Learning for sustainability: action plan 2023 to 2030 - Gaelic translation
Scotland's learning for sustainability action plan 2023 to 2030 "Target 2030: A movement for people, planet and prosperity " aims to build an inspiring movement for change so every 3 to 18 place of education becomes a sustainable learning setting by 2030.
Eàrr-ràdh A: Rannsachaidhean Pàrlamaid na Cloinne is Oilthigh Dhùn Dè
Fhad ’s a bhathar ag ullachadh a’ Phlana Ghnìomh seo, chuir Riaghaltas na h-Alba ceumannan farsaing an sàs far robh sinn ag obair còmhla ri clann, daoine òga agus an luchd-oideachaidh gus na beachdan aca air IiS a chruinneachadh.
Chaidh dà phrìomh phròiseact rannsachaidh a chleachdadh ann a bhith ag ullachadh a’ phlana seo, rannsachadh a rinn Pàrlamaid na Cloinne agus fear eile a rinn Oilthigh Dhùn Dè.
Chleachd Pàrlamaid na Cloinne Modal Luchd-sgrùdaidh Pàrlamaid na Cloinne aca.
Gus modhan-obrach com-pàirteachaidh a chur an sàs, chùm iad measgachadh de bhùithtean-obrach aghaidh-ri-aghaidh agus air-loidhne gus co-chonaltradh a dhèanamh ri clann aois 3 gu 14 agus an luchd-oideachaidh aca. Gus beachdan na cloinne a thrusadh, dh’obraich iad còmhla ri 132 duine-cloinne thar chòig raointean ionnsachaidh eadar TIC agus ÀS1/ÀS2 agus an uair sin chùm iad bùithtean-obrach le buidheann nas lugha le 12 duine-cloinne a chaidh a thaghadh mar luchd-sgrùdaidh air an deach iarraidh rannsachadh nas mionaidiche a dhèanamh air IiS. Bha seo mar leudachadh air pròiseact a thòisich ann an 2021 agus a bha còir a bhith deiseil sa Ghiblean 2022. Chaidh obair Pàrlamaid na Cloinne fhoillseachadh san Dàmhair 2022.
’S iad na gnìomhan a tha a dhìth a rèir Pàrlamaid na Cloinne:
1. Bu chòir cothrom a bhith aig a h-uile duine-cloinne air ionnsachadh a-muigh air feadh na bliadhna sgoile.
2. Bu chòir ionnsachadh a-muigh a bhith mar phàirt de gach cuspair san sgoil.
3. Feumaidh inbhich san sgoil, agus na h-inbhich a nì co-dhùnaidhean a thaobh na dh’ionnsaicheas sinn, ionnsachadh mu staing na gnàth-shìde cuideachd.
4. Tha clann gu math dìoghrasach a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde; bu chòir ealla a ghabhail ris na beachdan, beachdan-smuain is barailean aca a thaobh nan dòighean sam bi iad ag ionnsachadh agus nan rudan a dh’ionnsaicheas iad mun chuspair seo.
5. Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba gnìomhan a chur an sàs gun dàil gus dìon a chur air agus spèis a nochdadh do chraobhan agus saoghal nàdair.
6. Bu chòir cothroman a bhith aig clann is inbhich a bhith ag obair còmhla air còraichean cloinne, atharrachadh na gnàth-shìde agus seasmhachd.
7. Bu chòir ceanglaichean a bhith ann eadar sgoiltean Albannach agus sgoiltean eile air feadh an t-saoghail.
8. Bu chòir do sgoiltean taic a thoirt do chloinn gus pàirt a ghabhail ann an ionnsachadh, iomairtean airson fianais a thogail agus gnìomhan gus dèiligeadh ri staing na gnàth-shìde mar phàirt de thachartasan cruinneil.
9. Bu chòir spèis a thoirt do na còraichean daonna aig clann is inbhich air feadh an t-saoghail. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil cothrom aca a bhith a’ fuireach ann an àrainneachd fhallain, shona agus shàbhailte.
Chleachd am pròiseact rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Dè measgachadh de dhòighean-obrach, agus iad a’ trusadh bheachdan bho dhaoine òga aois 14 is nas sine agus an luchd-oideachaidh aca air IiS.
Chruinnich an luchd-rannsachaidh fiosrachadh ann an trì diofar dhòighean: suirbhidh rannsachaidh, tachartasan ‘cafaidh na cruinne’ agus 3 buidhnean-breithneachaidh. Bhruidhinn iad ri daoine òga agus luchd-oideachaidh bho àiteachan-ionnsachaidh ann an 8 ùghdarrasan ionadail, bho dhiofar phàirtean dhen dùthaich, le daoine air an riochdachadh a rèir Clàr Ioma-easbhaidh na h-Alba (SIMD) agus bha daoine ann bho ionad foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig. Chaidh an t-suirbhidh rannsachaidh a chumail air-loidhne agus chaidh a h-uile bùth-obrach a chumail le daoine an làthair aca. Chaidh an rannsachadh seo fhoillseachadh sa Ghearran 2023.
’S iad na gnìomhan a tha a dhìth a rèir Oilthigh Dhùn Dè:
Sgoiltean
Anns gach sgoil bidh IiS:
- A’ faighinn prìomhachas
- Fighte san ionnsachadh
- A’ faighinn taic
- Na phàirt de lèirsinn cho-aonaichte
- Ga chur an sàs gun dàil.
A’ Choimhearsnachd
Ag ionnsachadh mu mar a tha sinn uile nar pàirt de choimhearsnachd agus nar saoranaich chruinneil tro chom-pàirteachas is co-chonaltradh le:
- Tuathanasan
- Buidhnean-carthannais
- Gnothachasan
- Buidhnean is tachartasan coimhearsnachd.
Luchd-obrach
- Leasachadh proifeiseanta airson IiS
- Prìomh neach-obrach IiS airson gach sgoil/Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd
- Mar phàirt den ro-innleachd is planadh airson IiS
- A’ com-pàirteachadh shàr dhòighean-obrach taobh a-staigh is taobh a-muigh an àite-ionnsachaidh
- A’ cur chothroman co-chonaltraidh is ceannais air dòigh do dhaoine òga.
A’ measadh agus a’ cur luach anns a h-uile slighe ionnsachaidh aig gach ìre a’ gabhail a-steach chomhairlean, me:
- Duaisean Adhartais Nàiseanta
- Duais John Muir
- Urras a’ Phrionnsa
- Frèam Chreideasan is Theisteanasan na h-Alba
Contact
There is a problem
Thanks for your feedback