Learning for sustainability: action plan 2023 to 2030 - Gaelic translation
Scotland's learning for sustainability action plan 2023 to 2030 "Target 2030: A movement for people, planet and prosperity " aims to build an inspiring movement for change so every 3 to 18 place of education becomes a sustainable learning setting by 2030.
Eàrr-ràdh B: Fianais Rannsachaidh Eile
Chaidh an rannsachadh a leanas a dhèanamh ann an diofar cho-theacsaichean agus thugadh sùil air diofar phàirtean de dh’ionnsachadh a-muigh agus/no IiS thar nan trì bliadhna a dh’fhalbh.
Thàinig beachdan cudromach am bàrr anns na co-theacsaichean uile a tha a’ co-fhreagairt air na builean a thathar a’ sùileachadh sa Phlana Ghnìomh:
- tha iarrtas mòr ann am measg luchd-oideachaidh is dhaoine òga airson IiS.
- tha buannachdan follaiseach ann an IiS, agus gu h-àraidh an lùib ionnsachadh a-muigh, a thaobh math dhaoine òga agus mar a thig iad adhart agus a tha nan taic dhaibh san adhartas acadaimigeach a nì iad.
- tha deagh obair ga dèanamh san t-siostam ach chan eil IiS an-còmhnaidh air fhighe a-steach gu math dhan churraicealam agus chan eil eòlas ro mhath aig daoine air uaireannan.
- tha barrachd maoineachaidh is ghoireasan a dhìth gus am bi barrachd buaidhe aig IiS air cùisean.
- dh’fhaodadh na ceanglaichean eadar ionnsachadh a-muigh is IiS a bhith air an leasachadh.
Rannsachadh ris an deach ealla a ghabhail sa Phlana Ghnìomh ùr
Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd: Aithisg Pàrlamaid na Cloinne - 2022
(air a choimiseanadh le Riaghaltas na h-Alba)
Prìomh thoraidhean bhon rannsachadh agus mar a tha iad ceangailte ri gnìomhan a’ phlana seo
- Toradh: “Tha IiS cudromach do chloinn, oir tha e a’ cuideachadh le ionnsachadh, a’ toirt piseach air math na cloinne agus a’ brosnachadh ghnìomhan mu choinneimh staing na gnàth-shìde air feadh Alba.”
- Ceangailte ri Gnìomh 17: Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” agus gu sònraichte airson dèanamh cinnteach gum bithear fhathast a’ dèanamh co-chonaltradh brìoghmhor ri luchd-ionnsachaidh mun phlana seo, cuiridh Riaghaltas na h-Alba Buidhnean Ceannais Cloinne is Dhaoine Òga nàiseanta air dòigh airson IiS. Thèid iarraidh air na buidhnean sin cuid de phrìomh bhuilean a’ phlana seo a cho-dhealbhachadh leithid goireas-lìn IiS ùr agus Prìomh Chomharran airson IiS.
- Toradh: “Tha eisimpleirean follaiseach de dheagh obair ann a thaobh ionnsachadh a-muigh, saoranachd na cruinne agus leasachadh seasmhach, ach chan eilear daonnan a’ tuigsinn gur e IiS a tha sin agus tha IPFBD a dhìth airson luchd-oideachaidh.”
- Ceangailte ri Gnìomh 13b: Nì Foghlam Alba obair thrusaidh gus eisimpleirean de dheagh dhòighean-obrach fad-àite airson IiS a chruinneachadh is a sgaoileadh. Thèid prìomh eisimpleirean agus liosta de na prìomh bhuidhnean taice, prògraman is tobraichean maoineachaidh fhoillseachadh tron ghoireas-lìn ùr airson IiS.
- Ceangailte ri Gnìomh 20: Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, bidh Foghlam Alba, le maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba, a’ coimiseanadh Goireas-lìn IiS anns am bi fiosrachadh air gach raon is taobh de IiS.
- Ceangailte ri Gnìomh 22: Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, obraichidh Riaghaltas na h-Alba còmhla ri Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA), Comhairle Seirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) agus luchd-compàirt iomchaidh eile gus rannsachadh agus aithris a dhèanamh air mar a bu chòir IiS fhighe a-steach gu ìre nas motha do gach bun-theisteanas airson Obair le Clann agus do na slighean TNA[5] agus TDA[6] gu tràthionnsachadh is cùram-chloinne.
- Ceangailte ri Gnìomh 24: Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, stèidhichidh Foghlam Alba agus Comhairle Dheadhan Foghlaim na h-Alba (CDFA) buidheann-obrach nàiseanta ùr a chruthaicheas dòigh choitcheann nàiseanta gus taic a thoirt do IiS ann an Ciad-fhoghlam Luchd-teagaisg.
- Toradh: “’S e staing na gnàth-shìde as motha a tha air aire na cloinne a thaobh na tuigse a th’ aca air IiS agus nuair a tha iad a’ gabhail pàirt ann.”
- Ceangailte ri Gnìomh 20: Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, bidh Foghlam Alba, le maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba, a’ coimiseanadh Goireas-lìn IiS anns am bi fiosrachadh air gach raon is taobh de IiS.
- Toradh: “Bu chòir còraichean is beachdan cloinne a bhith aig cridhe na h-obrach gus IiS a dhealbh is a lìbhrigeadh.”
- Ceangailte ri Gnìomh 17: Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” agus gu sònraichte airson dèanamh cinnteach gum bithear fhathast a’ dèanamh co-chonaltradh brìoghmhor ri luchd-ionnsachaidh mun phlana seo, cuiridh Riaghaltas na h-Alba Buidhnean Ceannais Cloinne is Dhaoine Òga nàiseanta air dòigh airson IiS. Thèid iarraidh air na buidhnean sin cuid de phrìomh bhuilean a’ phlana seo a chodhealbhachadh leithid goireas-lìn IiS ùr agus Prìomh Chomharran airson IiS.
- Ceangailte ri Gnìomh 7a: Obraichidh Riaghaltas na h-Alba còmhla ri prìomh luchd-compàirt gus Prìomh Chomharran Coileanaidh (PCC) ùra airson IiS a dhealbh is a chur an gnìomh a ghabhas cleachdadh anns gach suidheachadh – me, àite ionnsachaidh, ìre ionadail, ìre roinneil agus ìre nàiseanta.
(air a choimiseanadh le Riaghaltas na h-Alba)
Prìomh thoraidhean bhon rannsachadh agus mar a tha iad ceangailte ri gnìomhan a’ phlana seo
- Toradh: “Bu chòir IiS a chomharrachadh mar phrionnsapal bunaiteach ann am foghlam do dhaoine òga agus coimhearsnachdan agus bu chòir na diofar dhòighean a chomharrachadh san cuirear IiS an sàs a rèir fheumalachdan gach sgìre tro roghainnean a’ churraicealaim, maoineachadh, bun-structair, trèanadh agus taic do luchd-obrach.”
- Ceangailte ri Gnìomh 1: Foillsichidh Riaghaltas na h-Alba is Foghlam Alba am prògram aca airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, “Ceann-uidhe 2030”, gu h-oifigeil san t-Sultain 2023, agus iad a’ foillseachadh Iarrtas airson Ghnìomhan dhan a h-uile pàiste is duine òg, neach-oideachaidh, ceannard foghlaim, buidheann nàiseanta, ùghdarras ionadail agus buidheann roinneil. Leis an Iarrtas airson Ghnìomhan, bithear ag iarraidh air buidhnean an gealladh airson 2030 fhighe a-steach dha na planaichean leasachaidh, ro-innleachdail is corporra aca, agus dhan fhrèam churraicealaim is obair aca fhèin.
- Ceangailte ri Gnìomh 5b: Obraichidh Riaghaltas na h-Alba agus Foghlam Alba còmhla ris gach buidheann chom-pàirteach, a’ gabhail a-steach bhuidhnean buntainneach bhon treas roinn a gheibh maoineachadh bhon riaghaltas, gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ gabhail ealla ri IiS sna prionnsapalan, inbhean, prògraman is planaichean corporra aca.
- Ceangailte ri Gnìomh 9: Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, obraichidh Foghlam Alba còmhla ri luchd-compàirt freagarrach gus dèanamh cinnteach gu bheil IiS air fhighe a-steach, gu ìre nas motha, anns gach prògram ceannais buntainneach thar roinnean nan sgoiltean, an tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne, FMG agus na roinne airson ionnsachadh coimhearsnachd agus ga thoirt seachad a rèir nan inbhean buntainneach co-cheangailte ri Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba, Comhairle Seirbheisean Sòisealta na h-Alba agus Comhairle nan Inbhean airson Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd. Bidh an obair seo air a cheangal gu dlùth ris an obair gus lìonra comhairleachaidh a stèidheachadh airson IiS.
- Ceangailte ri Gnìomh 24: Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, stèidhichidh Foghlam Alba agus Comhairle Dheadhan Foghlaim na h-Alba (CDFA) buidheann-obrach nàiseanta ùr a chruthaicheas dòigh choitcheann nàiseanta gus taic a thoirt do IiS ann an Ciad-fhoghlam Luchd-teagaisg.
- Toradh: “Bu chòir IiS fhighe a-steach dhan Churraicealam airson Sàr-mhathais air fad gus am bi daoine a’ mothachadh dha ann an gach co-theacsa foghlaim.”
- Ceangailte ri Gnìomh 1: Foillsichidh Riaghaltas na h-Alba is Foghlam Alba am prògram aca airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, “Ceann-uidhe 2030”, gu h-oifigeil san t-Sultain 2023, agus iad a’ foillseachadh Iarrtas airson Ghnìomhan dhan a h-uile pàiste is duine òg, neach-oideachaidh, ceannard foghlaim, buidheann nàiseanta, ùghdarras ionadail agus buidheann roinneil. Leis an Iarrtas airson Ghnìomhan, bithear ag iarraidh air buidhnean an gealladh airson 2030 fhighe a-steach dha na planaichean leasachaidh, ro-innleachdail is corporra aca, agus dhan fhrèam churraicealaim is obair aca fhèin.
- Ceangailte ri Gnìomh 7b: Ma/nuair a thèid ath-sgrùdadh is ùrachadh a dhèanamh air an fhrèam airson deagh-ghnè airson sgrùdaidhean air àiteachan foghlaim – ‘Dè cho Math ’s a tha ar Sgoil?’ – beachdaichidh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam (HMIE) air mar as urrainnear ealla a ghabhail ri IiS gu ìre nas motha san fhrèam. Cuideachd, agus mar phàirt dhen dleastanas aca gus beachdachadh air cuspairean freagarrach airson sgrùdaidhean-raoin nàiseanta, beachdaichidh HMIE air mar a dh’fhaodadh gu bheil sgrùdadh-raoin nàiseanta a dhìth airson IiS.
- Ceangailte ri Gnìomh 10: Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, bheir Com-pàirteachas Frèam Chreideasan is Theisteanasan na h-Alba (SCQF) taic a bharrachd do gach buidheann a tha a’ lìbhrigeadh prògram agus a tha an sàs ann a bhith a’ dealbh theisteanasan ùra co-cheangailte ri IiS. Tha e na amas dèanamh cinnteach gun urrainnear aithne a thoirt do leithid a phrògraman agus gun gabh am measadh a thaobh chreideasan feuch an gabh an cur ri Frèam an SCQF.
- Toradh: “Tha ùine is goireasan a dhìth air luchd-oideachaidh gus a dhol an sàs ann an IiS agus gus fhighe a-steach dhan raon ionnsachaidh aca.”
- Ceangailte ri Gnìomh 3: Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, obraichidh Foghlam Alba còmhla ri prìomh luchd-compàirt sa Bhuidhinn Stiùiridh airson IiS gus prògram ùr a dhealbh is a chur an gnìomh gus lìonra comhairleachaidh co-thaiceil airson IiS a stèidheachadh.
- Ceangailte ri Gnìomh 11: Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, obraichidh Riaghaltas na h-Alba, Foghlam Alba, HMIE agus buidhnean nàiseanta buntainneach còmhla ri Comann Stiùirichean Foghlaim na h-Alba (CSFA) gus rannsachadh dhèanamh air dòighean airson leasachadh a thoirt air co-obrachadh a thaobh IiS eadar àiteachanionnsachaidh aig “ìre co-chruinneachaidh” agus gus aithris a dhèanamh air an rannsachadh sin dhan Bhuidhinn Stiùiridh airson IiS.
- Toradh: “Bu chòir IiS fhighe a-steach do phoileasaidhean aig ìre nan sgoiltean, Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd agus nan ùghdarrasan ionadail gus obair a stiùireadh agus taic a thoirt do luchd-ùidhe le bhith a’ comharrachadh dheagh dhòighean-obrach agus nan toraidhean a thig bhuapa.”
- Ceangailte ri Gnìomh 12: Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, neartaichidh Foghlam Alba agus nì iad ceanglaichean eadar is co-òrdanachadh air lìonraidhean IiS gus an urrainn dhaibh a bhith aig teis-meadhan na h-iomairt gus cùisean atharrachadh mar a tha dhìth sa phlana ghnìomh seo.
- Toradh: “Bu chòir barrachd chothroman a bhith aig daoine òga gus roghnachadh mar a chuidicheas iad le agus mar a bheir iad taic do IiS.”
- Ceangailte ri Gnìomh 17: Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” agus gu sònraichte airson dèanamh cinnteach gum bithear fhathast a’ dèanamh co-chonaltradh brìoghmhor ri luchd-ionnsachaidh mun phlana seo, cuiridh Riaghaltas na h-Alba Buidhnean Ceannais Cloinne is Dhaoine Òga nàiseanta air dòigh airson IiS.
- Toradh: “Bu chòir prìomh neach-obrach IiS a bhith anns gach àite-ionnsachaidh airson dèanamh cinnteach gun tèid poileasaidhean a sgaoileadh, gu bheil luchd-obrach mothachail air IiS agus gu bheil iad a’ cur dheagh dhòighean-obrach an sàs aig ìre ionadail agus roinneil agus gun tèid obair IiS thar àiteachanionnsachaidh a chomharrachadh.”
- ceangal ri Gnìomh 3: Mar thaic do “Cheann-uidhe 2030” airson Àiteachan-ionnsachaidh Seasmhach, obraichidh Foghlam Alba còmhla ri prìomh luchd-compàirt sa Bhuidhinn Stiùiridh airson IiS gus prògram ùr a dhealbh is a chur an gnìomh gus lìonra comhairleachaidh co-thaiceil airson IiS a stèidheachadh.
Tuilleadh rannsachaidh air IiS is ionnsachadh a-muigh
Builean foghlaim bho Ionnsachadh a dh’ionnsaigh Seasmhachd – Oilthigh Dhùn Èideann – 2020 (air a choimiseanadh le Riaghaltas na h-Alba)
Prìomh thoraidhean:
- Tha IiS a’ toirt buaidh air leasachadh pearsanta an luchd-ionnsachaidh agus bidh iad a’ dol an sàs ann an cùisean coimhearsnachd ri linn IiS.
- Faodaidh IiS a bhith mar mheadhan do dhaoine òga gus smaoineachadh air mar a tha diofar thaobhan dem beatha agus de shaoranachd ceangailte agus an urra ri chèile.
- Dh’fhaodadh gun urrainn do IiS cuideachadh le adhartas agus ‘coileanadh’, gu h-àraidh tro ionnsachadh a-muigh, oir tha barrachd is barrachd dearbhaidh ann gum faod eòlas air is ùine san t-saoghal nàdarra cuideachadh le ionnsachadh acadaimigeach.
- Faodaidh IiS luchd-ionnsachaidh a bhrosnachadh gu bhith a’ togail sgilean breithneachaidh a bhios feumail dhaibh taobh a-muigh foghlam foirmeil, nam beatha agus nan obair.
- Faodaidh IiS leasachadh a thoirt air feallsanachd is dòighean-obrach àite ionnsachaidh, agus mar sin cuidichidh e san dòigh sin gus piseach a thoirt air cùisean ann an àite ionnsachaidh.
Ag Ionnsachadh ann an Raon-uaine Ionadail – aithisg-mheasaidh – NàdarAlba - 2022
Prìomh Thoraidhean:
- tha tidsearan nas mothachaile air raointean-uaine ionadail.
- tha barrachd misneachd aig tidsearan gus ionnsachadh a-muigh a thabhann.
- thathar a’ dèanamh feum de làraich-a-muigh nan àiteachan-ionnsachaidh nas trice.
- thathar a’ dèanamh feum de raointean-uaine ionadail nas trice.
- tha e nas coltaiche gum bi gach raon dhen churraicealam (ach a-mhàin cànanan cèin is Eòlas Creideimh agus Moraltachd) air an teagasg air làrach-a-muigh an àite no ann an raon-uaine ionadail gu cunbhalach no gu glè chunbhalach.
- tha ceangal nas làidire aig luchd-ionnsachaidh ri nàdar.
- dh’fhaodadh gun tàinig piseach air math faireachail an luchd-ionnsachaidh.
- bha luchd-ionnsachaidh a’ gabhail barrachd ùidh ann an cùisean nuair a bhathar ag ionnsachadh a-muigh.
- chaidh raointean-uaine ionadail a leasachadh airson na sgoile agus na coimhearsnachd.
Prìomh Thoraidhean:
- thathar a’ coimhead air ionnsachadh taobh a-muigh an t-seòmair-theagaisg san àrainneachd nàdarra mar phàirt cudromach dhen ionnsachadh iomlan a gheibh clann sa bhun-sgoil.
- tha an ùine a chuireas sgoilearan seachad a-muigh a’ còrdadh riutha agus tha coltas ann gum bi measgachadh nas fharsainge de chonaltradh sòisealta a’ dol eatorra nuair a bhios iad ag ionnsachadh a-muigh an coimeas ris na bhios a’ tachairt san t-seòmar-theagaisg.
- bidh sgoilearan ag obair le is a’ conaltradh ri sgoilearan eile ann an dòigh eadar-dhealaichte, agus tha barrachd misneachd aca a thaobh nan comasan aca gus fuasglaidhean a lorg is ionnsachadh.
- tha ionnsachadh a-muigh a’ cuideachadh clann gus fèin-mhothachadh is fèin-eòlas a thogail, thig buannachdan bho obair le sgoilearan eile air feadh diofar raointean-aoise, agus thathar a’ cur ri eòlas farsaing na cloinne.
Prìomh Thoraidhean:
- tha an ùine a thathar a’ cur seachad a-muigh ann an Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne air a dhol an àird, agus thathar a’ cur seachad 39% dhen ùine, sa chumantas, a-muigh.
- tha an ùine a thathar a’ cur seachad a-muigh ann am bun-sgoiltean air a dhol sìos ann an 2022 – bha nas lugha na 30% de na tachartasan a-muigh a’ dol an sàs ann an IiS.
- tha cion misneachd aig àireamh nach beag de luchd-obrach ann am bun-sgoiltean is àiteachan tràth-ionnsachaidh gus ionnsachadh a-muigh is IiS a chur an sàs.
- bha barrachd misneachd aig tidsearan bun-sgoile a thaobh ionnsachadh a-muigh (62.9%) seach IiS (40.3%).
- bha beagan a bharrachd air leth dhen luchd-obrach a ghabh pàirt san sgrùdadh a’ smaoineachadh gun robh barrachd ionnsachaidh a-muigh ann a-nis an coimeas ris mar a bha e ro Chovid.
- mar bu trice, b’ iad na sgoiltean na bu lugha a bha na bu bhuailtiche a bhith a’ dèanamh barrachd ionnsachaidh a-muigh.
- tha tidsearan fhathast a’ faicinn mar a tha ionnsachadh a-muigh a’ toirt piseach air a’ churraicealam.
Contact
There is a problem
Thanks for your feedback