tha cùram sòisealta ag obair aig an àm seo

Tha taic cùram sòisealta air a lìbhrigeadh le raon farsaing de chom-pàirtichean. Tha seo a' gabhail a-steach buidhnean sna roinnean poblach agus prìobhaideach agus san treas roinn. Tha cùram sòisealta air a thoirt seachad ann an dachaighean dhaoine, a' gabhail a-steach tro chùram air astar agus cùram le comas teicneòlais, ann an àiteachan còmhnaidh agus dachaighean cùraim no sa choimhearsnachd san fharsaingeachd, agus tha e a' gabhail a-steach mòran comhairle agus seirbheisean taice.

Aig an àm seo, tha ùghdarrasan ionadail an urra ri obair shòisealta agus taic cùram sòisealta, agus tha uallach air bùird slàinte ionadail airson seirbheisean slàinte. Tha iad ag obair còmhla mar ùghdarrasan amalachaidh gus feumalachdan na sgìre aca a mheas agus gus seirbheisean slàinte agus cùram sòisealta stèidhichte sa choimhearsnachd a phlanadh agus a choimiseanadh, a' cleachdadh maoineachadh a chaidh a thoirt seachad leis an ùghdarras ionadail agus leis a' bhòrd slàinte. Tha na rèiteachaidhean seo iom-fhillte agus tha iad a' fàgail nach bi e soilleir do dhaoine far an tèid iad nuair a bhios feum aca air taic. Tha na seirbheisean a gheibh daoine uaireannan eadar-dhealaichte air feadh na dùthcha cuideachd.

Tha uallach air com-pàirteachasan slàinte is cùram sòisealta anns gach sgìre ionadail gus seirbheisean slàinte is cùram sòisealta stèidhichte sa choimhearsnachd a lìbhrigeadh às leth an ùghdarrais amalachaidh, a' gabhail a-steach obair shòisealta inbheach agus taic cùram sòisealta inbheach, cùram bunaiteach agus seirbheisean slàinte coimhearsnachd do dh'inbhich. Tha uallach air cuid de sgìrean ionadail cuideachd airson slàinte chloinne, obair shòisealta chloinne is theaghlaichean agus cùram sòisealta, obair shòisealta ceartais, agus daoine gun dachaigh agus taic taigheadais.

Chomharraich an IRASC duilgheadasan le seo. Mar cho-bhuidheann eadar an t-ùghdarras ionadail agus am bòrd slàinte, cha bhi Com-pàirteachasan Slàinte is Cùram Sòisealta a' fastadh luchd-obrach. Tha na buidseatan aca air an aontachadh agus air an riarachadh leis a' Bhòrd NHS agus leis an ùghdarras ionadail seach tro mhaoineachadh dìreach. Tha an t-Àrd Oifigear cunntachail dhan dà bhuidhinn. Chan eil seirbheis de dheagh chàileachd agus air a dheagh amalachadh daonnan air tighinn bho na rèiteachaidhean iom-fhillte seo mar a bhathar an dùil, ged a thathar ag aithneachadh gu bheil ìrean soirbheachaidh eadar-dhealaichte air feadh na h-Alba.

Mar eisimpleir, tha eadar-dhealachaidhean ann ambuileachadh dhleastanasan Achd a' Chùram Shòisealta (Taic Fhèin-stiùirichte) (Alba) 2013, a chaidh a bhuileachadh ann an 2014 ann an diofar àiteachan air feadh na h-Alba. Tha an Achd a' cur dleastanas air ùghdarrasan ionadail a bhith a' tabhann na h-uimhir de smachd a tha iad ag iarraidh air an taic agus air a' bhuidseit. Bho chaidh an Achd a chur an gnìomh, rinneadh grunn lèirmheasan air Taic Fhèin-stiùirichte, a' gabhail a-steach Sgrùdadh Alba agus Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim, a tha air neo-chunbhalachd a shealltainn ann am buileachadh Taic Fhèin-stiùirichte ann an diofar àiteachan ann an Alba. Tha iad seo a' gabhail a‑steach:

  • Neo-chunbhalachd mìneachaidh agus buileachaidh - Atharrachadh ann an ìre cleachdaidh nan ceithir diofar roghainnean air feadh na dùthcha. Atharrachadh cuideachd ann an cleachdadh thar buidhnean luchd-cleachdaidh seirbheis eile.
  • Fiosrachadh agus Comhairle - Tha neo-chunbhalachd ann a thaobh comhairle agus fiosrachadh, a' fàgail gu bheil dìth tuigse agus misneachd aig luchd-cleachdaidh seirbheis.
  • Sgioba-obrach - Tha an luchd-obrach uaireannan a' faireachdainn gu bheil còmhstri ann eadar fòcas air measadh stèidhichte air builean agus planadh cùraim stèidhichte air na tha cudromach dhan neach fa leth agus na slatan-tomhais ion-roghnachd a th' ann mar-thà.

Contact

Email: NationalCareService@gov.scot

Back to top