An Toiseach as Fheàrr: Plana ro-innleachdail airson tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne aig aois sgoile airson Alba 2022-26 An Dàmhair 2022

Gaelic version of plan setting out how we will embed the benefits of our transformational investment in 1140 hours of high quality funded early learning and childcare. It also explains our approach to expanding our childcare offer over the next four years.


Am plana againn air aon duilleig

Teacsa grafaigeach gu h-ìosal:

Tha poileasaidh cùram-chloinne a' cur ri builean nàiseanta le fòcas air...

Clann agus daoine òga

Slàinte

Foghlam

Bochdainn

Ar lèirsinn poileasaidh – gur e Alba t-àite as fheàrr a bhios ann san t-saoghal airson fàs suas

Tro bhith a' faighinn cothrom air deagh thràth-ionnsachaidh agus deagh chùram-chloinne aig aois sgoile a tha àrachail, thathar a' toirt cothrom do chloinn, do theaghlaichean agus an coimhearsnachdan an làn chomas a choileanadh agus bidh beàrn nam builean co-cheangailte ri bochdainn a' lùghdachadh.

Na prìomhachasan ro-innleachdail againn

A' toirt gu buil buannachdan an leudachaidh gu 1140 uair a thìde de thràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne do chloinn is teaghlaichean.

A' cur ri leudachadh na tairgse cùram-chloinne againn, a' gabhail a-steach a bhith a' togail siostam cùram-chloinne airson clann aois sgoile agus tairgse ùr do chloinn a tha bliadhna agus dà bhliadhna a dh'aois.

A' dèanamh cinnteach gu bheil roinn agus proifeisean ann a tha seasmhach, eadar-mheasgte agus soirbheachail a' cumail taic ri lìbhrigeadh nam prìomhachasan againn

A' dèanamh cinnteach gu bheil na h-àrd-amasan againn stèidhichte air frèaman maoineachaidh agus builean cothromach, dàta làidir agus buidhnean a tha ag obair còmhla gus seirbheisean a riaghaladh agus gus taic a chumail ri leasachadh càileachd.

Na builean againn

Tha piseach a' tighinn air leasachadh chloinne agus tha a' bheàrn builean co-cheangailte ri bochdainn a' crìonadh.

Piseach air sunnd teaghlaich

Meudachadh air cothroman phàrantan agus luchd-cùraim gus obair, trèanadh agus cùrsaichean foghlaim a dhèanamh no gus an cumail suas.

Prionnsapalan lìbhrigidh: cò ris a bhios an tairgse cùram-chloinne againn coltach

Càileachd, sùbailteachd, ruigsinneachd, prìs reusanta (agus prionnsapalan eile a dh'fhaodadh tighinn a-mach bhon chom-pàirteachadh againn)

Prionnsapalan dealbhaidh: mar a dhealbhaicheas sinn ar tairgse poileasaidh

Co-dhealbhadh, ùr-ghnàthachadh, com-pàirteachas

Contact

Email: ELCPartnershipForum@gov.scot

Back to top