Learning for sustainability: action plan 2023 to 2030 - Gaelic translation

Scotland's learning for sustainability action plan 2023 to 2030 "Target 2030: A movement for people, planet and prosperity " aims to build an inspiring movement for change so every 3 to 18 place of education becomes a sustainable learning setting by 2030.


Coileanadh

Dòighean-obrach Co-obrachail, Sùbailte is Mothachail

Gus IiS fhighe a-steach dhan churraicealam, agus gus dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile neach-ionnsachaidh cothrom air, tha sùbailteachd is cruthachalachd a dhìth. Cuideachd, tha taic is gnìomhan leantainneach a dhìth bhon a h-uile duine gus a chur an sàs. Gus am plana seo a chur an gnìomh tha taic is dealas a dhìth “bhuainne” – na daoine is na buidhnean a dhealbh am plana nàiseanta seo – agus taic “bhuaibhse” – luchd-oideachaidh, clann is daoine òga.

’S iad beachdan an Luchd-oideachaidh, an Luchd-ionnsachaidh, Phàrantan agus an Luchd-chùraim a bhios a’ stiùireadh mar a thèid am plana seo a chur an gnìomh, agus gheibh e taic bho na buidhnean nàiseanta a leanas

Na tha sinn a’ sireadh bho luchd-ionnsachaidh, luchd-oideachaidh is prìomh luchd-stiùiridh

Faodaidh a h-uile duine cuideachadh leis an iomairt seo agus ’s urrainn dhuibh taic phrìseil a thoirt dhuinn gus ar lèirsinn choitcheann nàiseanta a thoirt gu buil. Feumaidh #Sgiobanah-Alba a bhith againn.

  • Luchd-ionnsachaidh – Thathar ag iarraidh oirbhse innse dhan riaghaltas mu na rudan a tha cudromach dhuibh, tagradh a dhèanamh gus am faigh sibh cothrom pàirt a ghabhail ann an co-dhùnaidhean a bheir buaidh oirbh, agus dòighean a lorg airson a dhol an sàs gu gnìomhach ann an ionnsachadh is gnìomhan IiS san àite-ionnsachaidh agus sa choimhearsnachd agaibh feuch am faigh sibh cothrom mar bu chòir air IiS.
  • Luchd-oideachaidh – Tha sibhse – tidsearan, luchd-obrach tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne is Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd, luchd-obrach òigridh is luchd-com-pàirt bhon treas roinn – uile a’ nochdadh dìoghras mu thràth airson IiS agus chithear fianais air an sin tron ionnsachadh sa bheil sibh a’ dol an sàs gach latha. Fhad ’s a tha sinn a’ gluasad a dh’ionnsaigh “Ceann-uidhe 2030” ùr, tha an riaghaltas ag iarraidh oirbh IiS a dhlùth-fhighe a-steach dhan churraicealam, ionnsachadh, teagasg is measaidhean agaibh agus gun innis sibh do chàch mu mar a rinn sibh IiS na phàirt dhen obair agaibh.
  • Prìomh Luchd-stiùiridh – Thathar a’ cur dùbhlan ro phrìomh luchd-stiùiridh a tha ag obair ann an no le àiteachan foghlaim leithid sgoiltean, ionadan tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne, àiteachan/luchd-solair ionnsachadh coimhearsnachd no obrach-òigridh, colaistean agus ionadan foghlaim adhartaich gus beachdachadh air na ghabhas dèanamh a thaobh IiS agus gus fhighe a-steach do na planaichean leasachaidh agaibh, dhar n-àrd-amasan is dhan ro-innleachd airson an àite-ionnsachaidh agaibh.
  • Ceannardan ionadail is nàiseanta leithid Chomhairlichean, Stiùirichean Foghlaim no luchd-co-dhùnaidh aig ìre roinneil no nàiseanta, thathar ag iarraidh oirbhse dèanamh cinnteach gum bithear a’ gabhail ealla ris a’ phlana seo san t-sealladh agus sna dòighean-obrach farsaing agaibh. Tha sinn ag iarraidh oirbh ceannas a nochdadh, agus gun cuir sibh dùbhlan ro cheannardan eile agus ro ur co-obraichean gus dòighean-obrach a dhealbh is a chur an gnìomh a bheir “Ceann-uidhe 2030” gu buil.

Ar geallaidhean do luchd-ionnsachaidh, luchd-oideachaidh is prìomh luchd-stiùiridh

Tha sinn air cur romhainn co-cheannas a chur an sàs. Stèidhich Riaghaltas na h-Alba a’ Bhuidheann Stiùiridh nàiseanta airson IiS gus am plana a cho-òrdanachadh is a chur an gnìomh, agus sin a’ gabhail a-steach “Ceann-uidhe 2030” agus gach gnìomh eile sa phlana.

Cumaidh sinn oirnn a’ gabhail làn-ealla ri Beachdan an Luchd-ionnsachaidh, an Luchd-oideachaidh agus Phàrantan/an Luchd-chùraim.

  • Gus dèanamh cinnteach gu bheil luchd-oideachaidh a’ stiùireadh mar a thèid am plana seo a chur an gnìomh, nì a’ Bhuidheann Stiùiridh airson IiS feum dhen lìonra aonaichte IiS ùr againn agus de bhuidhnean-breithneachaidh agus co-chomhairleachaidhean air-loidhne. Tha comainn phroifeiseanta air an riochdachadh air a’ Bhuidhinn Stiùiridh airson IiS agus bidh dleastanas cudromach orra gus beachdan a shireadh bho na buill aca.
  • Gus dèanamh cinnteach gum bi beachdan cloinne is dhaoine òga fhathast a’ stiùireadh na nì sinn, cruthaichidh Riaghaltas na h-Alba Buidhnean Ceannais is Coileanaidh Cloinne is Dhaoine Òga airson IiS. Gheibh na Buidhnean sin taic bho bhuidhnean le eòlas air co-chonaltradh le clann is daoine òga, a’ gabhail a-steach feadhainn le eòlas air a bhith a’ dèanamh co-chonaltradh ris an luchd-ionnsachaidh as òige a th’ againn, aois còig is nas òige. Cuideachd, thèid beachdachadh air tuilleadh obrach a dhèanamh air mar a ghabhas cothroman a thoirt do dh’inbhich a tha nan luchd-ionnsachaidh pàirt a ghabhail ann an cùisean a thaobh IiS, mar phàirt dhen bhreithneachadh a tha ga dhèanamh air mar a ghabhas leudachadh a thoirt air IiS ann an Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd.
  • Bidh an t-àite a bhios aig pàrantan, luchd-cùraim agus teaghlaichean ann a bhith a’ cur IiS agus gach taobh dheth air adhart glè chudromach ma tha sinn a’ dol a thoirt na tha san amharc dhuinn gu buil. Obraichidh an riaghaltas còmhla ri buidhnean phàrant gus comhairle fhaighinn bhuapa air mar as urrainnear làn-ealla a ghabhail ri beachdan phàrantan is luchd-cùraim an lùib a’ gheallaidh, “Ceann-uidhe 2030”.

Mu dheireadh, nì sinn ar dìcheall a bhith mothachail air atharraichean. Tha ath-leasachaidhean mòra gan cur an sàs no air fàire ann am foghlam sgoile agus thig tuilleadh atharraichean is leasachaidhean orra sin, am measg na feadhna as cudromaiche tha Ath-sgrùdadh air Teisteanasan is Measaidhean, buidhnean nàiseanta ùra a thèid a stèidheachadh agus Còmhradh Nàiseanta air Foghlam na h-Alba. Le aithisg eadar-amail a chaidh fhoillseachadh bhon Sgrùdadh Neo-eisimeileach air Teisteanasan is Measaidhean agus aithisg dheireannach air a' Chòmhradh Nàiseanta, fhuair sinn dearbhadh soilleir gu bheil luchd-ionnsachaidh is luchd-oideachaidh a’ coimhead air IiS mar mheadhan cudromach gus cùisean atharrachadh ann an siostam an fhoghlaim san àm ri teachd. Ach chan fhaca sinn fhathast cruth no brìgh dheireannach nan ath-leasachaidhean sin. Mar sin, thèid am plana fhèin agus na gnìomhan coileanaidh a dh’èireas bhon phlana a chur an gnìomh ann an dòigh shùbailte, mhothachail agus le leasachaidhean ceum air cheum.

Contact

Email: learningforsustainability@gov.scot

Back to top