Tha Gach Neach-ionnsachaidh ann an Alba Cudromach: Ar Deasbad Nàiseanta Geàrr-aithisg

Deasbad Nàiseanta air Foghlam – geàrr-aithisg


5. Na h-ath Cheuman

5.1  Mar a nochd sinn, is e geàrr-aithris a tha seo a tha a' soilleireachadh na Lèirsinn, nan Luachan agus a' Ghairm gu Gnìomh a chaidh iarraidh oirnn a thoirt gu buil, mar luchd-cuideachaidh neo-eisimeileach an Deasbaid Nàiseanta ann an Alba.

5.2  Bha mòran a' ceasnachadh an tigeadh gnìomh susbainteach às an Deasbad Nàiseanta. Chuala sinn cuideachd miann mòr airson atharrachadh (ged is e an "t-atharrachadh ceart") agus daoine a bha airson a bhith an sàs ann gus a thoirt gu buil. Gu dearbha, tha meud a' chom-pàirteachaidh anns an Deasbad Nàiseanta agus na freagairtean dha gun samhail.

5.3  Chan eil sinn a' moladh gun tèid àireamh mhòr, mhòr de dh'atharrachaidhean a dhèanamh air an t-siostam foghlaim ach gum bi an Deasbad Nàiseanta air fhaicinn mar àithne airson atharrachadh a bheir fiosrachadh do ghnìomhan geàrr-ùine, meadhan-ùine agus fad-ùine. Chan eil atharrachadh air sgàth atharrachaidh na leas do dhuine sam bith agus gun teagamh ag adhbharachadh neo-sheasmhachd agus troimh-chèile san t-siostam. Tha sinn air leth mothachail gu bheil an siostam foghlaim agus na proifeiseantaich a tha ag obair ann fo uallach mòr le iarrtasan làithreach agus cuingeadan ghoireasan. Mar sin, tha sinn a' moladh gum feum astar an atharrachaidh a bhith reusanta airson buileachadh de dheagh chàileachd. Chan fhaod atharrachaidh a bhith ro luath ach feumaidh e tachairt agus feumar fhaicinn. Tha e cudromach leasachaidhean a dhèanamh ann an òrdugh faiceallach agus le goireasan iomchaidh agus ùine airson obair a dhaingneachadh. Feumar cumail suas agus togail air na tha ag obair gu math ann an siostam foghlaim na h-Alba, a bharrachd air gluasad air adhart le atharrachaidhean air a bheil cruaidh fheum agus planadh airson atharrachaidhean san fhad-ùine san àm ri teachd.

5.4  Tha muinntir na h-Alba air bruidhinn, agus tha sinne air èisteachd. Tha an t-àm ann a-nis airson conaltradh leantainneach agus gnìomh deimhinneach gus an lèirsinn a thoirt gu buil gu bheil Gach Neach-ionnsachaidh ann an Alba Cudromach.

5.5  Tha sinn ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba agus COSLA beachdachadh air a' gheàrr-aithisg seo agus an aithisg dheireannach ann an dòighean a chuidicheas gus siostam foghlaim na h-Alba a thoirt air adhart. Leis cho mòr 's a bha com-pàirteachadh san Deasbad Nàiseanta, tha roinn an fhoghlaim agus muinntir a' phobaill a' sùileachadh mòran bho na h-ath cheumannan. Tha ùidh mhòr againn anns na thachras agus sinn an dòchas gun dèan na h-atharrachaidhean air feadh siostam na h-Alba cinnteach, an-dràsta agus san àm ri teachd, gu bheil 'Gach Neach-ionnsachaidh ann an Alba Cudromach'.

Contact

Email: nationaldiscussiononeducation@gov.scot

Back to top