An Toiseach as Fheàrr: Plana ro-innleachdail airson tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne aig aois sgoile airson Alba 2022-26 An Dàmhair 2022

Gaelic version of plan setting out how we will embed the benefits of our transformational investment in 1140 hours of high quality funded early learning and childcare. It also explains our approach to expanding our childcare offer over the next four years.


Ar dòigh-obrach a thaobh dealbhadh is lìbhrigeadh poileasaidh

Tha leudachadh gu 1140 uair a thìde de ELC maoinichte air tòrr cothroman ionnsachaidh a thoirt do Riaghaltas na h-Alba agus do na com-pàirtichean againn mu bhith a' lìbhrigeadh prògram nàiseanta den sgèile seo ann an àm cho goirid. Tha na prionnsapalan a shuidhich sinn ann an 2016 – càileachd, sùbailteachd, ruigsinneachd, agus prìs reusanta – fhathast a' sealltainn na tha sinn airson fhaicinn bho sheirbheisean ELC maoinichte sna bliadhnaichean ri teachd.

Ged a tha dùbhlain air a bhith ann, mar a bhios le prògram sam bith den mheud seo, tha obair ga dèanamh gus làn bhuannachdan prògram leudachaidh nan 1140 uair a thìde a thoirt gu buil, agus tha e air sealltainn na ghabhas dèanamh tro cho-obrachadh. Tha an cultar agus na luachan ris an do ghabh sinn tron dòigh-obrach co-obrachail, frèama shochairean soilleir agus co-riaghladh le riaghaltas nàiseanta is ionadail – a' tarraing air barantas neo-eisimeileach agus dàta lìbhrigidh làidir – uile air cuideachadh gus dèanamh cinnteach gun tèid na h-uairean leudaichte a lìbhrigeadh gu soirbheachail bhon Lùnastal 2021.

Mar thoradh air an ionnsachadh seo, bheir sinn ùine gus dèanamh cinnteach gu bheil dealbhadh poileasaidh agus conaltradh mu na tairgsean cùram-chloinne againn san àm ri teachd ceart, ag aithneachadh gum feum iad a bhith iomchaidh a rèir feumalachdan phàrantan, luchd-cùraim agus teaghlaichean agus gum bi iad sin eadar-dhealaichte a rèir aois is ìrean chloinne agus suidheachadh an cuid theaghlaichean. Obraichidh sinn gu dlùth cuideachd ri solaraichean anns na roinnean poblach, prìobhaideach, san treas roinn agus ann an roinn an luchd-aireachaidh chloinne tron phròiseas dealbhaidh againn air fad.

Airson clann agus teaghlaichean ann an sgìrean iomallach agus dùthchail na h-Alba, tha sin a' ciallachadh gum feumar a bhith ag obair gu h-ùr-ghnàthach gus feum a dhèanamh de na cothroman gun samhail – agus gus aghaidh a chur air na dùbhlain shònraichte – do choimhearsnachdan anns na sgìrean sin. Mar eisimpleir, bidh e cudromach smaoineachadh gu cruthachail air mar a bhios sinn a' maoineachadh agus a' lìbhrigeadh sheirbheisean do chloinn de dhiofar aoisean còmhla, a' dèanamh feum air stòrasan coimhearsnachd a th' ann mar-thà, agus a' beachdachadh air modailean seirbheis a tha ag obair thairis air sgìrean mòra.

Ann a bhith a' dealbhadh poileasaidh ùr, feumaidh sinn daonnan cuimhneachadh air cho cudromach 's a tha còraichean is guthan chloinne, agus tha sinn fhathast dealasach a thaobh a bhith a' co-chomhairleachadh le cloinn mu chùisean a tha a' toirt buaidh orra.

Tha na prionnsapalan dealbhaidh againn a' gabhail a-staigh an dealais againn a thaobh dealbhadh poileasaidh a tha stèidhichte air fianais, stèidhichte air daoine, agus air a bhith ag obair le teaghlaichean, luchd-ùidh, seirbheisean agus proifeiseantaich thar na roinne gu lèir eadar seo agus 2026 agus sinn a' togail comas airson ar geallaidhean cùram-chloinne san àm ri teachd:

  • Co-dhealbhadh: dealbhaichidh sinn ar tairgsean cùram-chloinne san àm ri teachd còmhla ri daoine agus an coimhearsnachdan.
  • Ùr-ghnàthachadh: cha bhi modailean lìbhrigidh a th' ann mar-thà a' cur bacadh oirnn - cuiridh sinn fòcas air a bhith a' dealbhadh shiostaman a tha iomchaidh do dhaoine agus do na coimhearsnachdan aca, agus a bhios a' togail air stòrasan a th' ann mar-thà tarsainn nan roinnean tràth-ionnsachaidh agus cùram-chloinne aig aois sgoile.
  • Com-pàirteachas: obraichidh tron roinn phoblaich agus saoghal an luchd-lìbhrigidh san fharsaingeachd gus siostaman a dhealbh a bhios a' ceangal sheirbheisean agus a' fuasgladh cheistean slàn dhaibh.

Nì sinn cinnteach gun toir ar dealbhadh poileasaidh aire do na[39] prìomh phrionnsabalan taic teaghlaich coileanta aig a' Bhuidhinn Comhairleachaidh Taic Teaghlaich a ghabhas cur an sàs ann an seirbheis no eadar-obrachadh sam bith a tha a' toirt taic do theaghlaichean. Bu chòir do sheirbheisean mar seo: a bhith gun stiogma; a bhith a' dèiligeadh ris an teaghlach gu h-iomlan; a bhith stèidhichte air feumalachdan; a bhith stèidhichte air stòrasan agus coimhearsnachd; a bhith aig an àm cheart agus seasmhach; a bhith air am brosnachadh; a bhith a' toirt aire do ghuthan theaghlaichean; a bhith co-obrachail agus gun chnap-starra; bu chòir feachd-obrach sgileil agus a tha a' faighinn taic a bhith aca; agus a bhith air a neartachadh le còraichean chloinne. Nì sinn cinnteach gu bheil feumalachdan chloinne a tha no a bha ann an cùram aig cridhe ar n-obair dealbhachaidh poileasaidh, a' cur ri ar gealltanas gus #An Gealladh a chumail.

Tha na prionnsapalan lìbhrigidh againn a' mìneachadh na bu chòir pàrantan, luchd-cùraim agus clann a bhith an dùil bho sheirbheisean:

  • Càileachd: tha seo bunaiteach do bhuilean chloinne agus do sholarachadh sheirbheisean maoinichte.
  • Sùbailteachd: feumaidh seirbheisean a bhith a rèir mar a tha beatha dhaoine, ag aithneachadh gu bheil feumalachdan eadar-dhealaichte aig diofar theaghlaichean.
  • So-ruigsinneachd: feumaidh daoine ann an diofar phàirtean den dùthaich cothrom fhaighinn air seirbheisean a tha a rèir feumalachdan agus feartan am beatha fhèin, agus a tha freumhaichte sna coimhearsnachdan againn.
  • Prìs ruigsinneach: tha sinn airson 's gum bi an raon as fharsainge de dhaoine comasach air na seirbheisean againn a chleachdadh, agus mar sin feumaidh cosgais a bhith a rèir comas pàighidh agus feumar na buannachdan eaconamach nas fharsainge a thig an cois cothrom air tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne aig aois sgoile aithneachadh.

Leasaichidh agus atharraichidh sinn iad sin thar cùrsa na Pàrlamaid seo nuair a thig fianais ùr am follais, agus mar thoradh air conaltradh a nì sinn le com-pàirtichean agus luchd-cleachdaidh seirbheis.

Contact

Email: ELCPartnershipForum@gov.scot

Back to top