An Toiseach as Fheàrr: Plana ro-innleachdail airson tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne aig aois sgoile airson Alba 2022-26 An Dàmhair 2022

Gaelic version of plan setting out how we will embed the benefits of our transformational investment in 1140 hours of high quality funded early learning and childcare. It also explains our approach to expanding our childcare offer over the next four years.


Ar lèirsinn agus prìomhachasan airson nan ceithir bliadhna ri teachd

Is e an lèirsinn a th' againn, tro chothrom air tràth-ionnsachaidh agus air cùram-chloinne aig aois sgoile a tha beairteach agus àrachail, gum bi clann, teaghlaichean agus na coimhearsnachdan aca comasach air an làn chomas a choileanadh agus gun lùghdaichear beàrn nam builean co-cheangailte ri bochdainn.

Gus an lèirsinn seo a thoirt gu buil tha sinn air trì builean a chruthachadh stèidhichte air an fhianais as fheàrr a tha ri faighinn (tha geàrr-chunntas ann an Eàrr-ràdh A) gus cunntas a thoirt air an dòigh sa bheil sinn an dùil gun dèan ar poileasaidhean tràth-ionnsachaidh agus cùram-chloinne aig aois sgoile eadar-dhealachadh do chloinn, pàrantan, luchd-cùraim agus teaghlaichean ann an Alba.

Tha an diagram gu h-ìosal na gheàrr-chunntas air mar a chuireas na builean againn ris na Builean Nàiseanta mar a tha iad air am mìneachadh ann am Frèam-obrach Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba.

Teacsa grafaigeach gu h-ìosal:

Builean tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne aig aois sgoile

Frèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta. https://nationalperformance.gov.scot/

Tha piseach a' tighinn air leasachadh chloinne agus tha a' bheàrn builean co-cheangailte ri bochdainn a' crìonadh

Tha deagh fhoghlam is deagh sgilean againn agus tha sinn comasach air cur ris a' chomann-shòisealta

Tha sinn fallain agus gnìomhach

Piseach air sunnd teaghlaich

Tha sinn a' fàs suas gràdhaichte, sàbhailte agus air ar measadh air los gun coilean sinn ar làn-chomas

Meudachadh air cothroman phàrantan agus luchd-cùraim gus obair, trèanadh agus cùrsaichean foghlaim a dhèanamh

Bidh sinn a' toirt aghaidh air bochdainn tro bhith a' co-roinn chothroman, beartas agus cumhachd ann an dòigh nas co-ionainne

Tha gnothachasan soirbheachail is ùr-ghnàthach againn, le deagh obraichean agus obair chothromach dhan a h-uile duine

Tha na trì builean sin eadar-cheangailte. Mar eisimpleir, tha e soilleir gu bheil teachd a-steach phàrantan no luchd-cùraim a' toirt buaidh an dà chuid air builean chloinne agus sunnd teaghlaich. Ach, air an gabhail còmhla, tha iad nam frèaman cuideachail airson a bhith a' stiùireadh mar a leasaicheas sinn, a chuireas sinn an gnìomh agus a mheasas sinn buaidh nam poileasaidhean againn.

Bidh na tha tràth-ionnsachaidh agus cùram-chloinne aig aois sgoile a' cur ri lìbhrigeadh nam builean sin cuideachd eadar-dhealaichte a rèir suidheachadh agus roghainnean fa leth gach teaghlaich (a' gabhail a-steach aois is ìrean an cuid chloinne) agus an taic eaconamach is shòisealta san fharsaingeachd a tha ann dhaibh.

Tha e cudromach cuideachd gun toir sinn feart air na tha an fhianais ag innse dhuinn mu na tha a' lìbhrigeadh deagh bhuilean do chlann aig diofar aoisean. Tha fianais làidir ann gu bheil buannachdan cudromach aig clann aois trì gu còig bho bhith a' frithealadh ELC de chàileachd àrd. Do chloinn a tha fo trì bliadhna a dh'aois, tha an ìre de bhuannachd a gheibh iad bho ELC a rèir factaran cudromach leithid eachdraidh an teaghlaich, dè an aois a thòisicheas iad ann an ELC, càileachd nan seirbheisean, agus an cothromachadh de dh'uairean a chuireas iad seachad eadar cùram san dachaigh agus ann an suidheachaidhean ELC.[5]

Mar sin bidh co-dhealbhadh nam poileasaidhean ùra againn le clann agus teaghlaichean na phàirt ro-chudromach den dòigh-obrach againn thar nan ceithir bliadhna a tha romhainn, mar a tha air a mhìneachadh air taobh-duilleig 2 5. Bidh dòigh-obrach againn a tha stèidhichte air an neach, stèidhichte air àite agus a' toirt cumhachd agus taic do dhaoine gus a bhith an sàs ann an dealbhadh sheirbheisean cùram-chloinne sna coimhearsnachdan aca.

Gus na builean sin a thoirt gu buil tha sinn air ceithir prìomhachasan ro-innleachdail a chur an cèill airson 2022 gu 2026. 'S iad sin:

1. A' toirt gu buil buannachdan an leudachaidh gu 1140 uair a thìde de thràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne do chloinn is teaghlaichean.

2. A' cur ri leudachadh na tairgse cùram-chloinne againn, a' gabhail a-steach a bhith a' togail siostam cùram-chloinne airson clann aois sgoile san àm ri teachd agus tairgse tràth-ionnsachaidh is cùram-chloinne ùr do chloinn a tha bliadhna agus dà bhliadhna a dh'aois.

3. A' dèanamh cinnteach gu bheil roinn agus proifeisean a tha seasmhach, eadar-mheasgte agus soirbheachail a' cumail taic ri lìbhrigeadh nam prìomhachasan againn

4. A' dèanamh cinnteach gu bheil na h-àrd-amasan againn stèidhichte air frèaman maoineachaidh agus builean cothromach, dàta làidir agus buidhnean a tha ag obair còmhla gus seirbheisean a riaghladh agus gus taic a chumail ri leasachadh càileachd.

Tha an earrann a leanas a' mìneachadh na nì sinn thairis air a' chòrr den Phàrlamaid seo gus na prìomhachasan sin a lìbhrigeadh.

Contact

Email: ELCPartnershipForum@gov.scot

Back to top