Learning for sustainability: action plan 2023 to 2030 - Gaelic translation

Scotland's learning for sustainability action plan 2023 to 2030 "Target 2030: A movement for people, planet and prosperity " aims to build an inspiring movement for change so every 3 to 18 place of education becomes a sustainable learning setting by 2030.


Ar Gnìomhan

Raon 1: Ceannas is Compàirteachas Co-obrachail

Tha ceannas a dhìth airson iomairt gus cùisean atharrachadh, leithid IiS, bho gach duine a tha cudromach dhan iomairt aig a h-uile ìre: bho am measg clann is dhaoine òga, luchd-oideachaidh, pàrantan is luchd-cùraim, ceannardan àiteachan-ionnsachaidh, stiùirichean ùghdarrasan ionadail is an cuid luchd-obrach, comhairlichean ionadail, caidreachasan leasachaidh roinneil, buidhnean nàiseanta agus riaghaltas nàiseanta. ’S ann mu dheidhinn co-cheannas a tha an raon seo le cuideam ga chur ar “Ceann-uidhe 2030”, lèirsinn a chaidh neartachadh airson IiS. Thathar ag iarraidh air gach duine is buidheann bhuntainneach gabhail ris na dleastanasan sònraichte a th’ orra a thaobh IiS, agus obrachadh còmhla gus IiS fhighe a-steach dhan obair aca airson Ceann-uidhe 2030 a choileanadh.

Raointean

Ceannas is Compàirteachas Co-obrachail

Àir.

Ceannas is Compàirteachas Co-obrachail

Àir.

1

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

“Ceann-uidhe 2030” IiS: Iarrtas airson Ghnìomhan

Foillsichidh Riaghaltas na h-Alba is Foghlam Alba am prògram aca airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, “Ceann-uidhe 2030”, gu h-oifigeil san t-Sultain 2023, agus iad a’ foillseachadh Iarrtas airson Ghnìomhan dhan a h-uile pàiste is duine òg, neach-oideachaidh, ceannard foghlaim, buidheann nàiseanta, ùghdarras ionadail agus buidheann roinneil.

Leis an Iarrtas airson Ghnìomhan, bithear ag iarraidh air buidhnean an gealladh airson 2030 fhighe a-steach dha na planaichean leasachaidh, ro-innleachdail is corporra aca, agus dhan fhrèam churraicealaim is obair aca fhèin.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir do gach àite Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd a chur an sàs air feadh an àite-ionnsachaidh ann an dòighean a tha buadhach, a ghabhas dearbhadh, a thèid a mheasadh agus a gheibh taic bho cheannardan aig gach ìre.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Taghadh farsaing de phoileasaidhean is suidheachaidhean ann an tràth-ionnsachadh, sgoiltean, agus ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd.

Fo stiùir

Riaghaltas na h-Alba is Foghlam Alba.

Clàr-ama

Thèid an t-Iarrtas airson Ghnìomhan fhoillseachadh san t-Sultain 2023.

Thèid an gealladh iomlan a thaobh Ceann-uidhe 2030 a choileanadh ro dheireadh 2030.

Àir.

2

Àir.

2

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

“Ceann-uidhe 2030” IiS: Ath-sgrùdadh Ro-innleachdail air Maoineachadh IiS

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, nì Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh air gach tobar mhaoineachaidh nàiseanta a bhuineas ri IiS, leis an amas gum faigh an obair ro-innleachdail gus an gealladh a choileanadh uiread de thaic is goireasan as urrainn tro bhith a’ cur cuideam as ùr air a’ cheann-uidhe.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir dòighean-obrach ro-innleachdail, nàiseanta a stèidheachadh gus taic a chumail ri Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Leasachadh proifeiseanta do luchd-oideachaidh.

Fo stiùir

Riaghaltas na h-Alba.

Clàr-ama

Tòisichidh an t-ath-sgrùdadh as t-samhradh 2023.

Aithisg an ath-sgrùdaidh deiseil ro dheireadh a’ Ghearrain 2024.

Àir.

3

Àir.

3

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

“Ceann-uidhe 2030” IiS: Lìonra Comhairleachaidh IiS Ùr

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, obraichidh Foghlam Alba còmhla ri prìomh luchd-compàirt sa Bhuidhinn Stiùiridh airson IiS gus prògram ùr a dhealbh is a chur an gnìomh gus lìonra comhairleachaidh co-thaiceil airson IiS a stèidheachadh.

Leis an obair chomhairleachaidh seo, a ghabhas ealla ri prògraman ceannais a th’ ann mu thràth, thèid lìonraidhean freagarrach a chruthachadh thar nan roinnean airson tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne, foghlam sgoile agus ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd. Bidh e a’ brosnachadh ceannas com-pàirteach, bidh co-obraichean a’ toirt taic do chàch a chèile agus nithear cinnteach gum bi daoine ag obair còmhla is a’ co-roinn fiosrachadh air dòighean-obrach thar roinnean foghlaim nan tràth-bhliadhnaichean, na bun-sgoile agus na h-àrd-sgoile. Thèid co-obrachadh air-loidhne a chur air dòigh tro ghoireasan iomchaidh air am bi cothrom aig a h-uile neach-oideachaidh. Bidh e glè chudromach gum faigh luchd-oideachaidh taic gus, agus gu bheil e comasach dhaibh, pàirt a ghabhail san lìonra, agus mar sin thèid iarraidh air comainn phroifeiseanta luchd-teagaisg agus ùghdarrasan ionadail, mar fhastaichean, taic a chumail ri agus ceasnachadh a dhèanamh air molaidhean mionaideach a’ phrògraim seo.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

A rèir Inbhean Proifeiseanta CCTA, bu chòir do gach neach-teagaisg, ceannard àite-ionnsachaidh is ceannard foghlaim Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd a chur an sàs san obair aca.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Taghadh farsaing de phoileasaidhean is suidheachaidhean ann an tràth-ionnsachadh, sgoiltean, agus ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd.

Leasachadh proifeiseanta do luchd-oideachaidh.

Fo stiùir

Foghlam Alba.

Clàr-ama

Bidh dleastanasan na h-obrach comhairleachaidh seo air an dealbh ron earrach 2024, agus thèid an lìonra a chur an gnìomh bhon fhoghar 2024.

Àir.

4

Àir.

4

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

A’ Bhuidheann Stiùiridh airson IiS

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, agus gus am bi co-cheannas is obair chom-pàirteach ann airson IiS, thèid Buidheann Stiùiridh ùr airson IiS a stèidheachadh. Nì a’ Bhuidheann na leanas:

  • a’ toirt stiùir do mar a thèid Plana Gnìomh ùr airson IiS a dhealbh, a lìbhrigeadh is a chur an gnìomh;
  • a’ co-òrdanachadh mar a thèid ar Gealladh, “Ceann-uidhe 2030”, a choileanadh;
  • a’ stiùireadh is a’ cumail suas co-bhanntachd airson IiS agus a’ brosnachadh uiread as motha as urrainnear de cho-obrachadh is co-òrdanachadh eadar buill is lìonraidhean;
  • a’ dealbh is a’ cur ro-innleachd chonaltraidh an sàs mar thaic dhan ghealladh “Ceann-uidhe 2030”;
  • a’ dèanamh aithris do Mhinistearan na h-Alba air adhartas, agus;
  • bidh iad air an stiùireadh is air an ceasnachadh le Buidheann Cheannais na Cloinne is Dhaoine Òga.
Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir dòighean-obrach ro-innleachdail, nàiseanta a stèidheachadh gus taic a chumail ri Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Taghadh farsaing de phoileasaidhean is suidheachaidhean ann an tràth-ionnsachadh, sgoiltean, agus ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd.

Ro-innleachd airson Ionnsachadh Inbheach, Ro-innleachd airson Obair Òigridh (gu bhith air am foillseachadh).

Fo stiùir

Co-cheannas bhon Bhuidhinn Stiùiridh airson IiS.

Seirbheisean rùnaireachd bho Riaghaltas na h-Alba.

Clàr-ama

Thòisich i san t-Samhain 2022 – fhathast a’ dol.

Àir.

5

Àir.

5

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

IiS ann am Planaichean, Inbhean is Prògraman Nàiseanta

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach:

5 a) Togaidh Riaghaltas na h-Alba air an obair a rinn iad ann an 2023 gus dèanamh cinnteach gum bi IiS air a làn-fhighe a-steach dhan Fhrèam Leasachaidh Nàiseanta (FLN).

5 b) Obraichidh Riaghaltas na h-Alba agus Foghlam Alba còmhla ris gach buidheann chom-pàirteach, a’ gabhail a-steach bhuidhnean buntainneach bhon treas roinn a gheibh maoineachadh bhon riaghaltas, gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ gabhail ealla ri IiS sna prionnsapalan, inbhean, prògraman is planaichean corporra aca. Mar a’ chiad cheum, nì Riaghaltas na h-Alba is Foghlam Alba tomhas, ro dheireadh 2023, air mar a tha buidhnean/planaichean buntainneach a’ gabhail ealla ri IiS. Thèid buidheann sam bith le ceangal ri IiS a bhrosnachadh agus a chuideachadh gus taic a chumail ris an iomairt seo gus cùisean atharrachadh agus ris a’ phlana seo.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir dòighean-obrach ro-innleachdail, nàiseanta a stèidheachadh gus taic a chumail ri Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Leasachadh proifeiseanta do luchd-oideachaidh.

Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd.

Buidhnean bhon treas roinn.

Fo stiùir

5a Fo stiùir: Riaghaltas na h-Alba.

5b Fo stiùir:

Riaghaltas na h-Alba is Foghlam Alba.

Taic bho gach buidheann buntainneach.

Clàr-ama

Ùrachaidhean eile air an FLN mus tèid fhoillseachadh aig deireadh 2023.

Tomhas a dhèanamh air mar a tha buidhnean/planaichean a’ gabhail ealla ri IiS ro dheireadh 2023.

Àir.

6

Àir.

6

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

IiS agus Coileanadh/Co-ionnanachd

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach

6 a) Ro dheireadh 2023, bidh Riaghaltas na h-Alba air sgrùdadh a dhèanamh air an fhianais a th’ ann air a’ cheangal eadar IiS agus coileanadh/co-ionnanachd, gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air a’ bhuaidh a th’ aig IiS air builean airson luchd-ionnsachaidh.

6 b) Ro dheireadh 2023, bidh Riaghaltas na h-Alba is Foghlam Alba air taghadh beag, cuimsichte de ghnìomhan a dhealbh leis an amas IiS fhighe a-steach, gu ìre nas motha, dhan Phrògram, Dùbhlan Coileanaidh na h-Alba.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir do gach àite Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd a chur an sàs air feadh an àite-ionnsachaidh ann an dòighean a tha buadhach, a ghabhas dearbhadh, a thèid a mheasadh agus a gheibh taic bho cheannardan aig gach ìre.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Beàrn choileanaidh co-cheangailte ri bochdainn.

Dùbhlan Coileanaidh na h-Alba.

Fo stiùir

6a Fo stiùir:

Riaghaltas na h-Alba.

6b Fo stiùir:

Riaghaltas na h-Alba is Foghlam Alba.

Clàr-ama

Bidh an sgrùdadh deiseil ro dheireadh 2023.

Àir.

7

Àir.

7

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomhan

A’ Tomhas Soirbheachadh is a’ Toirt Piseach air Cùisean

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach

7 a) Obraichidh Riaghaltas na h-Alba còmhla ri prìomh luchd-compàirt gus Prìomh Chomharran ùra airson IiS a dhealbh is a chur an gnìomh a ghabhas cleachdadh anns gach suidheachadh – me, àite ionnsachaidh, ìre ionadail, ìre roinneil agus ìre nàiseanta. Tha e na amas dhan riaghaltas na comharran ùra fhoillseachadh ro mheadhan 2024. Thèid an obair a dhèanamh ann an co-bhuinn ri luchd-oideachaidh, clann is daoine òga agus nithear cinnteach, leis na comharran ùra, gun tèid ealla a ghabhail ri slatan-tomhais buntainneach a th’ ann an-dràsta feuch am bi modhan-obrach co-aonaichte ann airson gach ìre dhen t-siostam – nàiseanta, ionadail is àite-ionnsachaidh – gus sgrùdadh is measadh a dhèanamh, agus dearbhadh a thoirt seachad, air an adhartas a nithear mu choinneamh gnìomhan a’ phlana seo.

7 b) Ma/nuair a thèid ath-sgrùdadh is ùrachadh a dhèanamh air an fhrèam airson deagh-ghnè airson sgrùdaidhean air àiteachan foghlaim – ‘Dè cho Math ’s a tha ar Sgoil?’ – beachdaichidh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam (HMIE) air mar as urrainnear ealla a ghabhail ri IiS gu ìre nas motha san fhrèam. Cuideachd, agus mar phàirt dhen dleastanas aca gus beachdachadh air cuspairean freagarrach airson sgrùdaidhean-raoin nàiseanta, beachdaichidh HMIE air mar a dh’fhaodadh gu bheil sgrùdadh-raoin nàiseanta a dhìth airson IiS.

7 c) Beachdaichidh Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim air mar as urrainnear ealla a ghabhail ris a’ phlana, “Ceann-uidhe 2030” Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, ann am frèamaichean-obrach a thèid a dhealbh san àm ri teachd airson Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir do gach àite Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd a chur an sàs air feadh an àite-ionnsachaidh ann an dòighean a tha buadhach, a ghabhas dearbhadh, a thèid a mheasadh agus a gheibh taic bho cheannardan aig gach ìre.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Ìrean coileanaidh is piseach air cùisean air feadh siostam an fhoghlaim, TIC is ILC a thuilleadh air raointean freagarrach eile thar Riaghaltas na h-Alba.

Fo stiùir

7a Fo stiùir:

Riaghaltas na h-Alba.

7b Fo stiùir: HMIE.

7c Fo stiùir:

Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim

Clàr-ama

A’ tòiseachadh as t-Earrach 2023, deiseil meadhan 2024.

Clàr-ama ri dhearbhadh ma/nuair a thèid ath-sgrùdadh/ùrachadh a dhèanamh air “Dè cho Math ’s a tha ar Sgoil?”.

Clàr-ama ri dhearbhadh a rèir a’ chlàir-ama a bhios ann gus frèam a dhealbh airson seirbheisean TIC, a’ gabhail a-steach coimhead às dèidh cloinne agus cùram-chloinne do chloinn aois sgoile. Air a choileanadh ron Ghiblean 2024.

Àir.

8

Àir.

8

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

Poileasaidhean Co-aonaichte airson IiS

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach

8 a) Cruthaichidh Riaghaltas na h-Alba uiread chothroman as urrainnear gus IiS fhighe a-steach do dh’ath-leasachaidhean nas fharsainge air foghlam, agus iad a’ dèanamh measadh as ùr air na ceanglaichean eadar IiS agus ath-leasachaidhean foghlaim ro dheireadh na Dùbhlachd 2023.

8 b) Nì Riaghaltas na h-Alba feum de lìonraidhean taobh a-staigh an riaghaltais agus thar sheirbheisean catharra na RA airson na dòighean-obrach is an fheallsanachd th’ aig Alba a thaobh IiS a roinn le càch san RA agus gu h-eadar-nàiseanta, agus gus ionnsachadh bho dhùthchannan eile.

8 c) Stèidhichidh Riaghaltas na h-Alba taghadh de ghnìomhan sònraichte mar thaic do, agus gus leasachadh a thoirt air, IiS ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG). Le seo, bithear a’ gabhail ealla ri agus a’ togail air obair a tha ga dèanamh mu thràth airson dèanamh cinnteach gu bheil cùrsaichean ceannais buntainneach rim faighinn ann an Gàidhlig.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir dòighean-obrach ro-innleachdail, nàiseanta a stèidheachadh gus taic a chumail ri Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Ath-leasachaidhean foghlaim.

Beàrn choileanaidh co-cheangailte ri bochdainn.

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG).

Taghadh farsaing de phoileasaidhean nas fharsainge leithid chòraichean pàiste, atharrachadh na gnàth-shìde, eaconamaidh chuairteagach, bith-iomadachd, ro-innleachdan eaconamach, leasachaidhean eadar-nàiseanta, Bile airson Math Dhaoine is Leasachadh Seasmhach, foghlam adhartach is àrd-ìre, tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne, ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd.

Fo stiùir

8 a – c: Riaghaltas na h-Alba.

Clàr-ama

Measadh air IiS agus ath-leasachaidhean foghlaim air an dèanamh as t-Fhoghar 2023.

Tòisichidh RnA air lìonraidhean na RA agus eadar-nàiseanta a leasachadh sa Ghiblean 2023 agus leanaidh an obair sin gu 2030.

Thèid na gnìomhan airson IiS is FMG a dhealbh tràth ann an 2024.

Àir.

9

Àir.

9

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

GNÌOMH ÙR

Gnìomhan

IiS agus Ceannas is Inbhean Proifeiseanta

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, obraichidh Foghlam Alba còmhla ri luchd-compàirt freagarrach gus dèanamh cinnteach gu bheil IiS air fhighe a-steach, gu ìre nas motha, anns gach prògram ceannais buntainneach thar roinnean nan sgoiltean, an tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne, FMG agus na roinne airson ionnsachadh coimhearsnachd agus ga thoirt seachad a rèir nan inbhean buntainneach co-cheangailte ri Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba, Comhairle Seirbheisean Sòisealta na h-Alba agus Comhairle nan Inbhean airson Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd.

Bidh an obair seo air a cheangal gu dlùth ris an obair gus lìonra comhairleachaidh a stèidheachadh airson IiS.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

A rèir Inbhean Proifeiseanta Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba, bu chòir do gach neach-teagaisg, ceannard àite-ionnsachaidh is ceannard foghlaim Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd a chur an sàs san obair aca.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Taghadh farsaing de phoileasaidhean is suidheachaidhean ann an tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne, sgoiltean, agus ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd.

Fo stiùir

Foghlam Alba.

Clàr-ama

Thèid prògraman buntainneach a chomharrachadh ro dheireadh 2023; thèid geallaidhean a stèidheachadh le luchd-compàirt freagarrach bho thràth ann an 2024.

Raon 2: An Curraicealam, Ionnsachadh, Teagasg is Measadh

Tha clann is daoine òga ag iarraidh gum bi cothroman aca gus pàirt a ghabhail ann an obair is gnìomhachd co-cheangailte ri IiS agus gun urrainn dhaibh teisteanasan a chosnadh mar fhianais air an ionnsachadh sin. Tha an raon seo mu dheidhinn an oideachaidh is an eòlais a gheibh luchd-ionnsachaidh agus mun taic a th’ ann do luchd-oideachaidh gus ionnsachadh brosnachail, buntainneach is buadhmhor a thoirt seachad co-cheangailte ri seasmhachd.

Raointean

An Curraicealam, Ionnsachadh, Teagasg is Measadh

Àir.

10

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

Teisteanasan is Slighean Ionnsachaidh IiS

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, bheir Com-pàirteachas Frèam Chreideasan is Theisteanasan na h-Alba (SCQF) taic a bharrachd do gach buidheann a tha a’ lìbhrigeadh prògram agus a tha an sàs ann a bhith a’ dealbh theisteanasan ùra co-cheangailte ri IiS. Tha e na amas dèanamh cinnteach gun urrainnear aithne a thoirt do leithid a phrògraman agus gun gabh am measadh a thaobh chreideasan feuch an gabh an cur ri Frèam an SCQF.

  • Thèid crìoch a chur air Ire 1 dhen obair seo sa bhliadhna ionmhais 22/23.
  • Thèid Ìre 2 dhen phrògram seo a chumail sa bhliadhna ionmhais 23/34.
Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir làn-chòir a bhith aig a h-uile neach-ionnsachaidh air Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Slighean Luchd-ionnsachaidh, Ath-sgrùdadh Neo-eisimeileach air Teisteanasan is Measaidhean, Còmhradh Nàiseanta air Foghlam.

Fo stiùir

Com-pàirteachas an SCQF.

Clàr-ama

Thèid crìoch a chur air Ire 1 dhen obair seo sa bhliadhna ionmhais 22/23.

Thèid Ìre 2 dhen phrògram seo a chumail sa bhliadhna ionmhais 23/34, ma tha maoineachadh ann.

Raointean

An Curraicealam, Ionnsachadh, Teagasg is Measadh

Àir.

11

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomhan

Com-pàirteachas Co-obrachail airson IiS

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, obraichidh Riaghaltas na h-Alba, Foghlam Alba agus buidhnean nàiseanta buntainneach còmhla ri luchd-compàirt gus coimhead air mar a ghabhas taic is comhairle nas fheàrr a thoirt seachad mar thaic do cho-obrachadh airson IiS aig ìre nàiseanta, ionadail, roinneil agus “ìre co-chruinneachaidh” ionadail. Cuideachd, obraichidh HMIE gus eisimpleirean de dheagh dhòighean-obrach a cho-roinn tro mheadhanan freagarrach.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir do gach àite Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd a chur an sàs air feadh an àite-ionnsachaidh ann an dòighean a tha buadhach, a ghabhas dearbhadh, a thèid a mheasadh agus a gheibh taic bho cheannardan aig gach ìre.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Leasachadh Proifeiseanta airson Luchd-oideachaidh, Caidreachasan Leasachaidh Roinneil.

Fo stiùir

Riaghaltas na h-Alba, Foghlam Alba, HMIE, CSFA agus buidhnean nàiseanta buntainneach.

Clàr-ama

Thèid an aithisg a thoirt dhan Bhuidhinn Stiùiridh airson IiS ro mheadhan 2024.

Raointean

An Curraicealam, Ionnsachadh, Teagasg is Measadh

Àir.

12

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

Com-pàirteachas Co-obrachail airson IiS aig Ìre Roinneil is Nàiseanta

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, neartaichidh Foghlam Alba agus nì iad ceanglaichean eadar is co-òrdanachadh air lìonraidhean IiS gus an urrainn dhaibh a bhith aig teis-meadhan na h-iomairt gus cùisean atharrachadh mar a tha dhìth sa phlana ghnìomh seo. Am measg na feadhna a bhios nam buill de na lìonraidhean tha:

  • daoine ann an dreuchdan poileasaidh is buidhnean nàiseanta
  • daoine ann an dreuchdan ro-innleachdail is leasachaidh aig ìre ionadail is roinneil
  • ceannardan is luchd-obrach foghlaim
  • clann is daoine òga (faicibh gnìomh 4.3)
  • daoine ann am buidhnean com-pàirteach is luchd-ùidhe
Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir dòighean-obrach ro-innleachdail, nàiseanta a stèidheachadh gus taic a chumail ri Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Ceannas, Leasachadh Proifeiseanta airson Luchd-oideachaidh, Caidreachasan Leasachaidh Roinneil.

Fo stiùir

Foghlam Alba.

Clàr-ama

Bidh na lìonraidhean air an cur an gnìomh is air an ceangal ro dheireadh a’ Mhàirt 2024.

Raon 3: An Àrainneachd Ionnsachaidh, Goireasan is Luchd-obrach

Tha ionnsachadh a-muigh na phàirt glè chudromach dhen raon seo. Ann an rannsachadh Pàrlamaid na Cloinne a chaidh a chleachdadh ann a bhith a’ dealbh a’ phlana seo, chaidh iarraidh “Gum bi cothrom aig a h-uile duine-cloinne air ionnsachadh a-muigh air feadh na bliadhna sgoile” agus “Gum bi ionnsachadh a-muigh mar phàirt de gach cuspair san sgoil”. Ach, tha barrachd air dìreach ionnsachadh a-muigh ann. Sheall an rannsachadh airson a’ phlana seo gu bheil luchd-ionnsachaidh is luchd-oideachaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil na h-àiteachan-ionnsachaidh aca a’ cur dhòighean-obrach an sàs a tha a’ gabhail ealla ris an àite-ionnsachaidh air fad agus ris a’ choimhearsnachd. Mar sin, tha an raon seo a’ gabhail a-steach gach nì a bheir buaidh air an àrainneachd ionnsachaidh: goireasan is luchd-obrach leithid nan daoine a tha a’ gabhail pàirt san àrainneachd ionnsachaidh, na togalaichean, làraich, àiteachan coimhearsnachd agus ceanglaichean ri nàdar is stòrasan de sheòrsaichean eile. ’S e a tha fa-near dhuinn leis an raon seo, gach ceum as urrainn do dh’àiteachan foghlaim, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean nàiseanta a ghabhail gus taic a chumail ri cothromachadh-carboin, còraichean cloinne agus saoranachd. Ceumannan leithid mhodhan solarachaidh, poileasaidhean is ro-innleachdan ionadail agus airson àiteachan foghlaim, aontaidhean frèama, cùmhnantan, còmhdhail, stuthan, obair ghleidhidh.

Raointean

An Àrainneachd Ionnsachaidh, Goireasan is Luchd-obrach

Àir.

13

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

An Oighreachd Ionnsachaidh – Bacaidhean is Fuasglaidhean

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach

13 a) Obraichidh Riaghaltas na h-Alba agus Foghlam Alba còmhla gus na modhan-obrach is poileasaidhean as motha a tha a’ cur bacadh air dòighean-obrach fad-sgoile a thaobh IiS a chomharrachadh, agus nithear aithris air sin dhan Bhuidhinn Stiùiridh airson IiS. San obair seo, bheirear sùil air cùisean leithid solarachadh is poileasaidhean (me, a’ roghnachadh luchd-solair cumhachd, seirbheisean-bìdh/cò às a gheibhear biadh agus solarachadh-bìdh, a’ faotainn uidheamachd, seirbheisean còmhdhail, cunnradairean airson obair-ghleidhidh agus na dòighean-obrach aca) agus air bacaidhean nas fharsainge a thaobh chùisean ro-innleachdail is ceannais.

13 b) Nì Foghlam Alba obair thrusaidh gus eisimpleirean de dheagh dhòighean-obrach fad-àite airson IiS a chruinneachadh is a sgaoileadh. Thèid prìomh eisimpleirean agus liosta de na prìomh bhuidhnean taice, prògraman is tobraichean maoineachaidh fhoillseachadh tron ghoireas-lìn ùr airson IiS.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir do gach àite Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd a chur an sàs air feadh an àite-ionnsachaidh ann an dòighean a tha buadhach, a ghabhas dearbhadh, a thèid a mheasadh agus a gheibh taic bho cheannardan aig gach ìre.

Bu chòir do gach togalach, làrach agus poileasaidh aig àite-ionnsachaidh taic a chumail ri Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Ro-innleachd Oighreachd nan Sgoiltean, Ro-innleachd Àrainneachd airson Alba, Ro-innleachd airson Bith-iomadachd, Cothromachadh-carboin, Frèam Planaidh Nàiseanta 4 – nàbaidheachd 20 mionaid.

Fo stiùir

Riaghaltas na h-Alba agus Foghlam Alba.

Clàr-ama

Tòisichidh an obair air “Bacaidhean” ann am meadhan 2023, bidh e deiseil/bidh aithisg ann ro dheireadh a’ Mhàirt 2024.

Tòisichidh an trusadh as t-fhoghar 2023, thèid a chrìochnachadh as t-samhradh 2024.

Raointean

An Àrainneachd Ionnsachaidh, Goireasan is Luchd-obrach

Àir.

14

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

Oighreachd Ionnsachaidh “a tha a rèir IiS” – Stiùireadh is Poileasaidhean

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach:

14 a) Obraichidh Urras na h-Alba airson an Ama ri Teachd còmhla ri prìomh luchd-compàirt, leithid na Buidhne Stiùiridh airson IiS, Riaghaltas na h-Alba (an sgioba airson Maoineachadh, Bun-structair is Eagrachadh Sgoiltean) agus ùghdarrasan ionadail gus ùghdarrasan a bhrosnachadh gu bhith a’ cur nan “10 prionnsapalan” aig Ro-innleachd Oighreachd Ionnsachaidh na h-Alba an sàs ann an stiùiridhean oighreachd agus Ro-innleachdan Oighreachd Ionnsachaidh nan Ùghdarrasan Ionadail.

14 b) Ma thachras gun tèid Riaghailtean airson Àrainnean Sgoiltean ùrachadh, nì Riaghaltas na h-Alba conaltradh ri ùghdarrasan ionadail gus beachdachadh gu cùramach air IiS nuair a thathar ag ùrachadh nan riaghailtean sin.

14 c) Cuiridh Riaghaltas na h-Alba ceumannan an sàs gus dèanamh cinnteach gun neartaich gach buidheann buntainneach bhon treas roinn – a tha ag obair ann an àiteachan foghlaim agus a gheibh tabhartas-maoineachaidh bho Riaghaltas na h-Alba – na riatanasan aca a thaobh mar dh’fheumas an oighreachd is goireasan calpa aca a bhith freagarrach airson IiS. Bithear gu h-àraidh a’ gabhail ealla ris na thathar a’ sùileachadh san Stiùireadh a thaobh IiS airson Dealbhachadh Oighreachdan.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir do gach togalach, làrach agus poileasaidh aig àite-ionnsachaidh taic a chumail ri Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

An Ro-innleachd Cluiche,

Ro-innleachd Àrainneachd airson Alba,

Ro-innleachd airson Bith-iomadachd, Plana airson Atharrachadh na Gnàth-shìde, Ro-innleachd airson Teas ann an Togalaichean, Ro-innleachd Lùtha na h-Alba.

Fo stiùir

Urras na h-Alba airson an Ama ri Teachd.

Clàr-ama

Tòisichidh obair air gach gnìomh sa Ghiblean 2023 le foillseachadh Plana IiS nas làidire agus thèid sgrùdadh a dhèanamh gu cunbhalach air adhartas leis a’ Bhuidhinn Stiùiridh airson IiS.

Raointean

An Àrainneachd Ionnsachaidh, Goireasan is Luchd-obrach

Àir.

15

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

Oighreachd Ionnsachaidh “a tha a rèir IiS” – Stiùiridhean is Goireasan

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, obraichidh Riaghaltas na h-Alba agus Foghlam Alba còmhla ri prìomh luchd-compàirt gus daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ cleachdadh a’ ghoireis airson Measadh Àite mar ghoireas curraicealaim, agus mar phàirt cudromach de phlanadh coimhearsnachd is modhan-planaidh àite agus nuair a thathar ag ullachadh stiùireadh dealbhachaidh airson àiteachan ionnsachaidh.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir do gach àite Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd a chur an sàs air feadh an àite-ionnsachaidh ann an dòighean a tha buadhach, a ghabhas dearbhadh, a thèid a mheasadh agus a gheibh taic bho cheannardan aig gach ìre.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

An Ro-innleachd Cluiche, Ro-innleachd Àrainneachd airson Alba.

Fo stiùir

Riaghaltas na h-Alba is Foghlam Alba.

Clàr-ama

Tòisichidh seo sa Ghiblean 2023 agus thèid sgrùdadh a dhèanamh gu cunbhalach air adhartas leis a’ Bhuidhinn Stiùiridh airson IiS.

Raointean

An Àrainneachd Ionnsachaidh, Goireasan is Luchd-obrach

Àir.

16

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

Ionnsachadh A-muigh an Lùib IiS

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach:

16 a) Cruthaichidh Riaghaltas na h-Alba raon-obrach poileasaidh ùr airson Ionnsachadh A-muigh. Bheir buidheann-obrach nàiseanta taic dhan obair seo agus nì iad aithris do Mhinistearan na h-Alba. Thèid iarraidh air a’ Bhuidhinn taghadh de ghnìomhan a stèidheachadh gus dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine-cloinne cothrom air ionnsachadh a-muigh de gach seòrsa.

16 b) Obraichidh NàdarAlba còmhla ri luchd-compàirt iomchaidh gus: daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ cleachdadh Mapa Nàdair na h-Alba, agus; obair dhearbhaidh a dhèanamh far am bithear a’ cleachdadh Mapa Nàdair na h-Alba agus goireasan eile gus ceangal a dhèanamh eadar àiteachan foghlaim agus lìonraidhean nàdair agus gus barrachd feum a dhèanamh de raointean-uaine ionadail.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir do gach àite Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd a chur an sàs air feadh an àite-ionnsachaidh ann an dòighean a tha buadhach, a ghabhas dearbhadh, a thèid a mheasadh agus a gheibh taic bho cheannardan aig gach ìre.

Bu chòir do gach togalach, làrach agus poileasaidh aig àite-ionnsachaidh taic a chumail ri Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Ionnsachadh a-muigh.

Fo stiùir

Riaghaltas na h-Alba.

NàdarAlba.

Clàr-ama

Bidh an raon-obrach ùr airson ionnsachadh a-muigh is a’ bhuidheann-obrach nàiseanta air an stèidheachadh ro dheireadh 2023.

Thèid sanasachd is obair dhearbhaidh a dhèanamh bhon Ghiblean 2023.

Raon 4: Guthan, Roghainnean is Gnìomhan an Luchd-ionnsachaidh

Le IiS thathar ag iarraidh taic a chumail ri luchd-ionnsachaidh gus roghainnean fiosrach a dhèanamh a thaobh an cuid ionnsachaidh, agus an cuideachadh gus adhartas a dhèanamh, gus soirbheachadh agus gus am bi barrachd comais is misneachd aca. Tha e mar phrìomh phrionnsapal sa phlana seo an ceangal bunaiteach aithneachadh a tha eadar còraichean agus an fheallsanachd aig IiS, a thaobh Guthan, Roghainnean is Gnìomhan an Luchd-ionnsachaidh. Thathar ag amas air saoghal sgoile a chruthachadh far a bheil còraichean air am fighe a-steach dhan ionnsachadh, agus, thathar ag amas air taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh gus gnìomhan a dhèanamh agus soirbheachadh le bhith a’ toirt atharrachadh air cùisean mar shaoranaich ionadail is chruinneil.

Raointean

Guthan, Roghainnean is Gnìomhan an Luchd-ionnsachaidh

Àir.

17

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

Com-Pàirteachas Co-Obrachail airson IiS

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” agus gu sònraichte airson dèanamh cinnteach gum bithear fhathast a’ dèanamh co-chonaltradh brìoghmhor ri luchd-ionnsachaidh mun phlana seo, cuiridh Riaghaltas na h-Alba Buidhnean Ceannais Cloinne is Dhaoine Òga nàiseanta air dòigh airson IiS. Thèid iarraidh air na buidhnean sin cuid de phrìomh bhuilean a’ phlana seo a cho-dhealbhachadh leithid goireas-lìn IiS ùr agus Prìomh Chomharran airson IiS.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir làn-chòir a bhith aig a h-uile neach-ionnsachaidh air Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

CDACP, Còmhradh Nàiseanta, Dùthaich le Cothromachadh-carboin.

Fo stiùir

Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean cloinne is dhaoine òga.

Clàr-ama

Tòisichidh obair dhealbhachaidh is stèidheachaidh airson nam buidhnean sa Ghiblean 2023, agus tòisichidh an obair aca gu ceart nas fhaide air 2023.

Raointean

Guthan, Roghainnean is Gnìomhan an Luchd-ionnsachaidh

Àir.

18

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

Com-Pàirteachas Co-Obrachail airson IiS

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, agus ann an co-bhuinn ris an obair gus lìonra comhairleachaidh a stèidheachadh do luchd-oideachaidh, cuiridh Riaghaltas na h-Alba agus Foghlam Alba lìonraidhean cho-aoisean IiS air chois airson clann is daoine òga. Bidh na lìonraidhean a’ togail air comataidhean eco a th’ ann mu thràth, bidh iad air an dealbh gus daoine òga a chuideachadh le bhith a’ togail cheanglaichean nas làidire ri càch a chèile, le bhith a’ com-pàirteachadh an eòlais a th’ aca air IiS, agus le bhith a’ toirt seachad fios do chàch a chèile air na dòighean a th’ aca gus cùisean atharrachadh san àite fhoghlaim aca.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir làn-chòir a bhith aig a h-uile neach-ionnsachaidh air Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

CDACP, Còmhradh Nàiseanta, Dùthaich le Cothromachadh-carboin.

Fo stiùir

Riaghaltas na h-Alba, Foghlam Alba agus buidhnean cloinne is dhaoine òga.

Clàr-ama

Thèid an t-amas seo a thoirt air adhart an toiseach ann an 2023/24 agus thèid na lìonraidhean a chur an gnìomh ann an 2024/25.

Raointean

Guthan, Roghainnean is Gnìomhan an Luchd-ionnsachaidh

Àir.

19

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomhan

Teisteanasan is Slighean Ionnsachaidh airson IiS

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach

20 a) Obraichidh Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA) còmhla ri Foghlam Alba, Frèam Chreideasan is Theisteanasan na h-Alba agus buidhnean eile, gus dèanamh cinnteach gu bheil IiS follaiseach, agus gun cumar taic ris, anns gach teisteanas is slighe ionnsachaidh a th’ ann, agus san fheadhainn ùra, agus tha sin a’ gabhail a-steach nuair a thèid teisteanasan ùra a dhealbh.

20 b) Obraichidh Leasachadh Sgilean na h-Alba (LSA) còmhla ri prìomh luchd-compàirt gus na dòighean a chomharrachadh, agus a shanasachd, sam faod teisteanasan is slighean ionnsachaidh le ceangal ri IiS cothrom a thoirt do dhaoine air dreuchdan sàr mhath, leithid obraichean uaine a thig bho mar a tha sinn a’ gluasad gu cothromachadh-carboin. Leis a’ ghnìomh seo, bithear ag amas gu h-àraidh air taic do luchd-ionnsachaidh – a tha a’ dol bho fhoghlam sgoile gu colaiste, oilthigh no obair – gus slighean dreuchdail a roghnachadh a bheir taic do shaoghal seasmhach san àm ri teachd, leithid ‘obraichean uaine’. Am measg a’ phrìomh luchd-compàirt bidh, Foghlam Alba, A’ Bhuidheann Stiùiridh Coileanaidh airson Plana Gnìomh Sgilean airson Staing na Gnàth-shìde, Comann Àrainneachd nan Oilthighean is nan Colaistean (EAUC), buidhnean, lìonraidhean is prògraman airson a bhith a’ Cruthachadh Feachd-obrach Òg.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir làn-chòir a bhith aig a h-uile neach-ionnsachaidh air Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Slighean Luchd-ionnsachaidh, Ath-sgrùdadh Neo-eisimeileach air Teisteanasan is Measaidhean, Còmhradh Nàiseanta air Foghlam.

Fo stiùir

An SQA, Foghlam Alba agus Com-pàirteachas an SCQF agus LSA.

Clàr-ama

Tòisichidh an obair sa Ghiblean 2024 agus leanaidh i gu deireadh a’ phlana seo.

Raon 5: Ciall is Tuigse

B’ e aon de phrìomh thoraidhean an rannsachaidh a rinneadh airson a’ phlana seo, gum feumar dèanamh cinnteach gu bheil tuigse cheudna aig gach neach-ùidhe air na tha IiS a’ ciallachadh, agus air prionnsapalan is farsaingeachd IiS. Leis an raon Ciall is Tuigse, thathar ag iarraidh gum bi mìneachadh is slatan-tomhais nas soilleire ann airson IiS feuch am bi e nas fhasa do luchd-oideachaidh, ceannardan ann an sgoiltean, ionadan tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne, àiteachan-ionnsachaidh coimhearsnachd, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean foghlaim a dhol an sàs ann.

Raointean

Ciall is Tuigse

Àir.

20

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

“Ceann-uidhe 2030” IiS – Taic is Comhairle – Goireas-lìn IiS

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, bidh Foghlam Alba, le maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba, a’ coimiseanadh Goireas-lìn IiS anns am bi fiosrachadh air gach raon is taobh de IiS. Nithear na leanas air a’ ghoireas ùr:

  • bidh cothrom ann dhan a h-uile duine tuigse air IiS, agus na prionnsapalan is dòighean-obrach co-cheangailte ris, a roinn le càch.
  • a’ roinn eisimpleirean practaigeach de dh’obair is dòighean-obrach le càch.
  • bidh cothrom air goireasan is comhairle phragtaigeach “a tha freagarrach airson luchd-oideachaidh/daoine òga”.
  • bidh fiosrachadh ann air na cothroman ionnsachaidh proifeiseanta a th’ ann.
  • thèid a cho-dhealbhachadh le taic bho luchd-oideachaidh, clann is daoine òga.
  • bithear ag amas air taic a dh’aona-ghnothach a thoirt do dhaoine ann an sgìrean dùthchail, iomallach, eileanach agus bochda, gus dèanamh cinnteach gum bi co-ionnanachd ann.
  • thèid cumail ris a’ phrionnsapal, “Didseatach mar Chiad Roghainn”.
Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

Bu chòir dòighean-obrach ro-innleachdail, nàiseanta a stèidheachadh gus taic a chumail ri Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd (IiS).

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Cinn-uidhe airson Leasachadh Seasmhach, Leasachadh Proifeiseanta airson Luchd-oideachaidh.

Fo stiùir

Foghlam Alba le taic bhon Bhuidhinn Stiùiridh airson IiS.

Clàr-ama

Bithear a’ coimiseanadh seo san Dàmhair 2023, agus bidh an goireas deiseil san Lùnastal 2024.

Raointean

Ciall is Tuigse

Àir.

21

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomhan

Ionnsachadh Proifeiseanta Fad-Beatha Dhreuchdail (IPFBD) airson IiS – Ceannas is Inbhean

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, bheir Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (CCTA) piseach air a’ cho-chonaltradh a th’ aca le luchd-teagaisg gus dèanamh cinnteach gu bheil IiS air fhighe a-steach do dh’obair-theagaisg a rèir amasan ro-innleachdail ùra CCTA. Mar phàirt de sin, nithear tuilleadh sanasachd is leasachaidh air Goireas IiS CCTA agus thèid beachdachadh air mar as fheàrr as urrainn do CCTA taic a chur ris a’ phàirt co-cheangailte ri luchd-teagaisg sa ghealladh ùr, “Ceann-uidhe 2030”.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

A rèir Inbhean Proifeiseanta CCTA, bu chòir do gach neach-teagaisg, ceannard àite-ionnsachaidh is ceannard foghlaim Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd a chur an sàs san obair aca.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Leasachadh Proifeiseanta airson Luchd-oideachaidh.

Fo stiùir

CCTA agus ionadan airson Ciad-fhoghlam Luchd-teagaisg.

Clàr-ama

Tòisichidh an obair sa Ghiblean 2024 agus leanaidh i gu deireadh a’ phlana seo.

Raointean

Ciall is Tuigse

Àir.

22

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

IPFBD airson IiS – Ceannas is Inbhean

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, obraichidh Riaghaltas na h-Alba còmhla ri Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA), Comhairle Seirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) agus luchd-compàirt iomchaidh eile gus rannsachadh agus aithris a dhèanamh air mar a bu chòir IiS fhighe a-steach gu ìre nas motha do gach bun-theisteanas airson Obair le Clann agus do na slighean TNA[1] agus TDA[2] gu tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne. Cuidichidh sin le bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi luchd-obrach tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne aig gach ìre a’ cur ris na sgilean IiS aca a rèir Frèam Ro-innleachdail airson Luchd-dreuchd na h-Alba airson Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne do Chloinn Aois Sgoile.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

A rèir Inbhean Proifeiseanta CCTA, bu chòir do gach neach-teagaisg, ceannard àite-ionnsachaidh is ceannard foghlaim Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd a chur an sàs san obair aca.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne.

Fo stiùir

Riaghaltas na h-Alba, an SQA agus CSSA.

Clàr-ama

Tòisichidh an rannsachadh as t-Earrach 2023, nithear aithris air tràth ann an 2024.

Raointean

Ciall is Tuigse

Àir.

23

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomhan

IPFBD airson IiS – Ceannas is Inbhean

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, obraichidh Riaghaltas na h-Alba còmhla ri Comhairle Seirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) gus dèanamh cinnteach:

  • gun tèid dòighean-obrach airson IiS ann am foghlam tràth-ionnsachaidh a sgaoileadh is a cho-roinn am measg an luchd-obrach air fad a rèir Frèam Ro-innleachdail airson Luchd-dreuchd na h-Alba airson Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne do Chloinn Aois Sgoile;
  • gun tèid IiS fhighe a-steach do gach slighe ionnsachaidh is slighe eile a leanas daoine gus a dhol an sàs ann an tràth-ionnsachadh agus ionnsachadh coimhearsnachd, agus;
  • gum bithear a’ coimhead air IiS ann an Còd Obrach CSSA airson luchd-obrach tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne agus luchd-obrach ionnsachadh coimhearsnachd.
Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

A rèir Inbhean Proifeiseanta CCTA, bu chòir do gach neach-teagaisg, ceannard àite-ionnsachaidh is ceannard foghlaim Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd a chur an sàs san obair aca.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

A' Coileanadh an Amais, A’ Cluiche A-muigh, Frèam Ro-innleachdail airson Luchd-dreuchd na h-Alba airson Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne do Chloinn Aois Sgoile.

Fo stiùir

Riaghaltas na h-Alba agus CSSA.

Clàr-ama

Tòisichidh an obair sa Ghiblean 2024 agus leanaidh i gu deireadh a’ phlana seo.

Raointean

Ciall is Tuigse

Àir.

24

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomhan

IPFBD, Ceannas is Inbhean

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, stèidhichidh Foghlam Alba agus Comhairle Dheadhan Foghlaim na h-Alba (CDFA) buidheann-obrach nàiseanta ùr a chruthaicheas dòigh choitcheann nàiseanta gus taic a thoirt do IiS ann an Ciad-fhoghlam Luchd-teagaisg.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

A rèir Inbhean Proifeiseanta CCTA, bu chòir do gach neach-teagaisg, ceannard àite-ionnsachaidh is ceannard foghlaim Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd a chur an sàs san obair aca.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Leasachadh Proifeiseanta airson Luchd-oideachaidh.

Fo stiùir

Foghlam Alba agus Comhairle Dheadhan Foghlaim na h-Alba.

Clàr-ama

Bidh a’ bhuidheann-obrach air a stèidheachadh ro dheireadh na Dùbhlachd 2023.

Raointean

Ciall is Tuigse

Àir.

25

Gnìomh Ùr / Gnìomh air a Neartachadh

Gnìomh Ùr

Gnìomhan

IPFBD, Ceannas is Inbhean

Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, obraichidh Riaghaltas na h-Alba, Foghlam Alba agus Comhairle Seirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) còmhla ri luchd-solair phrògraman tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne gus dèanamh cinnteach gu bheil IiS air fhighe a-steach, agus gu bheilear a’ gabhail ealla ris, ann an inbhean airson bun-theisteanasan airson Obair le Clann agus sna slighean TNA[3] agus TDA[4] gu tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne.

Lèirsinn 2030+ Amas Ro-innleachdail

A rèir Inbhean Proifeiseanta CCTA, bu chòir do gach neach-teagaisg, ceannard àite-ionnsachaidh is ceannard foghlaim Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd a chur an sàs san obair aca.

Co-theacsa phoileasaidhean is obrach

Leasachadh Proifeiseanta airson Luchd-oideachaidh.

Fo stiùir

Riaghaltas na h-Alba, Foghlam Alba agus CSSA.

Clàr-ama

Tòisichidh an obair sa Ghiblean 2024 agus leanaidh i gu deireadh a’ phlana seo.

Contact

Email: learningforsustainability@gov.scot

Back to top