An Toiseach as Fheàrr: Plana ro-innleachdail airson tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne aig aois sgoile airson Alba 2022-26 An Dàmhair 2022

Gaelic version of plan setting out how we will embed the benefits of our transformational investment in 1140 hours of high quality funded early learning and childcare. It also explains our approach to expanding our childcare offer over the next four years.


Eàrr-ràdh A: Geàrr-chunntas fianais: mar a tha cùram-chloinne a' cuideachadh gus eadar-dhealachadh a dhèanamh do chloinn, pàrantan agus luchd-cùraim, agus teaghlaichean

Gus na builean as fheàrr a lìbhrigeadh do chloinn agus teaghlaichean, agus gus luach an airgid fhaighinn dhan sporan phoblach, tha e deatamach gun dèan Riaghaltas na h-Alba feum air an fhianais as ùire gus leasachadh poileasaidh agus dèanamh cho-dhùnaidhean fhiosrachadh. Tha an earrann seo na geàrr-chunntas air cuid den fhianais as ùire agus tha i ag aithneachadh far a bheil barrachd obrach a dhìth gus na poileasaidhean againn fhiosrachadh no a mheasadh.

Buannachdan do chloinn

Tha mòran fianais ann gu bheil na bliadhnaichean tràtha de bheatha pàiste deatamach airson an leasachadh sòisealta agus faireachail, a bharrachd air na sgilean cànain agus àireamhachd aca[40]. Tha rannsachadh eadar-nàiseanta a' sealltainn gu bheil solar Tràth-ionnsachaidh agus Cùram-chloinne (ELC) co-cheangailte ri leasachaidhean seasmhach ann am foghlam, cosnadh agus slàinte chloinne nas fhaide air adhart nam beatha[41]. Tha deagh fhianais ann gu bheil clann bho theaghlaichean bochda a' faighinn na buannachd as motha bho phrògraman ELC[42]. Tha rannsachadh cuideachd a' sealltainn gun urrainn do ELC cuideachadh le bhith a' lughdachadh buaidh chunnartan leasachaidh, gu bheil e na sheòrsa de dh'eadar-theachd tràth do chloinn a tha ann an cunnart bho Fheumalachdan Taic a Bharrachd a bhith aca[43].

Thairis air an fhianais rannsachaidh eadar-nàiseanta – a' gabhail a-steach fianais bhon sgrùdadh Growing up in Scotland againn fhìn – chaidh a lorg gu cunbhalach gum feum an ELC aca a bhith de chàileachd àrd ma tha clann bu bhith a' faighinn buannachd.[44] Tha buaidh aig raon farsaing de nithean air càileachd an t-solair, a' gabhail a-steach: àireamhan luchd-obrach agus taobhan den t-suidheachadh obrach aca; teisteanasan agus leasachadh luchd-obrach; na dàimhean agus eadar-obrachadh eadar luchd-teagaisg agus clann; an àrainneachd fhiosaigeach; agus an curraicealam.

Tha nas lugha de dh'fhianais ann aig ìre an t-sluaigh mun bhuaidh a tha aig solar ELC air clann aois dà bhliadhna agus nas òige, agus tha an fhianais a th' ann a tha buailteach a bhith nas measgaichte[45]. Tha cuid de sgrùdaidhean san RA a' cumail a-mach gun robh buannachdan ann dhan chloinn nas òige seo, agus tha cuid eile a' cumail a-mach gun robh builean nach robh cho buannachdail air an leasachadh[46]. Ach, coltach ris na toraidhean a thaobh clann nas sine, tha aonta ann tron litreachas gu bheil càileachd a' chùraim agus an ionnsachaidh a tha air a sholarachadh ro-chudromach a thaobh a bhith a' dèanamh eadar-dhealachadh do chloinn nas òige.

Tha beagan fianais ann cuideachd gu bheil an ùine iomlan a chuireas clann seachad ann an ELC co-cheangailte ri deagh bhuannachdan san fhad-ùine, ged nach do lorg cuid de sgrùdaidhean eile buaidh sam bith. A rèir an OECD, tha co-dhiù dà bhliadhna de ELC mus tòisich clann san sgoil co-cheangailte ri coileanadh nas fheàrr aig aois 15 sa Phrògram airson Coileanadh Oileanach Eadar-nàiseanta (Program for International Student Achievement - PISA).[47]

Tha an litreachas cuideachd mì-chinnteach a thaobh dè an àireamh as fheàrr de dh'uairean a thìde a bu chòir clann a chur seachad ann an ELC gach latha no seachdain. Tha cuid de sgrùdaidhean nas sine air cumail a-mach gu bheil beagan bhuannachdan a bharrachd ann do chloinn bho bhith an làthair fad seiseanan fad-latha seach seiseanan leth-latha. Ach, tha rannsachadh a rinneadh san RA bho chionn ghoirid a' sealltainn gu bheil cuibheas de chòrr is 20 uair a thìde san t-seachdain de ELC foirmeil buannachdail, gu sònraichte dhan chloinn as bochda.[48] A rèir an rannsachaidh cuideachd, a thaobh deagh bhuaidh air builean chloinne, ma thathar a' faighinn barrachd air 20 uair a thìde de ELC, tha càileachd cùram-chloinne nas cudromaiche na an ùine a chuireas clann seachad anns an t-suidheachadh.[49]

San aithghearrachd tha fianais làidir ann gu bheil buannachdan cudromach aig clann aois trì gu còig bho bhith a' frithealadh ELC de chàileachd àrd. Bha seo na bhunait airson leudachadh 1140 agus is e sin as coireach gu bheil càileachd fhathast aig cridhe ar dòigh-obrach. Bha an fhianais mu na buannachdan sònraichte a tha an lùib ELC de dh'àrd-chàileachd do chloinn bho shuidheachaidhean ana-cothromach cuideachd aig cridhe ar co-dhùnadh a bhith ag amas air ruigsinneachd thràth air an fheadhainn aig dà bhliadhna a dh'aois as motha a tha feumach air. Do chloinn a tha fo thrì bliadhna a dh'aois, tha fianais a' sealltainn gu bheil an ìre de bhuannachd a gheibh iad bho ELC a rèir factaran cudromach leithid eachdraidh an teaghlaich, dè an aois a thòisicheas iad ann an ELC, càileachd nan seirbheisean, agus an cothromachadh uairean a chuireas iad seachad eadar cùram san dachaigh agus ann an suidheachaidhean ELC.[50]

Tha pàirt cudromach aig deagh sheirbheisean ELC ann a bhith a' lùghdachadh cuid de dhroch bhuaidhean aig galar lèir-sgaoilte COVID-19 air clann. Chan eil e soilleir fhathast de a' bhuaidh a tha is a bha aig a' ghalair lèir-sgaoilte air clann òga, a' gabhail a-steach dè cho fada 's a mhaireas buaidh sam bith. Ach, tha fianais a tha a' tighinn am bàrr a' sealltainn comharran tràth air mar a thugadh droch bhuaidh air clann òga, le buaidh neo-chothromach air clann bho theaghlaichean bochda[51]. Chaidh buaidh a thoirt air cainnt, cànan agus conaltradh chloinne gu sònraichte, agus tha sinn air a mhìneachadh fo Phrìomhachas 1 gu h-àrd ( td 11) dè an obair a tha gu bhith ann gus dèiligeadh ri seo.

Tha e cudromach cuideachd aithneachadh gu bheil an litreachas air an do bheachdaich sinn an seo a' buntainn ri solar ELC far a bheil pàrantan no luchd-cùraim a' fàgail an cuid chloinne fo chùram luchd-obrach le teisteanas seach na seòrsaichean taic teaghlaich nas fharsainge a tha rim faighinn ann an ionadan chloinne no cròileagain, mar eisimpleir. Tha sinn gu mòr airson bunait fianais a thogail mu dè an seòrsa solair a bhios as buannachdail do chloinn agus sinn a' gluasad air adhart leis a' mhiann againn gus tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne maoinichte a leudachadh gu clann a tha bliadhna agus dà bhliadhna a dh'aois, a' tòiseachadh leis an fheadhainn as motha a tha feumach air seo. Tha fios againn, mar eisimpleir, gu bheil deagh fhianais ann mu na buannachdan bho dhiofar sheòrsaichean taic teaghlaich do chloinn, pàrantan agus luchd-cùraim[52].

Tha nas lugha de dh'fhianais ann an-dràsta air mar a tha cùram-chloinne aig aois sgoile a' dèanamh diofar do chloinn. Tha seo gu ìre mar thoradh air dìth rannsachaidh agus gu ìre mar thoradh air duilgheadas ann a bhith a' dealachadh buaidh cùram-chloinne aois sgoile bho phoileasaidhean eile agus gnàth-eòlasan chloinne aig na h-aoisean sin, leithid a bhith a' frithealadh na bun-sgoile[53]. Ach, tha an rannsachadh a tha ri fhaotainn ag ràdh gur dòcha gun urrainn deagh chùram-chloinne aig aois sgoile eadar-obrachaidhean sòisealta agus dàimhean adhartach a bhrosnachadh, sgilean sòisealta agus misneachd a thogail, agus cothrom a chruthachadh gus cluich ann an àrainneachd shàbhailte. Faodaidh na buannachdan sin a bhith gu sònraichte cudromach do chloinn nas òige agus dhaibhsan bho theaghlaichean a tha fon ana-chothrom sòisio-eaconamach as miosa.

Mar phàirt den àrd-amas againn siostam cùram-chloinne aig aois sgoile a thogail, tha sinn cuideachd dealasach a thaobh a bhith a' cleachdadh dòigh-obrach dealbhachaidh seirbheis a tha stèidhichte air luchd-cleachdaidh a chuidicheas sinn gus bunait fianais a thogail mu dè an t-seòrsa seirbheis as fheàrr a fhreagras air feumalachdan chloinne agus an teaghlaichean, gu sònraichte an fheadhainn air an teachd a-steach as ìsle.

Buannachdan do phàrantan agus luchd-cùraim

A thaobh pàrantan agus luchd-cùraim, tha rannsachadh eadar-nàiseanta a' sealltainn gur dòcha gun urrainn ELC aig prìs reusanta agus a tha sùbailte inbhean beatha adhartachadh agus aghaidh a chur air bochdainn chloinne tro bhith a' lughdachadh cuideaman air teachd-a-steach teaghlaich agus a bhith a' toirt cothrom do phàrantan agus luchd-cùraim, gu sònraichte boireannaich, pàirt a ghabhail ann an obair, foghlam no trèanadh[54]. Tha e cudromach gum bi co-ionannachd chothroman ann an cosnadh eadar boireannaich is fireannaich. Tha buannachdan cudromach aig seo cuideachd air sunnd an leanaibh fhèin, air bochdainn a' toirt droch bhuaidh[55]. Sin as adhbhar gu bheil leudachadh air ruigsinneachd air deagh ELC maoinichte, fhathast na phrìomhachas aig Riaghaltas na h-Alba, gu sònraichte ann an co-theacs èiginn nan cosgais bith-beò an-dràsta.

Tha Ro-innleachd Nàiseanta aig Riaghaltas na h-Alba airson Cruth-atharrachadh Eaconamach[56] a' daingneachadh gu bheil cùram-chloinne na eileamaid dheatamach de bhun-structar eaconamach na h-Alba. Tha an Ro-innleachd a' cur an cèill gu soilleir cho cudromach 's a tha tairgsean cùram-chloinne ann a bhith a' toirt cothrom do phàrantan agus luchd-cùraim a bhith a' tilleadh a dh'obair, no a bhith ag àrdachadh nan uairean obrach aca. Tha an fhianais eadar-nàiseanta a' sealltainn gun urrainn do sholar ELC cuideachadh le bhith a' dèiligeadh ri neo-ionannachd gnè a thaobh pàigheadh, a bharrachd air a bhith a' toirt taic do phàrantan agus luchd-cùraim gus cùram a dhan chuid chloinne a mheasgachadh le bhith a' lorg obair no a' tilleadh a dh'obair, no a bhith a' gabhail pàirt ann am foghlam no trèanadh.[57] Tha an litreachas air fòcas a chur air na ceanglaichean eadar cosnadh màthaireil agus clann a' gabhail pàirt ann an ELC, a' sealltainn gur dòcha gu bheil solar ELC a' cuideachadh mhàthraichean le bhith ag obair[58].

Ach, tha e cudromach cuimhneachadh nach urrainn do sholarachadh ELC taic a thoirt do phàrantan agus luchd-cùraim a bhith ag obair leis fhèin. Tha factaran comasachaidh cudromach eile a' gabhail a-steach fòrladh pàrantach agus poileasaidhean tèarainteachd shòisealta (cumhachdan a tha gu ìre mhòr an urra ri Riaghaltas na RA), na sgilean agus an t-eòlas a th' aig daoine fa-leth, fastaichean taiceil, an seòrsa chothroman obrach a tha rim faighinn gu h-ionadail, agus an suidheachadh eaconamach san fharsaingeachd.[59] Tha am plana ùr aig Riaghaltas na h-Alba gus dèiligeadh ri bochdainn chloinne ag aithneachadh mar a tha na diofar factaran sin a thaobh comas-cosnaidh phàrantan ag eadar-obrachadh[60].

Tha an litreachas rannsachaidh cuideachd a' sealltainn gur docha gu bheil cùram-chloinne aig aois sgoile a tha ruigsinneach agus air prìs reusanta a' leigeil le cuid de phàrantan no luchd-cùraim, gu sònraichte pàrantan singilte agus an fheadhainn nach eil ag obair an-dràsta, obraichean matha a lorg no a chumail, an cuid uairean obrach àrdachadh no foghlam adhartach no trèanadh a dhèanamh.[61] Agus sinn a' leasachadh ar miann airson siostam cùram-chloinne aig aois sgoile a thogail, obraichidh sinn cuideachd gus barrachd fianais a chruinneachadh mu na dòighean anns an urrainn dha taic a thoirt do phàrantan agus luchd-cùraim a thaobh nam miannan aca a dhol a-steach a chosnadh, trèanadh no ionnsachadh agus sin a chumail, agus aig a' cheann thall a bhith a' toirt àrdachadh air teachd a-steach na dachaigh aca.

Le bhith a' toirt cothrom do chloinn air raon de ghnìomhachdan agus eòlasan beatha adhartach, is urrainn tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne aig aois sgoile cuideachadh le bhith a' lùghdachadh droch bhuaidh na bochdainn, a' cur ris an leasachadh fad-ùine aca agus ris na cothroman cosnaidh aca[62]. Tha na 1140 uair a thìde de ELC maoinichte àrd-inbhe cuideachd a' cur gu dìreach ri bhith a' lughdachadh chosgaisean dachaigh. Nam biodh aig teaghlaichean ion-roghnach ris a' chùram-chloinne maoinichte le Riaghaltas na h-Alba a cheannach iad fhèin, chosgadh e timcheall air £5,000 dhaibh airson gach pàiste gach bliadhna.

Buannachdan do theaghlaichean

Cha deach mòran rannsachaidh a dhèanamh gu ruige seo anns an litreachas rannsachaidh air àite cùram-chloinne riaghlaichte ann a bhith a' toirt taic do shunnd teaghlaich, ged a tha fianais ann gun urrainn do ELC taic a chumail ri slàinte is sunnd fhaireachail nam màthraichean[63]. Chomharraich an rannsachadh càileachdail a rinn sinn bho chionn ghoirid le pàrantan agus luchd-cùraim cuideachd cuid de na dòighean anns an urrainn do ELC taic a chumail ri sunnd teaghlaich. Tha iad sin a' gabhail a-steach a bhith a' toirt seachad taic airson:

  • dèiligeadh ri duilgheadasan leasachaidh a dh'fhaodadh a bhith aig clann, gu sònraichte a thaobh buaidh a' ghalair lèir-sgaoilte;
  • a' toirt taic do phàrantan agus luchd-cùraim gus am bi beagan ùine aca fhèin;
  • a' cruthachadh barrachd ùine airson buill eile den teaghlaich (m.e. clann nas sine);
  • lùghdachadh an eallach air seann-phàrantan; agus
  • lùghdachadh ro-uallach.[64]

Tha sinn gu mòr airson a bhith a' cruinneachadh na fianais seo gus tuigse nas soilleire fhaighinn air nas urrainn do ELC maoinichte a thoirt gu sònraichte do shunnd teaghlaich, a' gabhail a-steach nuair a tha clann còmhla ri am pàrantan no an luchd-cùraim agus nuair a tha iad fo chùram proifeiseantaich le trèanadh. Nì sinn barrachd rannsachaidh cuideachd air nas urrainn do ELC a thoirt seachad mar phàirt de sheirbheisean nas fharsainge a bheir taic do theaghlaichean faighinn a-staigh gu foghlam, cosnadh agus trèanadh, no a tha ag amas air bochdainn a lùghdachadh. Bidh seo na phàirt chudromach den ro-innleachd measaidh againn a bhios a' sgrùdadh buaidh an leudachaidh de 1140 bho chionn ghoirid[65].

Contact

Email: ELCPartnershipForum@gov.scot

Back to top