An Toiseach as Fheàrr: Plana ro-innleachdail airson tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne aig aois sgoile airson Alba 2022-26 An Dàmhair 2022

Gaelic version of plan setting out how we will embed the benefits of our transformational investment in 1140 hours of high quality funded early learning and childcare. It also explains our approach to expanding our childcare offer over the next four years.


Prìomhachas 3: A' dèanamh cinnteach gu bheil roinn agus proifesean a tha seasmhach, eadar-mheasgte agus soirbheachail a' cumail taic ri lìbhrigeadh nam prìomhachasan againn

A' cumail taic ri seasmhachd roinne a' chùram-chloinne

Chan urrainn dhuinn deagh bhuilean a lìbhrigeadh do chloinn agus teaghlaichean mur a bi roinn cùram-chloinne againn a tha seasmhach, eadar-mheasgte agus soirbheachail. Tha seirbheisean cùram-chloinne agus proifeiseantaich thar nan roinnean poblach, prìobhaideach, an treas roinn agus roinn an luchd-aireachaidh chloinne air taic ro-chudromach a thoirt do theaghlaichean is clann aig àm a' ghalair lèir-sgaoilte COVID-19. Tha fios againn gu bheil fìor dhùbhlain mu choinneamh gnìomhachasan agus daoine fa leth fhathast mar thoradh air seo, agus gu bheil na cuideaman sin gan dèanamh nas miosa mar thoradh air ùpraid eaconamach den t-seòrsa nach fhacas airson ginealach a tha mar-thà a' toirt buaidh air daoine, gnìomhachasan, seirbheisean poblach agus air an treas roinn air feadh na h-Alba.

Tha iarrtas air cùram-chloinne cuideachd air atharrachadh tron ghalar lèir-sgaoilte, a' cruthachadh dhùbhlain sònraichte do ghnìomhachasan beaga. Chaidh na h-àireamhan nach robh a' cur feum air cùram chloinne tuilleadh suas sa bhliadhna chun an Ògmhios 2021. Ged a thàinig seo às dèidh ìsleachadh anns an àireamh de dhaoine nach robh a' cur feum air seirbheisean tuilleadh gach bliadhna eadar an t-Ògmhios 2018 agus an t-Ògmhios 2020, cumaidh sinn sùil gheur air treandaichean. Tha an ìre de dhaoine nach robh a' cur feum air seirbheisean aireachaidh chloinne mòran nas àirde na airson sheirbheisean cùraim-chloinne latha,[23] agus tha an galar lèir-sgaoilte cuideachd air buaidh mhòr a thoirt air proifeiseantaich a tha ag obair ann an roinn a' chùram-chloinne.

Uile gu lèir, tha Riaghaltas na h-Alba air £900 millean a thoirt seachad mar-thà gus taic a thoirt do ghnìomhachasan ann an Alba am-bliadhna, a' gabhail a-steach a bhith a' toirt suas ri £9.8 millean seachad tro Mhaoin Buaidh Omicron Roinn a' Chùraim-chloinne. Obraichidh sinn gus dèanamh cinnteach gu bheil feumalachdan sònraichte na roinne tràth-ionnsachaidh agus roinn a' chùraim-chloinne aig aois sgoile air an nochdadh ann an ceuman sam bith san àm ri teachd gus taic a thoirt do ghnìomhachasan agus seirbheisean poblach a dh'fhaodadh a bhith a dhìth.

Mar phàirt den taic againn dhan roinn, nì sinn reachdas gus leantainn air adhart le Sgeama Faochadh Reataichean nan Sgoiltean-àraich, a bheir faochadh 100 sa cheud air Reataichean Neo-dhachaigheil do sgoiltean-àraich latha ion-roghnach (le ùmhlachd do riaghailtean smachd subsadaidh), seachad air a' cheann-latha crìochnachaidh reachdail làithreach, 30 Ògmhios 2023. Tha Riaghaltas na h-Alba a-nis air measadh a dhèanamh air an fhaochadh, a tha air nochdadh gun robh buannachdan aig an taic seo, luach timcheall air £9.6 millean do sgoiltean-àraich iomchaidh, agus dhan chloinn is do na teaghlaichean a bhios a' cleachdadh nan seirbheisean sin.

Cruthaichidh sinn taic gnìomhachais airson gach pàirt den roinn cùram-chloinne trom faigh luchd-solair cothrom air comhairle speisealach shònraichte mu bhith a' neartachadh agus ag iomadachadh an cuid ghnìomhachasan. Bidh dòigh làidir ach co-rèireach againn gus sùil a chumail air seasmhachd ionmhasail nan roinnean poblach, prìobhaideach, an treas roinn is roinn a' cùraim-chloinne gus dèanamh cinnteach gu bheil an dà chuid poileasaidh nàiseanta agus ionadail air a stiùireadh leis an fhianais as ùire mu shlàinte na roinne tron àm dhùbhlanach seo.

Ràinig sinn aonta maoineachaidh ioma-bliadhna le COSLA ann an 2018 gus taic a chumail ris an leudachadh gu 1140 uair a thìde, agus às dèidh sin dh'aontaich sinn rèiteachadh aon-bhliadhna ann an 2022-23. Bha ullachaidhean an lùib seo gus grunn co-phrìomhachasan a bhuileachadh, a' gabhail a-steach ceumannan gus buaidh a' ghalair lèir-sgaoilte COVID-19 a lasachadh, gus dèanamh cinnteach gum biodh reataichean seasmhach ann agus gus ìre-cleachdaidh ELC cuimsichte a mheudachadh.

Fo Mhaoineachaidh a' Leantainn a' Phàiste agus an Inbhe Nàiseanta– a dh'aontaich sinn an co-bhonn le COSLA – feumaidh ùghdarrasan ionadail ìrean maoineachaidh seasmhach a shuidheachadh agus brosnachadh gun tèid am fìor Thuarastal Bith-beò a phàigheadh dhan a h-uile neach-obrach a tha a' lìbhrigeadh ELC maoinichte. Bhon uair sin, tha sinn air fìor adhartas fhaicinn an dà chuid ann an reataichean seasmhach agus ann am pàigheadh an fhìor Thuarastal Beò.

Ron leudachadh, sheall an rannsachadh againn gun robh 80 sa cheud de phroifeiseantaich cùram chloinne a' toirt seachad ELC maoinichte a' faighinn nas lugha na am Fìor Thuarastal Bith-beò aig an àm[24]. Fhuair an rannsachadh againn a-mach ann an 2021 gun robh còrr is 88 sa cheud de sholaraichean san roinn phrìobhaidich agus san treas roinn a bha a' lìbhrigeadh ELC maoinichte an dùil am fìor Thuarastal Bith-beò a phàigheadh dhan a h-uile neach-obrach san t-suidheachadh aca (chan e dìreach luchd-obrach aig a bheil pàigheadh tro mhaoineachadh 1140) bhon Lùnastal 2021. Tha ìrean cuibheasach a phàigh ùghdarrasan ionadail do sholaraichean ELC maoinichte air a dhol suas 48 sa cheud eadar 2017 agus 2021[25] gu £5.44 san uair (airson clann trì gu còig bliadhna), agus tha an ìre chuibheasach as àirde san RA a-nis aig Alba.

Reataichean seasmhach

Mar thoradh air leudachadh ELC, tha ìrean cuibheasach pàighte do sholaraichean airson clann trì gu còig bliadhna a dh'aois a tha a' faighinn ELC maoinichte air a dhol suas 48 sa cheud eadar 2017 agus 2021, bho £3.68 san uair ann an 2017-18 gu £5.44 san uair ann an 2021-22.

[Tùs: Mion-sgrùdadh Riaghaltas na h-Alba air reataichean ùghdarrasan ionadail - 2019 agus 2021 [25]]

Anns an Sgrùdadh Slàinte Seasmhachd Ionmhais againn ann an 2021 againn, gheall sinn gun obraicheamaid le COSLA gus pròiseasan suidheachadh reataichean a neartachadh. Bhon uair sin tha COSLA air a bhith ag obair le com-pàirtichean gus eacarsaich cruinneachadh chosgaisean nàiseanta a ruith gus dèanamh cinnteach gu bheil càileachd nas fheàrr agus dàta cosgais coimeasach bho sholaraichean ann. Chaidh stiùireadh ùr air suidheachadh reataichean fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba agus COSLA sa Chèitean 2022. Mar thoradh air seo tha sinn an dùil gun tèid barrachd adhartais a dhèanamh ann an 2022-23, agus foillsichidh sinn fiosrachadh às ùr as t-fhoghar air na reataichean seasmhach a chaidh a shuidheachadh le ùghdarrasan ionadail.

Obraichidh sinn cuideachd le riaghaltas ionadail gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air an dòigh-obrach airson ìrean a shuidheachadh ann an 2022-23 gus comharrachadh far an gabh seo a leasachadh barrachd gus dèanamh cinnteach gu bheil reataichean a rèir nan cosgaisean airson a bhith a' lìbhrigeadh ELC maoinichte agus a bhith a' pàigheadh an fhìor Thuarastal Bith-beò do luchd-obrach. Fiosraichidh an lèirmheas seo na gnìomhan eile a thèid a ghabhail ron ath bhliadhna ionmhais, taobh a-staigh nan goireasan a tha rim faighinn, agus an dòigh-obrach nas fharsainge a thaobh a bhith a' suidheachadh reataichean tron chòrr den Phàrlamaid seo. Bidh seo a' gabhail a-steach beachdachadh air ùrachadh sam bith a tha a dhìth air an stiùireadh air reataichean seasmhach a tha a' dol còmhla ris.

Tha sinn fhathast dealasach a thaobh a bhith a' leabachadh an fhìor Thuarastal Bith-beò air feadh na roinne agus a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil tràth-ionnsachaidh agus cùram-chloinne aig aois sgoile san àm ri teachd a tha maoinichte a' cumail taic ri leasachaidhean a bharrachd air pàigheadh agus cumhaichean airson proifeiseantaich cùram-chloinne.

A' cumail taic ri iomadachd na roinne cùram-chloinne

Tron leudachadh gu 1140 uair a thìde, tha an sgioba-obrach cùram-chloinne air fàs gu mòr agus tha 46,260 proifeiseantaich ann a-nis - àireamh nach fhacas riamh roimhe (a' gabhail a-steach luchd-aireachaidh chloinne agus tidsearan) clàraichte airson obair san roinn[26]. Tha sinn moiteil gun robh àrdachadh de 52 sa cheud san àireamh de luchd-ceumnachaidh le ceuman a' buntainn ri tràth-bhliadhnaichean a tha ag obair ann an ELC eadar 2017[27] agus 2021[28], agus den raon fharsaing de sholaraichean agus de phroifeiseantaich a tha a' lìbhrigeadh seirbheisean cùram-chloinne ann an Alba.

Feachd-obrach cùram-chloinne latha

Tha àireamh luchd-obrach cùram-chloinne latha air a dhol suas 34 sa cheud bho 2011- a' sealltainn leudachadh ELC thar na h-ùine seo.

[Tùs: SSSC workforce data reports[29]]

Àireamh luchd-obrach le teisteanasan aig ìre ceum

Luchd-obrach le teisteanasan aig ìre ceum (FTE) 2017 2018 2019 2020 2021
Ceumnaichean 2,074 2,302 2,535 2,721 3,150
Luchd-teagaisg 921 821 798 729 704
Iomlan 2,994 3,124 3,333 3,449 3,854

Tha an àireamh de luchd-obrach (FTE) le teisteanasan aig ìre ceum air a dhol suas faisg air 29 sa cheud eadar 2017 agus 2021.

  • B' e 2017 a' chiad bhliadhna a chruinnich sinn data mu cheumnaichean anns a' chunntassluaigh ELC
  • Tha seo a' gabhail a-steach tidsearan tadhal dhachaigh ELC a tha air am fastadh sa mheadhan

[Tùs: Cunntas-sluaigh Tràth-ionnsachadh is Cùraim-chloinne aig Riaghaltas na h-Alba[30]]

Tha an iomadachd seo a' toirt roghainnean agus sùbailteachd do theaghlaichean, agus a' tabhann diofar chothroman agus eòlasan do chloinn. Le bhith a' buileachadh Maoineachaidh a' Leantainn a' Phàiste agus an Inbhe Nàiseanta, gheibh teaghlaichean cothrom air còir ELC maoinichte an cuid chloinne aig solaraiche sam bith aig a bheil àite, a tha a rèir na h-Inbhe Nàiseanta, agus a tha deònach cùmhnant a dhèanamh leis na h-ùghdarrasan ionadail.

Mus deach ELC maoinichte a leudachadh, rinn sinn ro-mheasadh gum biodh mu chairteal de na h-uairean a thìde maoinichte air an lìbhrigeadh le solaraichean anns an roinn phrìobhaidich, treas roinn agus roinn an luchd-aireachaidh chloinne. Tha sinn toilichte gu bheil am fiosrachadh as ùire bho ùghdarrasan ionadail a' sealltainn gu bheil timcheall air 30 sa cheud de dh'uairean a thìde air an lìbhrigeadh leis an t-seòrsa sholaraichean seo.

Ach, anns na bliadhnachan mu dheireadh tha sinn air crìonadh fhaicinn anns an àireamh de sheirbheisean aireachaidh chloinne. Tha sinn ag aithneachadh cho luachmhor 's a tha luchd-aireachaidh chloinne ann a bhith a' toirt taic do dh'ionnsachadh is leasachadh chloinne, agus ann an roghainnean cùram-chloinne do theaghlaichean. Cumaidh sinn oirnn ag obair le ùghdarrasan ionadail agus com-pàirtichean gus am Plana Gnìomh Our Commitment to Childminding a chur an gnìomh[31], agus gus mothachadh a thogail mu chùram-chloinne mar roghainn airson solar maoinichte ELC, a bharrachd air seirbheisean poblach, prìobhaideach agus san treas roinn. Beachdaichidh sinn cuideachd air mar as urrainn dhuinn taic a thoirt do mhodhan-obrach leasaichte a thaobh leasachadh luchd-obrach. Mar eisimpleir, le bhith ag àrdachadh mothachadh air, agus cothrom air, meantoradh agus coidseadh aig àrd inbhe.

Àireamh nan seirbheisean aireachaidh chloinne

Bha crìonadh de chòrr is 29 sa cheud air san àireimh de sheirbheisean cùram-chloinne eadar 2016 agus 2021. Ach, thar na h-ùine seo chaidh cuibhreann a tha a’ sìor fhàs de sheirbheisean luchd-aireachaidh chloinne aontachadh gus ELC maoinichte a lìbhrigeadh.

[Tùs: Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim[32]]

Tron Fhrèama Ro-innleachdail airson Proifeisean Cùram-chloinne na h-Alba a tha gu bhith ann, obraichidh sinn le com-pàirtichean agus leis an roinn gus farsaingeachd de ghnìomhan a chruthachadh a chumas taic ri feachd-obrach seasmhach, eadar-mheasgte, àrd-sgileil gus seirbheis a thoirt dhan roinn cùram-chloinne gu lèir. Nì sinn ar dìcheall gus am bi proifeiseantaich air an luachadh agus air an aithneachadh airson an ròil dheatamach aca ann a bhith a' toirt seachad ionnsachadh agus cùram den chàileachd as àirde a leigeas le ar clann an làn chomas a choileanadh agus gus piseach a thoirt air na builean aca fhèin agus aig an teaghlaichean.

An àireamh de sheirbheisean cùram-chloinne latha clàraichte le Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim

Tha an àireamh de sheirbheisean cùramlatha do chloinn a tha clàraichte le Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim air a dhol sìos beagan bho 2015. Ach, tha comas iomlan nan seirbheisean sin air a dhol suas 14 sa cheud eadar 2014 agus 2021.

[Tùs: Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim[33]]

Tha sinn airson dèanamh cinnteach gun urrainn do phroifeiseantaich cùram-chloinne uile dreuchdan sàsachail a bhith aca agus an cuid sunnd agus tapachd a neartachadh. Beachdaichidh sinn air an iarrtas airson luchd-obrach agus sinn a' dèanamh adhartas ann a bhith a' togail agus a' dealbhadh ar gealltanasan ùra a thaobh cùram-chloinne, a' dèanamh cinnteach gu bheil solar gu leòr taobh a-staigh siostam nan sgilean gus coinneachadh ris an iarrtas sin, agus gus cur ri com-pàirteachadh thar na roinne a thaobh iarrtas agus planadh sgilean.[33]

Comas-lìbhrigidh cùram latha de sheirbheisean chloinne clàraichte le Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim

Thar na h-aon ùine, tha sinn air àrdachadh fhaicinn anns a' chuibhreann de sheirbheisean a tha air an ruith le ùghdarrasan ionadail, agus lùghdachadh beag anns a' chuibhreann a tha air an ruith le solaraichean saor-thoileach no neo-phrothaideach.

Cumaidh sinn oirnn a' toirt taic do dh'fhastadh thar roinn a' chùraim-chloinne agus gus dreuchd eadar-mheasgte a chruthachadh a bhios a' riochdachadh comann-sòisealta na h-Alba san fharsaingeachd. Nì sinn cinnteach gu bheil dealbhadh tairgsean cùram-chloinne maoinichte ùr a' gabhail a-steach na h-iomadachd solair a tha ann mar-thà agus gu bheil e a' cruthachadh chothroman a bharrachd gus seòrsaichean solair cruthachail ùra a chruthachadh a fhreagras air feumalachdan chloinne is theaghlaichean.

Contact

Email: ELCPartnershipForum@gov.scot

Back to top