Tha Gach Neach-ionnsachaidh ann an Alba Cudromach: Ar Deasbad Nàiseanta Geàrr-aithisg

Deasbad Nàiseanta air Foghlam – geàrr-aithisg


2. Tar-shealladh air an Deasbad Nàiseanta

2.1 Bha an Deasbad Nàiseanta Deasbad Nàiseanta air Foghlam na h-Alba – Riaghaltas na h-Alba – Citizen Space (consult.gov.scot)› air Foghlam ann an Alba na chothrom tearc do chlann, do dhaoine òga, agus an luchd-taic èisteachd fhaighinn a thaobh slighe Foghlam na h-Alba san àm ri teachd. B' e prìomh amas an Deasbaid Nàiseanta lèirsinn làidir agus aontaichte a thoirt gu buil airson foghlam Albannach an cois Gairm gu Gnìomh (GGG) a mhìnich na ceumannan ro-innleachdail gus an lèirsinn sin a choileanadh ann an cleachdadh.

2.2  Mar luchd-cuideachaidh neo-eisimeileach, dh'obraich sinn le co-bhanntachd fharsaing de bhuidhnean tràth-bhliadhnaichean, sgoiltean, buidhnean foghlaim eile, buidhnean coimhearsnachd, buidhnean treas roinne, luchd-obrach òigridh, buidhnean phàrantan, buidhnean proifeiseanta foghlaim, ùghdarrasan ionadail, agus luchd-poileasaidh gus a h-uile duine a tha an sàs ann am foghlam na h-Alba a thoirt an lùib a' ghnothaich. Ann a bhith a' dealbhadh nan ceistean agus nam planaichean conaltraidh airson an Deasbaid Nàiseanta, rinn sinn co-chomhairle le còrr is ceud buidheann a tha gu sònraichte airson taic agus riochdachadh a thoirt do chlann is dhaoine òga, cho math ri com-pàirtichean foghlaim agus buidhnean phàrantan. Chùm sinn conaltradh ris na buidhnean sin feadh an Deasbaid Nàiseanta air fad, a' toirt cothrom dhaibh air tuilleadh bheachdan a thoirt dhuinn.

2.3 Chaidh an Deasbad Nàiseanta a chur air bhog le Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlaim agus Sgilean agus Neach-labhairt Cloinne is Dhaoine Òga COSLA air 21 Sultain 2022. Às dèidh a' chur air bhog seo chaidh conaltradh dian a dhèanamh a ruith gu 5 Dùbhlachd 2022. A rèir molaidhean Ath-bhreithneachadh Muir rinn sinn cinnteach gun robh beachdan cloinne agus dhaoine òga gu sònraichte aig cridhe an Deasbaid Nàiseanta. Dh'iarr sinn cuideachd beachdan nan inbheach a bhios a' toirt cùram, riochdachadh, agus taic do chlann agus daoine òga, a' gabhail a-steach pàrantan agus luchd-cùraim, stiùirichean sgoile, tidsearan, luchd-dreuchd foghlaim eile agus luchd-taic (Pàipear-taice A).

2.4  B' i a' phrìomh cheist a bha a' stiùireadh an Deasbaid Nàiseanta: "Dè an seòrsa foghlaim a bhios a dhìth air clann agus daoine òga ann an Alba san àm ri teachd agus ciamar a bheir sinn sin gu buil?" Rinn sinn a h-uile oidhirp gus dèanamh cinnteach gun deach guthan cloinne agus dhaoine òga nach àbhaist pàirt a ghabhail ann an còmhraidhean no deasbadan mar seo, a thoirt an lùib an deasbaid tro bhuidhnean taic speisealta no tro am pàrantan, luchd-cùraim, agus tidsearan.

2.5  Cha robh dùil againn gum biodh com-pàirteachadh anns an Deasbad Nàiseanta idir cho domhainn is farsaing 's a bha e. Ghabh còrr air 38,000 neach pàirt anns an Deasbad Nàiseanta (faic Pàipear-taice B airson ìomhaigh-fiosrachaidh air an staitistig com-pàirteachaidh). Ann an co-obrachadh le Riaghaltas na h-Alba, chaidh suirbhidh air-loidhne a chur air bhog le deich prìomh cheistean rim faighinn ann an grunn chànanan coimhearsnachd, ann an cruthan ruigsinneach agus dreach a bha furasta a leughadh. Chaidh raon de stiùiridhean deasbaid a bha iomchaidh a rèir aois a dheasachadh le Foghlam Alba le tuilleadh cheistean Deasbaid Nàiseanta airson tidsearan, pàrantan/luchd-cùraim agus luchd-obrach òigridh a chuideachadh gus clann agus daoine òga a chom-pàirteachadh gu dìreach agus airson inbhich a dhol an sàs ann an còmhraidhean le taic. Chaidh 5,671 freagairt uile gu lèir a chur a-steach don Deasbad Nàiseanta, a' gabhail a-steach freagairtean suirbhidh agus tagraidhean fosgailte ann an raon de chruthan. Dhiubh sin, fhuaireadh 232 freagairt buidhne.

2.6  Mar Luchd-cuideachaidh Neo-eisimeileach, ghabh sinn pàirt ann an uimhir de sheiseanan air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh sa ghabhadh. Uile gu lèir, bha 102 tachartas Deasbad Nàiseanta ann. Chleachd sinn dòigh-obrach chom-pàirteachaidh, fhuranach aig ìre coimhearsnachd gus an Deasbad Nàiseanta a dhèanamh cho in-ghabhaltach 's a b' urrainn dhuinn. Chùm sinn tachartasan com-pàirteachaidh poblach agus ghabh sinn pàirt ann an coinneamhan air an cumail le buidhnean gu nàiseanta, roinnean, is ionadail. Choinnich sinn aghaidh ri aghaidh ri prìomh bhuidhnean gus ar ruigsinneachd a leudachadh agus gus na b' urrainn dhuinn de dh'fhianais dhaoine fa leth a chruinneachadh. Mar thoradh air iomairt mheadhanan sòisealta air leth soirbheachail, chunnaic 10 millean neach-cleachdaidh fa leth an hashtag #TalkScottishEducation. Bha 6,000 post Twitter ann mun Deasbad Nàiseanta.

2.7 Fhuair a h-uile sgoil ann an Alba cuireadh pàirt a ghabhail anns an Deasbad Nàiseanta, a' cleachdadh nan stiùiridhean deasbaid a bha iomchaidh a rèir aois. Chaidh co-chruinneachaidhean agus clasaichean Deasbad Nàiseanta air-loidhne a sholarachadh le e-Sgoil do sgoilearan aois bun-sgoile agus àrd-sgoile. Ghabh còrr is 26,000 sgoilear agus oileanach pàirt anns na tachartasan air-loidhne seo a rinn cinnteach gun robh beachdan cloinne is dhaoine òga, air feadh na h-Alba, air an toirt seachad mar phàirt den Deasbad Nàiseanta.

2.8 Chaidh deasbadan a chur air dòigh le buidhnean cloinne is dhaoine òga nach cluinnear ach ainneamh agus rinn sinn conaltradh ann an dòighean a lughdaich uiread bhacaidhean air com-pàirteachadh 's a ghabhadh. Chuir sinn taic ri buidhnean fòcais airson luchd-tagraidh a bha a' riochdachadh nam beachdan, ùidhean, agus feumalachdan ionnsachaidh aig daoine nach eil cho dualtach an eòlas innse ann an coinneamh phoblach. Bha faireachdainnean làidir a' tighinn am bàrr ann an cuid de na seiseanan sin agus chuala sinn cunntasan driùidhteach bho chlann agus daoine òga a bha an dà chuid ciallach agus cumhachdach. Rinn sinn ar dìcheall earbsa a thogail agus àiteachan sàbhailte a lìbhrigeadh airson com-pàirteachadh, agus dhearbh sinn an còmhnadh do na com-pàirtichean gur b' e luchd-cuideachaidh neo-eisimeileach a bh' annainn a bha airson a h-uile beachd a chluinntinn.

2.9 Bhruidhinn sinn cuideachd ri clann agus daoine òga anns na h-àiteachan a bhios iad a' cleachdadh, ann an dòighean a tha ag obair dhaibh, ann an raointean air a bheil iad eòlach, a' gabhail a-steach tro na meadhanan sòisealta. Dh'obraich sinn cuideachd tro lìonraidhean earbsach leithid nan àiteachan sàbhailte a chruthaich luchd-obrach òigridh, agus rinn sinn conaltradh farsaing ri pàrantan agus luchd-cùraim.

2.10 Sgrìobh sinn litrichean gu pàrantan ann an co-obrachadh le Connect agus Fòram Phàrant Nàiseanta na h-Alba a chaidh a sgaoileadh tro sgoiltean. Chùm buidhnean phàrant nàiseanta is ionadail na gnìomhan conaltraidh Deasbad Nàiseanta aca fhèin agus thug iad cuireadh dhuinn pàirt a ghabhail ann an coinneamhan agus buidhnean fòcais. Chaidh cuireadh a thoirt do phàrantan cloinne sho-leònte agus/no air an iomall pàirt a ghabhail no a bhith air an riochdachadh ann an deasbadan le buidhnean iomchaidh.

2.11  Cho-obraich sinn le buidhnean proifeasanta gus conaltradh leis an sgioba-obrach foghlaim aig a h-uile ìre, bho thràth-bhliadhnaichean chun oilthigh. Mar eisimpleir, chùm an GTCS, EIS agus Oilthigh Ghlaschu tachartasan Deasbad Nàiseanta aig an robh sinn an làthair. Choinnich sinn cuideachd ri Lìonra Bhall Dubh an NASUWT, agus chuir sinn air dòigh seiseanan aig co-labhairtean AHDS agus ADES agus mòran thachartasan stiùirichean sgoile air an cumail le ùghdarrasan ionadail. Thadhail sinn air sgoiltean agus choinnich sinn ri luchd-obrach agus luchd-ionnsachaidh. Chùm mòran bhuidhnean foghlaim na deasbadan aca fhèin cuideachd agus chuir iad a-steach prìomh phuingean a chaidh a thogail aca gus cur ri stòran-dàta an Deasbaid Nàiseanta.

2.12 Chuir Ùghdarrasan Ionadail agus Co-obraichean Leasachaidh Roinneil (RICn) taic ri tachartasan ionadail agus/no thug iad cuireadh dhuinn tighinn gu coinneamhan gus bruidhinn air an Deasbad Nàiseanta. Bha cothroman againn cuideachd a dhol an sàs le buill de SOLACE, ADES agus COSLA agus fhuair sinn cuireadh pàirt a ghabhail anns na co-labhairtean agus na coinneamhan aca.

2.13 UIle gu lèir, fhuair sinn freagairt iongantach don chuireadh againn, 'Nach Bruidhinn sinn mu Fhoghlam na h-Alba'. Is e an Deasbad Nàiseanta an eacarsaich conaltraidh phoblach nàiseanta as motha a chaidh a dhèanamh a-riamh ann am foghlam na h-Alba. Gus seo a chur na cho-theacs, fhuair an Deasbad Nàiseanta a rinneadh mu dheireadh fichead bliadhna air ais 1,517 freagairt https://www.tandfonline.com/doi/abs/10.1080/0267152042000295465#:~:text=Schools%20for%20the%2021st%20century%3A%20the%20national%20debate%20on%20education%20in%20Scotland,-Full%20Article&text=In%202002%2C%20the%20Scottish%20Executive,that%2020%2C000%20people%20took%20part.›. Fhuair sinne 5,671 freagairtean foirmeil airson an Deasbaid Nàiseanta againne. Tha sinn airson aithne agus taing a thoirt don a h-uile duine a thug taic dhuinn, a chuir am beachdan a-steach agus a thog an guth gus cumadh a thoirt air foghlam na h-Alba san àm ri teachd.

2.14 Rinn companaidh rannsachaidh neo-eisimeileach sgrùdadh air a h-uile freagairt Deasbad Nàiseanta a fhuaireadh. Tha an obair seo air beachdachadh air an fhianais gu lèir a chaidh a chruinneachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil na guthan uile a chuala sinn, agus a h-uile duine a chuir ris, air an gabhail a-steach san anailis. Tha aithisg anailis fa leth ri fhaighinn.

2.15 Chaidh ath-bhreithneachadh dàrna stòrais a thoirt dhuinn cuideachd air diofar cho-chomhairlean a rinneadh le clann agus daoine òga ann an siostam foghlaim na h-Alba. Bha geàrr-chunntas ann de na h-aithrisean lèirsinn a th' againn mar-thà (ann an grunn aithisgean san t-siostam foghlaim) agus beachdachadh air mòran fhreagairtean deasbad nàiseanta nas fhaide a chaidh a chur a-steach le prìomh institiudan agus buidhnean buadhmhor (a' gabhail a-steach an fheadhainn a chuir buidhnean proifeasanta foghlaim, luchd-tagraidh san treas roinn, agus buidhnean ballrachd a-steach).

2.16 Gus a' gheàrr-aithisg seo ullachadh, tha sinn air tarraing air an aithisg anailis a rinn companaidh neo-eisimeileach. Tha sinn cuideachd air ath-bhreithneachadh eagarach a dhèanamh air an dàta agus air mion-sgrùdadh coimeasach a dhèanamh gus fiosrachadh a thoirt don lèirsinn, luachan, agus Gairm gu Gnìomh. Chaidh beagan deuchainn a dhèanamh air a' chiad lèirsinn agus luachan, agus chaidh ath-sgrìobhadh a dhèanamh gus sùim a ghabhail den fhios air ais a fhuaireadh. Cha ghabhadh a sheachnadh nach biodh molaidhean airson an lèirsinn agus luachan ath-sgrìobhadh ann an dòigh air choireigin anns gach

freagairt don ìre deuchainn. San fharsaingeachd, ge-tà, bha an fhreagairt iomlan don lèirsinn agus luachan deimhinneach a thaobh susbaint, tòna, agus suidheachadh. Bha an ìre deuchainn feumail cuideachd gus dèanamh cinnteach gu bheil briathrachas na lèirsinn is nan luachan a' freagairt air prìomh chom-pàirtichean agus luchd-ùidh, agus aig an aon àm a' dèanamh cinnteach gun cùm sinn fìor ri ar dealas gum biodh susbaint lèirsinn agus luachan air fhiosrachadh gu dìreach agus air a chumadh le freagairtean don Deasbad Nàiseanta. Aig a' cheann thall, 's e ar prìomh adhbhar a bhith a' nochdadh, gu fìrinneach agus gu soilleir, na chuala sinn anns an Deasbad Nàiseanta.

2.17 Tha sinn mothachail gu bheil ath-bhreithneachaidhean mòra a' dol air adhart, agus tha sinn air conaltradh a chumail ri stiùirichean an Ath-bhreithneachadh Sgilean agus an Ath-bhreithneachadh Teisteanasan is Measaidh Ath-bhreithneachadh air Teisteanasan is Measadh: anailis co-chomhairle› ach tha sinn air fuireach neo-eisimeileachd bhuapa. Tha sinn mothachail cuideachd gu bheil mòran pàipearan poileasaidh, ath-bhreithneachaidhean roimhe, agus pàipearan-suidheachaidh a' suathadh ris na prìomh raointean a tha rim faicinn nar Gairm gu Gnìomh. Chan eil an obair seo air ainmeachadh anns a' gheàrr-aithisg seo leis gur e ar rùn a bhith a' riochdachadh agus a' nochdadh na chuala sinn anns an Deasbad Nàiseanta a-mhàin.

2.18 Tha e cudromach a dhaingneachadh gu bheil sinn air an lèirsinn, na luachan, agus Gairm gu Gnìomh a stèidheachadh air anailis dàta an Deasbaid Nàiseanta a-mhàin. Is e ar dleastanas mar luchd-cuideachaidh na guthan agus na beachdan a chuala sinn a riochdachadh gu dìleas, fhad 's a bha sinn a' cumail neo-eisimeileach.

2.19 Tha e soilleir, le meud nam freagairtean a fhuair sinn, nach urrainn dhuinn a h-uile dad a chuala sinn anns an Deasbad Nàiseanta a thoirt a-steach sa gheàrr-aithisg seo no san aithisg dheireannach. Mar thoradh air sin, tha sinn air feuchainn ris na cuspairean as làidire agus as cunbhalaiche a nochd bhon anailis a riochdachadh, air an tar-sgrùdadh le coimeas chunbhalach de na chuala sinn fa leth agus còmhla bhon t-Sultain chun na Dùbhlachd 2022. Chan eil leas sam bith ann dhuinne anns na tha sinn a' toirt don aithisg seo. Is e ar n-amas a bhith a' meòrachadh air a' chomas a th' ann airson siostam Foghlam na h-Alba, an-dràsta agus san àm ri teachd, a' cleachdadh dàta an Deasbaid Nàiseanta a-mhàin mar bhunait airson na tha sinn ag ràdh agus a' co-dhùnadh.

Contact

Email: nationaldiscussiononeducation@gov.scot

Back to top