An Toiseach as Fheàrr: Plana ro-innleachdail airson tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne aig aois sgoile airson Alba 2022-26 An Dàmhair 2022

Gaelic version of plan setting out how we will embed the benefits of our transformational investment in 1140 hours of high quality funded early learning and childcare. It also explains our approach to expanding our childcare offer over the next four years.


Prìomhachas 2: A' cur ri leudachadh na tairgse cùram-chloinne againn, a' gabhail a-steach a bhith a' togail siostam cùram-chloinne airson clann aois sgoile san àm ri teachd agus tairgse tràth-ionnsachaidh is cùram-chloinne ùr do chlann a tha bliadhna agus dà bhliadhna a dh'aois

Bhon Phrògram Riaghlaidh 2021[17] tha sinn air gealltainn:

  • a bhith a' leudachadh tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne an-asgaidh do chloinn bliadhna agus dà bhliadhna a dh'aois, a' tòiseachadh sa Phàrlamaid seo leis a' chloinn as motha a gheibh buannachd; agus
  • a bhith a' togail siostam de chùram-chloinne airson clann aois sgoile ro dheireadh na Pàrlamaid seo, a' toirt seachad cùram ro agus às dèidh na sgoile, fad na bliadhna, a' cumail taic ri pàrantan agus luchd-cùraim – gu sònraichte an fheadhainn air teachd a-steach ìosal – gus obair thèarainte is sheasmhach a bhith aca. Cha phàigh an fheadhainn air an teachd a-steach as ìsle dad.

Tron Phàrlamaid mu dheireadh, dh'obraich sinn gus com-pàirteachadh a dhèanamh le clann is teaghlaichean, gus fianais a thogail, agus gus sealladh soilleir a chruthachadh airson tairgse cùram-chloinne do chlann aig aois sgoile san àm ri teachd. Tha obair air leudachadh tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne maoinichte do chloinn a tha bliadhna no dà bhliadhna a dh'aois aig ìre leasachaidh nas tràithe.

Thar nan ceithir bliadhna ri teachd obraichidh sinn le ar com-pàirtichean gus tòiseachadh air na geallaidhean sin a chur an gnìomh ann an dòigh a choileanas feumalachdan chloinne, phàrantan, luchd-cùraim agus theaghlaichean. Ged a dh'fhaodadh sinn dòigh-obrach eadar-dhealaichte a chleachdadh a thaobh lìbhrigeadh beachdaichidh sinn gu faiceallach air mar a tha seirbheisean ùra a' co-thaobhadh ri agus a' togail air na modailean solair a th' ann mar-thà, agus bheir sinn feart do na leasanan a dh'ionnsaich sinn bho bhuileachadh soirbheachail leudachadh nan 1140 uair a thìde gu ruige seo.

Mar a chuir sinn an cèill sa Phlana Lìbhrigidh airson Cur an Aghaidh Bochdainn Cloinne, bidh sinn cuideachd a' dèanamh lèirmheas air ion-roghnachd a mhìnicheas an dòigh-obrach as fheàrr airson ruigsinneachd air cùram-chloinne maoinichte a leudachadh airson barrachd de na teaghlaichean a tha nam prìomhachas a thaobh bochdainn chloinne thar cùrsa na Pàrlamaid seo. Bheir am pròiseas aire do bheachdan agus gnàth-eòlasan chom-pàirtichean anns na roinnean poblach, prìobhaideach, treas-roinn agus roinn an luchd-aireachaidh chloinne. Mar phàirt den phròiseas seo beachdaichidh sinn air dòighean-obrach cunbhalach a thaobh ion-roghnachd airson nan tairgsean cùram-chloinne uile againn a nì cinnteach gum bi dòigh-obrach shìmplidh, aonaichte ann do theaghlaichean, agus a mheudaicheas na cothroman gus taic a thoirt do chloinn agus teaghlaichean gus faighinn a-mach à bochdainn.

A' cruthachadh tairgse ùr de thràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne do chloinn a tha bliadhna agus dà bhliadhna a dh'aois

Thòisich a' chiad ìre den phrògram seo ann an 2022-23 agus tha i a' cuimseachadh air rannsachadh, lèirsinn agus conaltradh. Obraichidh sinn còmhla ri teaghlaichean gus tuigse fhaighinn air na tha iad ag iarraidh agus a' feumachdainn bho thairgse do chloinn nas òige, gu sònraichte an fheadhainn anns na coimhearsnachdan fon ana-cothrom as motha. Bidh an dòigh-obrach againn a' togail air an ionnsachadh a rinn sinn bhon phrògram cùram-chloinne aig aois sgoile a thaobh mar a chleachdas sinn Dòigh-obrach na h-Alba a thaobh Dealbhadh Seirbheis[18].

Nì sinn mapadh air an t-solair làithreach do chloinn bliadhna agus dà bhliadhna a dh'aois (an dà chuid a thaobh diofar mhodailean seirbheis agus solar cruinn-eòlasach) air feadh na h-Alba, agus obraichidh sinn le eòlaichean, ùghdarrasan ionadail agus solaraichean seirbheis gus ar bunait fianais a thogail agus gus ionnsachadh bhon t-solar a th' ann mar-thà air feadh na RA agus dùthchannan eile. Tha sinn ag aithneachadh agus a' cur luach air na seallaidhean agus air an eòlas gun samhail as urrainn proifeiseantaich anns na roinnean poblach, prìobhaideach, treas roinn agus roinn an luchd-aireachaidh chloinne a thoirt dhan phrògram, le mòran dhiubh a' toirt cùram do chloinn nas òige mar-thà, a bharrachd air na dh'ionnsaicheas sinn bho ùghdarrasan ionadail a tha a' toirt seachad taic chuimsichte mar-thà.

Chaidh cho cudromachd 's a tha tasgadh ro-chasgach agus taiceil ann an teaghlaichean a dhearbhadh gu soilleir tro obair an Lèirmheis Cùraim Neo-eisimeileach[19] agus tha e air a chur an cèill air feadh na h-aithris anns a' Ghealladh. Cuiridh sinn ris a' bhunait fianais againn a thaobh nan trì builean a tha air am mìneachadh gu h-àrd, agus aithnichidh sinn cho cudromach 's a tha e a bhith a' measadh mar a ghabhas taic a chumail ri taic sunnd teaghlaich (mar bhuil) agus taic teaghlaich (mar mhodail lìbhrigidh) tro phrògram leudaichte airson clann a tha bliadhna agus dà bhliadhna a dh'aois. Ann an 2022-23 bidh sinn ag obair le cuid de na com-pàirtichean againn san roinn gus dòighean ùr-ghnàthach a chomharrachadh gus seirbheisean a lìbhrigeadh a chumas taic ri amasan Maoin Sunnd an Teaghlaich air Fad.

Bho 2023-24 a-mach, foillsichidh sinn na toraidhean bhon chiad ìre den phrògram agus tòisichidh sinn air modailean solair a chruthachadh, fheuchainn agus a mheas. Gabhaidh sinn cuideachd an cothrom gus ionnsachadh bhon obair a rinn daoine a ghabh ris gu tràth sa choimhearsnachd, a nithear gus siostam cùram-chloinne aig aois sgoile a dhealbhadh, mar a tha air a mhìneachadh nas mionaidiche gu h-ìosal.

A' togail siostam de chùram-chloinne aig aois sgoile

A' leantainn Dòigh-obrach na h-Alba a thaobh Dealbhadh Seirbheis, nì sinn cinnteach gun cleachd sinn dòigh-obrach a tha stèidhichte air an neach, a' toirt cumhachd agus taic do dhaoine a bhith an sàs ann an dealbhadh sheirbheisean cùram-chloinne aig aois sgoile sna coimhearsnachdan aca.

Obraichidh sinn còmhla ri teaghlaichean, solaraichean cùram-chloinne, agus an roinn phoblaich san fharsaingeachd gus siostam a thogail a bhios a rèir feumalachdan teaghlaichean fa leth. Nì sinn cinnteach gum bi seirbheisean san àm ri teachd ruigsinneach agus aig prìs a tha ruigsinneach do theaghlaichean, agus gum bi iad air am maoineachadh dhaibhsan leis an teachd a-steach as ìsle.

Bidh dòigh-obrach againn stèidhichte air àite, ag aithneachadh nach eil aon fhuasgladh ann a thaobh a bhith a' toirt seachad cùram-chloinne ann an coimhearsnachdan. Aon uair 's gu bheil sinn a' tuigsinn feumalachdan theaghlaichean, nì sinn cinnteach gun dèan sinn làn-fheum de sheirbheisean agus bun-structair a th' ann mar-thà agus nach cruthaich sinn seirbheisean agus bun-structar ùr ach a-mhàin far a bheil sin a dhìth. Bidh sinn cuideachd ag amalachadh solar bìdh is cùram-chloinne, far an gabh sin dèanamh, a' tuigsinn cho cudromach 's a tha cothrom air biadh fallain agus beathachail mar phàirt de thairgse cùram-chloinne sam bith.

Tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth leis an roinn cùram-chloinne aois sgoile riaghlaichte agus le roinn gnìomhachdan nas fharsainge gus tuigse mhath fhaighinn air an t-siostam cùram-chloinne aig aois sgoile a th' againn ann an Alba mar-thà. Tha sinn cuideachd air com-pàirteachadh le clann agus daoine òga, pàrantan, agus luchd-cùraim gus tuigse fhaighinn air na dùbhlain a tha romhpa ann a bhith a' faighinn cothrom air cùram-chloinne airson an cuid chloinne aig aois sgoile. Chaidh aithris air seo anns an Dreach Frèama airson Cùram Taobh a-muigh na Sgoile againn[20] agus san Aithisg Adhartais againn[21].

Tha sinn air tòiseachadh air deuchainn a dhèanamh air an atharrachadh a dh'fheumar gus seirbheisean a leasachadh agus a lìbhrigeadh san àm ri teachd tro ar pròiseactan agus pìleatan Maoin Cothrom air Cùram-chloinne, agus air a' phrògram Samhraidh 2022 againn. Tha an obair seo air a bhith ag amas air na teaghlaichean anns a' chunnart as motha bho bhochdainn. Thug a' Mhaoin Cothrom air Cùram-chloinne taic do 18 pròiseactan pìleat luach £3 millean tro 2020-2022 agus tha i fhathast a' toirt taic ionmhasail do 10 pròiseactan am-bliadhna. A bharrachd air sin, tha sinn air £10 millean a thasgadh thar nan 32 ùghdarrasan ionadail gu lèir gus biadh saor-làithean samhraidh, gnìomhachdan agus cùram-chloinne a lìbhrigeadh. Bidh an t-ionnsachadh a fhuaradh bho na prògraman Cothrom air Cùram-chloinne agus Samhradh 22 deatamach ann a bhith a' dealbhadh tairgse cùram-chloinne aig aois sgoile fad na bliadhna do theaghlaichean aig a bheil teachd a-steach ìosal. Tha measadh Maoin Cothrom air Cùram-chloinne 2020-2022 a-nis air fhoillseachadh[22], agus thèid làn mheasadh air prògram Samhradh 22 fhoillseachadh tràth ann an 2023.

Tòisichidh an obair againn le bhith a' comharrachadh agus a' toirt taic do choimhearsnachdan a ghabhail ri seo gu tràth air feadh na h-Alba far an urrainn dhuinn deuchainn a dhèanamh air cò ris a bhiodh siostam ionadail de chùram-chloinne aig aois sgoile coltach. Bidh seo a' gabhail a-steach obair com-pàirteachais le raon de sheirbheisean a th' ann mar-thà agus seirbheisean ùra, agus co-dhealbhadh leis a' chloinn agus na teaghlaichean a tha a' fuireach anns na coimhearsnachdan sin. Tha fios againn nach toir maoineachadh cùram-chloinne leis fhèin cothrom do theaghlaichean piseach a thoirt air na suidheachaidhean aca agus mar sin obraichidh sinn gus dèanamh cinnteach gu bheil solar cùram-chloinne air a cho-thaobhadh, far a bheil sin comasach, ri taic nas fharsainge do na teaghlaichean as motha a tha ann an cunnart bochdainn. Tha sin a' gabhail a-steach planaichean ionadail gus dèiligeadh ri bochdainn, taic cosnaidh, cleachdaidhean obrach cothromach, còmhdhail ruigsinneach, agus taic teaghlaich san fharsaingeachd.

Tha sinn a' cruthachadh frèama lìbhrigidh airson cùram-chloinne aig aois sgoile a mhìnicheas an dòigh-obrach agus na prionnsapalan a chleachdas sinn ann a bhith a' dealbhadh siostam cùram-chloinne aig aois sgoile san àm ri teachd, a bharrachd air clàran-ama gus an obair seo a thoirt air adhart, nas fhaide air adhart am-bliadhna.

Contact

Email: ELCPartnershipForum@gov.scot

Back to top