Tha Gach Neach-ionnsachaidh ann an Alba Cudromach: Ar Deasbad Nàiseanta Geàrr-aithisg

Deasbad Nàiseanta air Foghlam – geàrr-aithisg


4. Gairm gu Gnìomh

4.1  Chaidh Gairm gu Gnìomh (GGG) a chruthachadh stèidhichte air na cuspairean agus na beachdan as làidire a tha ag èirigh bhon dàta Deasbad Nàiseanta. Mar a thuigear, bha eadar-dhealachaidhean beachd anns na chuala sinn agus uaireannan beachdan làidir, an aghaidh a chèile. Air an adhbhar sin, dh'fheuch sinn ri puingean co-obrachaidh, daingneachaidh, agus ceangail a stèidheachadh taobh a-staigh agus thairis air na seataichean dàta, le taic bhon anailis dàta a rinneadh gu neo-eisimeileach. Ghabh sinn os làimh dòigh-obrach choimeasach chunbhalach thairis air an dàta, a' dèanamh deuchainn, a' luachadh, agus a' coimhead a-rithist air an fhianais gus dèanamh cinnteach gu robh bunait làidir againn airson na GGG a bha stèidhichte. Bheachdaich sinn cuideachd air na bha sinn air cluinntinn anns na mòran chòmhraidhean air-loidhne agus aghaidh-ri-aghaidh anns an robh sinn an sàs, còmhla ri ath-leughadh mòran de na tagraidhean sgrìobhte.

4.2  Ged a thathar an dùil gum bi an lèirsinn, na luachan, agus GGG ag amas air an àm ri teachd, bha tòrr de na chuala sinn san Deasbad Nàiseanta mu chùisean, dùbhlain, agus raointean neart taobh a-staigh siostam Foghlam na h-Alba an-diugh. Mar thoradh air sin, tha an GGG seo ag amas air a bhith a' nochdadh an dà chuid fìrinn agus pragmatachd agus aig an aon àm a' comharrachadh na bhios a dhìth an-dràsta agus san àm ri teachd gus ionnsachadh agus cothroman-beatha cloinne is dhaoine òga uile na h-Alba a dhìon.

4.3  Leis gur e geàrr-aithris a tha seo, chan urrainn dhuinn ach na h-eileamaidean àrd-ìre den GGG a thaisbeanadh. Tha tòrr a bharrachd mion-fhiosrachaidh san aithisg dheireannaich an cois beachdan àrd-mhiannach agus aithris rùin shoilleir airson gach pàirt den GGG. Tha an GGG ga fhaicinn mar bhrosnachadh seach a bhith na òrdugh no àithne.

4.4  Tha geàrr-chunntas àrd-ìre na GGG air a mhìneachadh gu h-ìosal a' nochdadh nan teachdaireachdan as làidire a thàinig a-mach às an dàta. Uile gu lèir, 's e an teachdaireachd as cumhachdaiche a tha a' tighinn bhon Deasbad Nàiseanta gu bheil feum air luchd-ionnsachaidh na h-Alba uile oideachadh airson àm ri teachd neo-chinnteach nach gabh innse ro làimh. Mar sin is e an cuspair mòr, farsaing againn san GGG Oideachadh Ar n-Àm ri Teachd le taic bho cheithir phàirtean eadar-cheangailte: Luchd-ionnsachaidh agus Ionnsachadh, Siostam Ionnsachaidh, Àm ri Teachd Didseatach agus Leasachadh Foghlaim le Daoine aig a' Chridhe.

4.5  Leanaidh tar-shealladh goirid air na h-eileamaidean anns a' gheàrr-chunntas àrd-ìre den GGG. Tha e air a thoirt fa-near, ge-tà, gu bheil an aithisg dheireannach a' toirt iomradh mionaideach air cùisean cudromach a tha a' nochdadh fo na cuspairean farsaing seo, leithid: curraicealam, measadh agus teisteanasan, agus an sgioba-obrach foghlaim.

Geàrr-chunntas GGG Àrd-ìre

4.6  Is e an cuspair farsaing taobh a-staigh GGG Oideachadh Ar n-Àm ri Teachd a tha a' daingneachadh mar a bheir clann agus daoine òga ann an Alba cumadh gnìomhach air a' chomann-shòisealta san àm ri teachd, an eaconamaidh san àm ri teachd, an nàisean san àm ri teachd, a' phlanaid san àm ri teachd, agus an saoghal ri teachd. Tha Oideachadh Ar n-Àm ri Teachd a' ciallachadh gur e prìomh adhbhar foghlam a bhith a' toirt cothrom do chlann agus daoine òga an t-àm ri teachd a stiùireadh le misneachd, brìgh, agus caoimhneas. Sin an t-adhbhar gu bheil sinn air an abairt 'oideachadh ar n-àm ri teachd' a chleachdadh sa gheàrr-aithisg seo, oir bidh sealbh aig clann agus daoine òga na h-Alba air an àm ri teachd sin agus is iadsan a chruthaicheas e aig a' cheann thall.

4.7  Thathas a' tuigsinn gu bheil feum air coimhead air an t-siostam làithreach agus togail air an iomadh neart a th' ann gus siostam foghlaim a lìbhrigeadh ann an Alba a tha for-ghnìomhach agus sùbailte gu leòr airson ama ri teachd caochlaideach. Is e an dùbhlan, ge-tà, pròiseas atharrachaidh no ath-leasachaidh a chur an sàs a ghluaiseas siostam foghlaim na h-Alba air adhart, gu seasmhach agus gu farsaing, a' gabhail a-steach àrd-bhuidhnean meadhanach agus buidhnean ionadail. Thog na freagairtean anns an Deasbad Nàiseanta gu robh feum air atharrachaidhean dàna taobh a-staigh siostam an fhoghlaim agus feum sa bhad air pròiseas ath-leasachaidh a bhios ag amas air an àm ri teachd an cois buileachadh càileachd.

4.8  Tha e duilich smaoineachadh air siostam foghlaim na h-Alba san àm ri teachd gun chòraichean cloinne a bhith aig a' chridhe. Chuala sinn tòrr mu mar a dh'fheumas siostam foghlaim na h-Alba san àm ri teachd còraichean cloinne a chumail an-àirde gus am bi iad a' faireachdainn sàbhailte ag ionnsachadh agus gus am bi an cumhachd aca am beatha a chumadh gu dearbhach. Chuala sinn iomadh uair san Deasbad Nàiseanta cho cudromach 's a bha e do sgoilearan de gach aois a bhith a' faireachdainn sàbhailte, tèarainte, gun robh luach ga chur annta agus gu robhas ag èisteachd riutha nan ionnsachadh. Bha meas air iomadachd agus cothromachd airson am math a chur air adhart cuideachd na chuspair cunbhalach. Chaidh bruidhinn air a bhith a' toirt aire do leasachadh is taic don sgioba-obrach foghlaim, ath-leasachadh curraicealaim, teisteanasan, agus measaidhean agus amalachadh theicneòlasan agus litearrachd didseatach. Chuala sinn cuideachd mòran mu cho cudromach 's a tha e a bhith a' cur luach ann an, ag èisteachd ri, agus a' co-obrachadh leis na h-inbhich a tha ag obair le clann, gu h-àraidh tidsearan agus gach ball den sgioba-obrach foghlaim san fharsaingeachd, agus pàrantan/luchd-cùraim, teaghlaichean, agus buill den choimhearsnachd.

4.9  Uile gu lèir, chuala sinn cho cudromach 's a tha e dèanamh cinnteach gu bheil gach neach-ionnsachaidh ann an Alba ga mheas cudromach an-dràsta agus san àm ri teachd. Is e a' phuing-gnìomha a' buntainn ri Oideachadh Ar n-Àm ri Teachd:

Feumaidh Oideachadh Ar n-Àm ri Teachd siostam foghlaim ann an Alba a tha for-ghnìomhach, sùbailte, amalaichte, agus a chumas suas còraichean cloinne is dhaoine òga uile. Bidh siostam Foghlaim na h-Alba san àm ri teachd a' tabhann sàr theagasg agus ionnsachadh, slighean ionnsachaidh eadar-dhealaichte, slighean eile gu soirbheachas, agus raon de mheasaidhean iomchaidh a tha a' nochdadh tàlantan sònraichte gach neach-ionnsachaidh, a' toirt taic do na miannan aca, agus a' coinneachadh ri feumalachdan saoghail a tha ag atharrachadh.

4.10  Aig a bhunait, tha foghlam mu dheidhinn ionnsachadh agus teagasg. Chan eil e na iongnadh, mar sin, gur e ionnsachadh, an clàr-teagaisg na mheasg, an cuspair a bu trice a nochd ann am freagairtean an Deasbaid Nàiseanta. B' e an dàrna cuspair a bu trice a nochd cho cudromach 's a tha tidsearan agus luchd-obrach gus taic a thoirt do fheumalachdan is ionnsachadh sgoilearan. Anns a' chuspair Luchd-ionnsachaidh agus Ionnsachadh, tha sinn air trì prìomh chuspairean a chomharrachadh anns na freagairtean a thaobh: ionnsachadh; in-ghabhail agus iomadachd; agus slàinte is sunnd.

4.11  A thaobh ionnsachadh, chuala sinn gu bheil litearrachd agus àireamhachd fhathast anabarrach cudromach. A bharrachd air sin, chuala sinn mu cho cudromach 's a tha e gun lean Alba foghlam farsaing le cothrom aig a h-uile neach-ionnsachaidh air roghainnean cuspair agus leasachadh sgilean a tha a' nochdadh an ùidhean, an tàlantan, agus am miannan pearsanta gus an uidheamachadh nam beatha, nan obair agus san t-saoghal. Ann an co-theacs Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Cloinne (UNCRC), chuala sinn cuideachd mu cho cudromach 's a tha e gum biodh clann agus daoine òga air fad ag ionnsachadh mu na còraichean aca agus a' toirt spèis do chòraichean gach neach, a' cur luach air iomadachd, agus ionnsachadh airson seasmhachd gus an àrainneachd a dhìon.

4.12  Rud a tha cudromach, bhathar a' faireachdainn gun robh feum air toileachas ann an ionnsachadh, a' gabhail a-steach barrachd chothroman airson cluich agus ionnsachadh a-muigh. Tha seo a' comharrachadh gum bu choir ionnsachadh a thuigsinn ann an diofar dhòighean a ghabhas ri diofar shlighean agus roghainnean ionnsachaidh a thaghas luchd-ionnsachaidh. Tha e a' nochdadh gluasad bho adhartas stèidhichte air aois agus ìre na sgoile gu slighean sùbailte agus eadar-ghluasadan le taic gus coinneachadh ri feumalachdan leasachaidh agus ùidhean cloinne is dhaoine òga tro thràth-bhliadhnaichean agus eòlasan sgoile.

4.13  A thaobh in-ghabhail agus iomadachd, chuala sinn cho cudromach 's a tha e dèanamh cinnteach à siostam foghlaim na h-Alba a tha ag adhartachadh chòraichean daonna, cothromachd, in-ghabhail, agus meas air iomadachd gus tàlantan, feartan, feuman, ùidhean agus comas sònraichte gach neach-ionnsachaidh aithneachadh agus a riochdachadh. Tha seo a' gabhail a-steach feum air togail aire agus ionnsachadh mu gach seòrsa iomadachd, leth-bhreith, agus ana-cothrom do chlann agus daoine òga agus do luchd-obrach agus luchd-taic foghlaim.

4.14  Chuala sinn mun fheum air sgoiltean sàbhailte agus in-ghabhalach, a' gabhail a-steach aire do ruigsinneachd air togalaichean, seòmraichean-teagaisg agus goireasan, agus dàimhean le spèis agus dòighean-obrach for-ghnìomhach an-aghaidh burraidheachd. Gus in-ghabhail a choileanadh feumar maoineachadh sònraichte agus seasmhach gus luchd-obrach is goireasan speisealta iomchaidh agus freagarrach a sholarachadh airson feumalachdan fa leth gach neach-ionnsachaidh a choileanadh; tha seo na chùis èiginn shònraichte do chlann agus daoine òga a chaidh a chomharrachadhadh le Feumalachdan Taic a Bharrachd (ASN). Chuala sinn cuideachd mu cho cudromach 's a tha cothroman foghlaim agus coimhearsnachdan ann an raon de chànanan, a' gabhail a-steach Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus conaltradh ruigsinneach ann an cànanan coimhearsnachd. Airson cothrom co-ionann air eòlasan agus cothroman foghlaim, chuala sinn nach bu chòir cosgaisean ro-làimh, falaichte, no saor-thoileach a chur air pàrantan/luchd-ionnsachaidh. Chaidh ceanglaichean coimhearsnachd, obair ioma-bhuidhneach, agus com-pàirteachas san treas roinn a chomharrachadh mar rudan cudromach gus coinneachadh ri feumalachdan cloinne is dhaoine òga air fad.

4.15  Chuala sinn, airson làn luach a chur ann an iomadachd dhaoine ann an Alba, agus spèis is riochdachadh a thoirt dhaibh, gu robh e cudromach iomadachd a nochdadh ann an luchd-obrach an fhoghlaim, a bharrachd air a nochdadh sa churraicealam agus anns a h-uile goireas teagaisg is ionnsachaidh. Chaidh prionnsapalan agus cleachdaidhean leithid foghlam an-aghaidh gràin-cinnidh agus cothromachd gnè a chomharrachadh mar phrìomhachas. Tha aire do chothroman foghlaim agus eòlasan cothromach thar an iomadh àite is co-theacsa ann an Alba cudromach cuideachd, mar eisimpleir airson choimhearsnachdan dùthchail, iomallach agus eileanach.

4.16  Thogadh cuideachd cudromachd Slàinte is Sunnd mar phàirt de dh'fhoghlam. Chuala sinn mun fheum air raon de chùram mathais agus modhan-obrach làn-sgoile airson àrach, agus leasachadh dhàimhean dearbhach, spèiseil agus fallain, a' gabhail a-steach dèiligeadh ri burraidheachd agus sàrachaidh gu luath agus gu h-èifeachdach. Chuala sinn cuideachd mu cho cudromach 's a tha e a bhith a' dèiligeadh ri slàinte-inntinn sgoilearan agus luchd-obrach, agus slàinte cuirp cloinne is dhaoine òga. Chaidh am feum a thogail air goireasan sònraichte agus taic eòlaichean fhaighinn gu furasta ann an deagh àm gus sunnd cloinne is dhaoine òga a leasachadh.

4.17  Is iad na puingean-gnìomha co-cheangailte ri Luchd-ionnsachaidh agus Ionnsachadh:

Bu chòir cothrom co-ionann a bhith aig a h-uile neach-ionnsachaidh air cothroman ionnsachaidh agus eòlasan àrd-inbhe agus slighean sùbailte ceangailte ri ùidhean, feumalachdan, leasachadh agus mòr-mhiannan gach neach-ionnsachaidh. Tha e cudromach a bhith ag àrach gàirdeachas agus gaol airson ionnsachadh fad-beatha. Tha eòlas agus breithneachadh dreuchd an fhoghlaim, a' gabhail a-steach eòlas domhainn air a' churraicealam agus cothrom air goireasan co-cheangailte ris a' churraicealam, ag obair le luchd-taic agus eòlaichean deatamach airson ionnsachadh àrd-inbhe a choileanadh.

Tha feum air dèanamh cinnteach à maoineachadh seasmhach iomchaidh airson luchd-obrach agus goireasan sònraichte a sholarachadh gus an urrainn dhaibh an dealas a thaobh in-ghabhail agus feumalachdan fa leth gach neach-ionnsachaidh a choileanadh, agus bu chòir seo a dhèanamh sa bhad do chlann is dhaoine òga a tha air an comharrachadh le Feumalachdan Taic a Bharrachd (ASN). Tha ionnsachadh mu dheidhinn agus a' cur luach ann an iomadachd dhaoine agus àiteachan cudromach agus feumar a nochdadh sa churraicealam, ann an goireasan teagaisg is ionnsachaidh, agus a riochdachadh ann an sgioba-obrach an fhoghlaim. Tha cultaran sàbhailte agus in-ghabhalach deatamach a tha ag àrach dhàimhean le spèis agus a' dèiligeadh ri leth-bhreith agus sàrachadh.

Tha feum an-còmhnaidh air ionnsachadh gu for-ghnìomhach mu dheidhinn agus taic a thoirt do shlàinte inntinn, faireachail agus cuirp agus dàimhean fallain, agus dòighean-obrach làn-sgoile a sholarachadh a thaobh àrach, àiteachan ionnsachaidh sàbhailte, agus cleachdaidhean an-aghaidh burraidheachd.

4.18  A' dol air adhart don t-Siostam Ionnsachaidh, sa Ghairm gu Gnìomh, chuala sinn tòrr mu dheidhinn a' churraicealaim, measadh, teisteanasan, agus teagasg. Ach, shaoileadh bho mhòran de na beachdan a chuala sinn gur e pàirtean fa leth a bh' annta seach a bhith uile amalaichte san t-siostam. Bha luchd-freagairt glè dheònach bruidhinn air a' churraicealam no measadh no teagasg ach is ann ainneamh a bha iad a' bruidhinn orra sin mar dhòigh-obrach choileanta, fad-siostaim airson coileanadh foghlaim nas fheàrr a thoirt gu buil ann an Alba.

4.19  Bho na chuala sinn, mar sin, biodh siostam foghlaim na h-Alba san àm ri teachd a' faighinn buannachd bho bharrachd co-obrachaidh far a bheil coileanadh structarail, cultarail agus practaigeach nam prìomh phàirtean sin a' nochdadh siostam ciallach, co-òrdanaichte agus eadar-eisimeileach, a' toirt a-steach na prìomh dhaoine uile ann an dòigh amalaichte ach nach eil ro bhiùrocratach. Chuala sinn cuideachd gu feum siostam foghlaim na h-Alba a bhith tòrr a bharrachd na shiostam ionnsachaidh a tha comasach air a bhith smiorail gus tòiseachadh air ath-leasachadh cudromach, dàna agus àrd-amasach.

4.20  Ma tha siostam foghlaim na h-Alba gu bhith a' coinneachadh ri feumalachdan gach neach-ionnsachaidh san àm ri teachd agus fada air thoiseach, tha feum air atharrachaidhean structarail agus cultarail dàna gus dèanamh cinnteach gun tarraing gach pàirt den t-siostam air an aon ràmh.

4.21  Chuala sinn gu tric mun sgioba-obrach foghlaim, mun churraicealam, agus mu mheasadh agus teisteanasan. A thaobh luchd-obrach an fhoghlaim, chuala sinn mu cho cudromach 's a tha e sgioba-obrach seasmhach a bhith ann an sgoil, a thaobh leantalachd agus seasmhachd teagasg àrd-inbhe. Chaidh cùisean a thaobh trusadh is gleidheadh thidsearan a thogail mar thrioblaidean san t-siostam an-dràsta agus, is dòcha, san àm ri teachd. Chaidh am feum air slighean dreuchdail soilleir, roghainnean trèanaidh sùbailte, tuarastalan agus sochairean nas fheàrr, agus lughdachadh ann an uallaichean rianachd gus fastadh thidsearan a leasachadh a thogail ann am mòran de sheiseanan bhuidhnean fòcais. Uile gu lèir, bha luach an luchd-obrach phroifeiseanta air aithneachadh gu soilleir anns an Deasbad Nàiseanta agus bha cuideam mòr ga chur air cho cudromach 's a tha e deagh thidsearan a chumail anns an dreuchd san àm ri teachd.

4.22  Le sùil a-nis air a' churraicealam, bha na beachdan a chuala sinn gu math taiceil do dhòigh-obrach nas aonaichte a thaobh a' churraicealaim eadar diofar ìrean foghlaim agus eadar-ghluasadan nas socraiche air feadh turas an neach-ionnsachaidh, a' gabhail a-steach an ìre as sine. Thog mòran de na deasbadan buidhne a' chùis seo a' daingneachadh an fheum air barrachd soilleireachd agus co-leanailteachd don luchd-ionnsachaidh air turas a' churraicealaim. A thaobh an ama ri teachd, bha mòran a' faireachdainn gum biodh pròiseas ath-bhreithneachaidh leantainneach na bhuannachd don Churraicealam airson Sàr-mhathais (CfE) gus dèanamh cinnteach gum fuiricheadh e buntainneach, ùraichte agus iomchaidh airson coinneachadh ri feumalachdan saoghail a tha ag atharrachadh.

4.23  Mu dheireadh, a thaobh measadh agus teisteanasan, bha daoine òga de gach aois gu math làidir mun fheum air raon nas fharsainge de roghainnean measaidh agus slighean a bheireadh dhaibh raon nas fharsainge de roghainnean teisteanais a chuir cuideam air na b' urrainn dhaibh a dhèanamh seach na rudan nach b' urrainn dhaibh a dhèanamh. Bha e soilleir bho na chuala sinn gu feum beachdan is dòighean-obrach a thaobh measadh agus teisteanasan atharrachadh gus cothromachadh nas fheàrr fhaighinn ann an roghainnean ionnsachaidh agus slighean ionnsachaidh do dhaoine òga a bheir co-ionannachd spèis dhaibh, an cothrom a bhith air an aithneachadh agus teisteanasan ris an gabh a h-uile duine. agus a bheir cothrom dhaibh air an t-slighe dreuchd a thaghas iad.

4.24  Is iad na gnìomhan a thaobh an t-siostam ionnsachaidh:

Bu chòir coimhead air luchd-obrach an fhoghlaim gu h-iomlan mar ghoireas air feadh an t-siostaim. Feumar an aithne, agus an duais, airson na h-obrach chudromaich a nì a h-uile duine san sgioba-obrach a stèidheachadh agus a nochdadh ann an cothroman dreuchdail, agus ionnsachadh proifeiseanta àrd-inbhe, gus taic a thoirt do shàr chleachdadh mar chòir do na h-uile. Feumar aire a thoirt gu bhith ag iomadachadh an sgioba-obrach agus a' toirt taic do shunnd luchd-obrach.

Bu chòir pròiseas ath-bhreithneachaidh curraicealaim cunbhalach a stèidheachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil an curraicealam fhathast iomchaidh, a' nochdadh feumalachdan luchd-ionnsachaidh an latha an-diugh, agus gun urrainnear a lìbhrigeadh gu h-èifeachdach ann an dòighean a nì cinnteach gu bheil sàr eòlasan ionnsachaidh ceangailte ris a' churraicealam aig gach neach-ionnsachaidh ann an Alba.

Bu chòir do shiostam foghlaim san àm ri teachd brath a ghabhail air, agus feum a dhèanamh de chomasan, sgilean, agus tàlantan cloinne agus dhaoine òga air fad ann an Alba. Bu chòir dha cur às don sgaradh eadar ionnsachadh acadaimigeach is dreuchdail, raon nas fharsainge de roghainnean measaidh is teisteanais a thabhann, agus aithne agus duais fhoirmeil a thoirt do choileanaidhean an luchd-ionnsachaidh air fad.

4.25   Ged nach robh teicneòlas agus goireasan didseatach a' nochdadh ann an dàta an Deasbaid Nàiseanta cho follaiseach 's a bha sinn an dùil, bha beachdan làidir ann bho luchd-fastaidh, pàrantan agus tidsearan gum bu chòir aithneachadh gum feum teicneòlas didseatach a bhith na phrìomh phàirt de shiostam foghlaim sam bith a tha ag amas air an àm ri teachd.

4.26  Am measg luchd-ionnsachaidh, chuala sinn miann làidir airson barrachd chothroman airson fiosrachadh agus eòlas fhaighinn. B' e cuspair a bha cumanta am measg luchd-ionnsachaidh gum biodh foghlam a' cuideachadh le leasachadh an litearras agus an sgilean didseatach gus ullachadh airson obair. Thog luchd-ionnsachaidh am feum air barrachd saorsa roghainn a thaobh nan seòrsaichean conaltradh didseatach. Tha aon rud soilleir; bheir an saoghal didseatach cothroman mòra don chloinn agus do dhaoine òga ann an Alba a tha deiseil air a shon. Mar thoradh air sin, tha e cudromach gum bi luchd-ionnsachaidh air feadh na h-Alba làn ullaichte airson an ama ri teachd didseatach agus gum bi foghlam ann an Alba gan uidheamachadh ann an dòighean a leigeas leotha làn chom-pàirt a ghabhail agus soirbheachadh gu didseatach.

4.27  Is iad na gnìomhan a thaobh an Ama ri Teachd Didseataich:

Tha àrdachadh sgilean didseatach agus cruth-atharrachadh didseatach thar siostam foghlaim na h-Alba, aig gach ìre, na phrìomhachas èiginneach don h-uile neach-ionnsachaidh ann an saoghal didseatach san àm ri teachd. Tha e deatamach gun tèid aire a thoirt do na sgilean agus am bun-structar a th' ann mar-thà a mheudachadh gus barrachd comas didseatach a thogail.

4.28  Tha am prìomh chuspair mu dheireadh anns na freagairtean don Deasbad Nàiseanta a' buntainn ri rud air an tug sinn Leasachadh Foghlaim le Daoine aig a' Chridhe. Thug sinn "Ar Deasbad Nàiseanta" air an Deasbad Nàiseanta a dh'aona ghnothach gus comharrachadh gum feumadh am pròiseas seo a bhith a' gabhail a-steach, agus ag èisteachd ri, guthan agus beachdan dhaoine air feadh na h-Alba, gu sònraichte clann agus daoine òga agus an fheadhainn aig a bheil an guthan gu tric air an iomall no gun chluinntinn. B' e a' phrìomh theachdaireachd a chuala sinn tron Deasbad Nàiseanta gu bheil luach ann an daoine agus dàimhean adhartach nam feartan riatanach ann am foghlam na h-Alba. Ged a dh'fhaodadh foghlam na h-Alba san àm ri teachd a bhith nas didseataich, feumaidh e a bhith nas daonna cuideachd.

4.29  Chuala sinn bho chlann agus daoine òga a bha airson gun cuimhnich luchd-co-dhùnaidh gur ann mun deidhinn-san a bha am foghlam. Bha clann agus daoine òga airson gum biodh caraidean aca, gum bu toil leotha an tidsear aca agus gum biodh meas aig an tidsear orra, gum biodh dàimhean earbsach aca le inbhich a bha a' coimhead às an dèidh a dh'fhaodadh an cuideachadh, a bhith sàbhailte, bha iad airson tòrr chuspairean agus sgilean ionnsachadh, spòrs a bhith aca, cluich, gun èistear riutha agus gun cluinnear iad, agus gum biodh am feartan, feumalachdan, ùidhean agus àrd-amasan fa leth air am meas, air an aithneachadh, agus a' faighinn taic. Ann an iomadh dòigh bha na h-inbhich ris an do bhruidhinn sinn ag iarraidh an aon rud airson clann agus daoine òga, agus gu dearbh rudeigin coltach ris dhaibh fhèin cuideachd.

4.30  Chuala sinn mu cho cudromach 's a tha e a bhith ag èisteachd ri clann is daoine òga ann am foghlam na h-Alba, cho cudromach 's a tha e gu bheil na proifeiseantaich ann am foghlam a' stiùireadh agus a' fiosrachadh cho-dhùnaidhean agus gnìomhan foghlaim leis an eòlas agus na sgilean aca, agus am feum air conaltradh agus dol an sàs le pàrantan, luchd-cùraim agus coimhearsnachdan.

4.31  Is e a' phuing-gnìomha airson Leasachadh Foghlaim le Daoine aig a' Chridhe a thoirt gu buil:Feumaidh leasachadh foghlaim le daoine aig a' chridhe a bhith ag èisteachd ri beachdan cloinne agus dhaoine òga agus a' cur am feumalachdan aig cridhe siostam foghlaim na h-Alba, a' dol an sàs le pàrantan/luchd-cùraim, teaghlaichean, agus coimhearsnachdan, agus dreuchd an fhoghlaim a' stiùireadh na slighe air adhart le eòlas agus breithneachadh proifeiseanta a' fiosrachadh cho-dhùnaidhean agus gnìomhan.

Contact

Email: nationaldiscussiononeducation@gov.scot

Back to top