Learning for sustainability: action plan 2023 to 2030 - Gaelic translation

Scotland's learning for sustainability action plan 2023 to 2030 "Target 2030: A movement for people, planet and prosperity " aims to build an inspiring movement for change so every 3 to 18 place of education becomes a sustainable learning setting by 2030.


Ar lèirsinn

“Ceann-uidhe 2030” – Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach

Gum bi iomairt bhrosnachail ann gus cùisean atharrachadh feuch am bi gach àite airson foghlam 3-18 na Àite-ionnsachaidh Seasmhach ro 2030.

Tha na tha luchd-ionnsachaidh is luchd-oideachaidh ag iarraidh soilleir: feumar barrachd a dhèanamh airson dèanamh cinnteach gum faigh A H-UILE neach-ionnsachaidh cothrom air IiS mar a bu chòir. Tha clann is daoine òga ag iarraidh gum bi amasan àrda ann agus gun tèid gnìomhan a dhèanamh gus cùisean atharrachadh. Tha làn-thuigse aca air cho cudromach ’s a bhios a’ ghnàth-shìde is ceartas sòisealta, co-ionannachd is ionnsachadh a-muigh dham beatha fhèin is dhan obair aca fhèin san ùine air thoiseach san 21mh linn agus tha iad airson gum bi na nithean sin mar phàirt brìoghmhor dhen ionnsachadh làitheil aca agus de gach ceum dhen turas ionnsachaidh aca.

Feumaidh sinn atharrachadh a thoirt air cùisean aig astar nas luaithe agus ar luchd-ionnsachaidh oideachadh airson an ama ri teachd. Le bhith a’ stèidheachadh IiS mar bhunait do dh’fhoghlam na h-Alba san ùine air thoiseach, chan e a-mhàin gum bi sinn ag obair gus adhartas a dhèanamh mar a dh’iarr luchd-ionnsachaidh oirnn, ach thèid againn air tòrr a bharrachd a choileanadh cuideachd.

Ma tha sinn a’ dol a choileanadh ar n-amasan poileasaidh a thaobh Cinn-uidhe an UN airson Leasachadh Seasmhach (CLS), Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte airson Chòraichean Pàiste, a’ ghnàth-shìde is cothromachadh-carboin, bith-iomadachd, eaconamaidh chuairteagach, agus cruth-atharrachadh air cùisean eaconamach is sòisealta, feumaidh muinntir na h-Alba cuideachadh, agus iad a’ faighinn taic san fhoghlam aca.

Ge-tà, chan e dìreach Alba a tha nas fheàrr a tha fa-near dhuinn: tha sinn ag amas air saoghal nas fheàrr. Tha sinn am measg grunn dhùthchannan a tha ag obair gus amasan CLS an UN a choileanadh airson 2030. Fhad ’s a tha sinn ag obair gu ruige ar ceann-uidhe, feumaidh sinn beachdachadh air a’ chòrr dhen t-saoghal agus air an ùine ri thighinn agus obrachadh le dùthchannan eile – nì sinn sin le bhith air ceann na h-iomairt nuair as urrainn dhuinn, ach cuideachd le bhith ag obair còmhla ri agus ag ionnsachadh bho dhaoine eile. Chan eil ar lèirsinn is plana gnìomh dìreach airson cuid a dhaoine, tha iad airson a h-uile duine.

Sa Phlana Ghnìomh IiS ùr, làidir seo, tha lèirsinn dhàna ùr, “Ceann-uidhe 2030”, anns a bheil 5 prìomh raointean agus 25 gnìomhan. Tha e a’ toirt luaidh air agus a’ togail air na dòighean-obrach sàr-mhath a th’ ann an Alba airson foghlam seasmhachd, ach tha e cuideachd a’ gabhail ealla ri agus a’ feuchainn ri dèiligeadh ris na nithean a chuireas stad oirnn bho bhith a’ toirt na tha san amharc dhuinn gu buil.

Tha sinn ag iarraidh air a h-uile pàiste is neach òg, inbheach a tha na neach-ionnsachaidh, neach-oideachaidh, pàrant, ceannard agus neach-co-dhùnaidh cuideachadh gus atharraichean a thoirt air cùisean sna coimhearsnachdan is raointean aca fhèin, taic is brosnachadh a thoirt do dhaoine eile agus innse dhuinn mun adhartas a nì iad.

’S e a tha dhìth co-bhanntachd de dhaoine a tha ro dheònach cuideachadh, iomairt a chum saoghal ùr. Feumaidh sinn a bhith innleachdach is dàna. Feumaidh sinn a dhol an sàs ann an co-chruthachadh, co-dhealbhachadh agus feumaidh sinn làn-fheum a dhèanamh de ar goireasan is beachdan-smuain. ’S e a tha dhìth #Sgiobanah-Alba. Tha sinn gu mòr an dòchas gu bheil an aon lèirsinn agaibh fhèin agus gun cuidich sibh sinn le bhith ga toirt gu buil.

Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean

AINM SGRÌOBHTE AN SEO

A’ Bhuidheann Stiùiridh airson Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd

Contact

Email: learningforsustainability@gov.scot

Back to top