An Toiseach as Fheàrr: Plana ro-innleachdail airson tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne aig aois sgoile airson Alba 2022-26 An Dàmhair 2022
Gaelic version of plan setting out how we will embed the benefits of our transformational investment in 1140 hours of high quality funded early learning and childcare. It also explains our approach to expanding our childcare offer over the next four years.
Prìomhachas 4: A' dèanamh cinnteach gu bheil na h-àrd-amasan againn stèidhichte air frèaman maoineachaidh agus builean cothromach, dàta làidir agus buidhnean a tha ag obair còmhla gus taic a chumail ri deagh bhuilean do chloinn is theaghlaichean
Maoineachadh cothromach, frèaman builean, agus dàta làidir
Tha a' chiad bhliadhna shlàn de bhuileachadh de 1140 uair a thìde de ELC de chàileachd àrd air tachairt a-nis, agus tha sinn a' dol a-steach gu suidheachadh nas seasmhaiche de bhith a' stèidheachadh agus a' leasachadh sheirbheisean, agus tha e cudromach a-nis gum bi seo air a neartachadh le dòigh-obrach sheasmhach, fhad-ùine a thaobh maoineachadh le riaghaltas ionadail agus do luchd-solair. Bu chòir seo taic a chumail ri làn bhuileachadh nan 1140 uair a thìde air feadh na roinne, a' gabhail a-steach atharrachaidhean ann an iarrtas, cosgaisean lìbhrigidh caochlaideach, agus atharrachaidhean deamografach bho 2018. Tha an àireamh de chloinn aig aois ELC (clann eadar dà agus còig bliadhna a dh'aois) ann an Alba seachd sa cheud nas ìsle ann an 2022 na bhathas an dùil aig toiseach leudachaidh ELC.[34], agus thathar an dùil gun lean an tuiteam seo thairis air an ath 10 bliadhna.[35]
Àireamh-sluaigh na Cloinne
Àireamh-sluaigh na Cloinne (ro-mheasaidhean)
Tha an àireamh romheasta de chloinn aois 0 gu 5 air tuiteam gach bliadhna bho 2013, agus tha an tuairmse airson clann aois 2 gu 5 air tuiteam bho 2014.
A' coimhead air an ùine gu 2030, tha Clàran Nàiseanta na h-Alba a' ro-mheasadh gum bi crìonadh a bharrachd ann an àireamh na cloinne.
Bheireadh an treand seo buaidh air an àireamh chloinne a tha ionroghnach air seirbheisean cùram-chloinne.
[Tùs: Clàran Nàiseanta na h-Alba[36]]
Tha Lèirmheas Caitheamh Stòras 2022[37] a' dearbhadh ar rùn a bhith ag obair le COSLA agus SOLACE gus Aonta Ùr aontachadh airson riaghaltas ionadail ann an Alba. Tha seo a' sealltainn miann air gach taobh gus an dàimh eadar Riaghaltas na h-Alba agus riaghaltas ionadail ath-shuidheachadh, gus barrachd sùbailteachd air rèiteachaidhean ionmhais ionadail a chothromachadh le cunntachalachd nas soilleire gus prìomhachasan nàiseanta a lìbhrigeadh. Cumaidh sinn oirnn ag obair ann an dlùth chom-pàirteachas le COSLA agus co-obraichean riaghaltais ionadail gus molaidhean a chruthachadh airson aonta ionmhais fad-ùine a tha a' gabhail a-steach a h-uile seirbheis ELC maoinichte agus a tha ag amas air prìomhachasan agus builean coitcheann a lìbhrigeadh.
Ro 2025 tha sinn air aontachadh obrachadh leis na com-pàirtichean againn san roinn gus frèama builean agus tomhais a chruthachadh airson ELC maoinichte – aig Riaghaltas na h-Alba agus riaghaltas ionadail còmhla – a bheir seachad fianais gus taic a thoirt do lìbhrigeadh seirbheis an dà chuid gu nàiseanta agus gu h-ionadail, a' tabhann barrachd follaiseachd agus dearbhaidh, agus a tha a' cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil luach an airgid ann. Ann a bhith a' cruthachadh an fhrèama seo togaidh sinn air an obair a rinneadh mar-thà gus frèam Builean Sunnd Cloinne is Dhaoine Òga a chruthachadh, agus togaidh sinn air an fhianais a tha a' tighinn am bàrr bhon mheasadh againn air leudachadh air ELC maoinichte.
A' sgioblachadh agus a' sìmpleachadh na dòigh-obrach airson sgrùdadh air Tràth-ionnsachadh agus Cùram-chloinne agus seirbheisean cùram-chloinne aig aois sgoile
Nuair a bha e ag obair air an aithisg aige 'Putting Children at the Centre: A Vision for Scottish Education'[38], chuala an t-Àrd-ollamh Ken Muir gu cunbhalach mu na dùbhlain a tha mu choinneamh solaraichean ELC mar thoradh air an dòigh sgrùdaidh làithreach, far am bi cuid de shuidheachaidhean a tha a' toirt seachad uairean ELC maoinichte air an sgrùdadh leis an dà chuid Luchd-sgrùdaidh Foghlaim na Banrigh (HMIE) agus Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim.
Mar fhreagairt air draghan a chaidh a thogail gu bheil an dòigh-obrach seo a' cruthachadh dùblachadh oidhirp, iom-fhillteachd agus uallaichean air solaraichean ELC nach eil a dhìth, mhol an t-Àrd-ollamh Muir gum biodh frèama sgrùdaidh co-roinnte airson ELC air a chruthachadh eadar Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim agus an neach-sgrùdaidh foghlaim ùr.
Tha seo air cothrom cudromach a chruthachadh airson deasbad nas fharsainge mu àite sgrùdaidh ann a bhith a' cumail taic ri lìbhrigeadh solair àrd-inbhe thar gach seirbheis cùram-chloinne tràth-ionnsachaidh agus aig aois sgoile, agus bidh sgrùdadh nan seirbheisean sin mar phàirt den deasbad nàiseanta air na tha an dàn do dh'fhoghlam ann an Alba agus an lèirsinn a bhios ann. Tha sinn a' tòiseachadh bhon dòigh-obrach iomlanach a chaidh a chur an cèill ann an 'A' coileanadh a' Chomais: Annam Fhèin', ag aithneachadh gum bu chòir do bhuidhnean a bhith ag obair còmhla gus taic a chumail ri, leasachadh agus ionnsachadh chloinne tro chluich anns na bliadhnaichean tràtha thairis air an obair leasachaidh agus sgrùdaidh aca.
Mar fhreagairt do dh'aithisg an Àrd-ollaimh Muir dh'fhoillsich sinn co-chomhairle air 11 Iuchar 2022 a' mìneachadh na lèirsinn againn airson sgrùdadh air seirbheisean tràth-ionnsachaidh agus seirbheisean cùram-chloinne aig aois sgoile agus nam prionnsapalan stiùiridh a tha mar bhunait air an dòigh-obrach againn.
Tha e a' feuchainn ri beachdan a chruinneachadh mu mholaidhean sònraichte gus sgrùdadh tràth-ionnsachaidh agus seirbheisean cùram cloinne aig aois sgoile a sgioblachadh agus a leasachadh tro bhith a' toirt a-steach frèama sgrùdaidh co-roinnte. Foillsichidh sinn co-dhùnaidhean na co-chomhairle tràth ann an 2023 agus cuiridh sinn an cèill dè na ceumannan a ghabhas sinn gus dèanamh cinnteach gu bheil am frèama nàiseanta ùr ann airson sgrùdadh air seirbheisean tràth-ionnsachaidh agus cùram-chloinne aig aois sgoile iomchaidh.
Fhad 's a tha a' cho-chomhairle a' dol air adhart agus molaidhean airson leasachadh air an cruthachadh agus air an aontachadh, tha Foghlam Alba agus Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim gu mòr airson co-obrachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil ullachadh airson sgrùdadh cho ceangailte, soilleir agus èifeachdach 's a ghabhas. Tha seo a' gabhail a-steach a bhith a' dèanamh sgrùdaidhean co-roinnte air suidheachaidhean thairis air an ath bhliadhna acadaimigeach, far a bheil sin iomchaidh.
A' dèanamh cinnteach gu bheil Tràth-ionnsachadh agus Cùram-chloinne agus seirbheisean cùram-chloinne aig aois sgoile mar phàirt de cho-obrachadh gus dèiligeadh ri bochdainn chloinne ann an coimhearsnachdan
Tha sinn ag obair gus dèanamh cinnteach gu bheil tasgadh ann a bhith a' cruthachadh tairgse obrach neartaichte, amalaichte do phàrantan agus luchd-cùraim bho na teaghlaichean le prìomhachais a tha air an comharrachadh ann am 'Best Start, Bright Futures' a' freagairt air feumalachdan agus suidheachaidhean fa leth. Mar phàirt den phoileasaidh seo bheir sinn cothrom air taic bho phrìomh luchd-obrach sònraichte do phàrantan agus luchd-cùraim, cho math ri cothrom air an trèanadh agus na sgilean a dh'fheumas iad airson obair fhaighinn, a chumail suas agus adhartas a dhèanamh san obair. Bidh seo ag obair mar phàirt den dòigh-obrach 'gun doras ceàrr' a tha a' ceangal theaghlaichean ri ELC, cùram-chloinne aig aois sgoile, còmhdhail, sunnd teaghlaich slàn agus seirbheisean comhairle ionmhais.
Tha seo dlùth-cheangailte ris an dealas againn a bhith ag obair leis na com-pàirtichean againn, a' gabhail a-steach ùghdarrasan ionadail, gus Maoin Eadar-ghluasaid Phàrantach ùr a chruthachadh agus a bhuileachadh gus dèiligeadh ris an neo-thèarainteachd ionmhasail a tha mu choinneamh phàrantan is luchd-cùraim nuair a thig iad a-steach dhan mhargaidh obrach.
Lìbhrigidh an Com-pàirteachas Ùr-ghnàthachaidh Sòisealta againn modail Flourishing Lives de thaic iomlan do dhaoine a bheir piseach air an sunnd, a fhreagras air na feumalachdan geàrr-ùine aca, agus a bheir taic do na h-amasan fad-ùine aca, a' gabhail a-steach cothrom air cosnadh agus dàimhean teaghlaich nas fheàrr. Feuchaidh sinn cuideachd ri dèiligeadh ri cnapan-starra agus obraichidh sinn le com-pàirtichean gus cothrom air roghainnean cùram-chloinne maoinichte, roghainnean obrach sùbailte agus sunnd san àite-obrach a bhrosnachadh.
Nì sinn deuchainn air agus ionnsaichidh sinn tro thùsarain ionadail, ag obair gu dlùth le com-pàirtichean ionadail, agus pàrantan agus luchd-cùraim, gus tairgsean taic amalaichte a dhealbhadh do theaghlaichean ann am bochdainn. Bidh prògraman tùsail an dà chuid ann an Dùn Dè agus ann an Glaschu a' tarraing air na dh'ionnsaich com-pàirtichean ionadail agus buidhnean coimhearsnachd gus feumalachdan ionadail sònraichte a thuigsinn agus gus dòigh-obrach a chruthachadh stèidhichte air eòlas-beatha.
Contact
Email: ELCPartnershipForum@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback